10 Òrain | An t-Ògmhios

A’ gabhail a-steach duais Clàr Albannach na Bliadhna, Cupa na Cruinne agus tionndadh jazz air Loch Lomond, tha Calum MacConaill air ais le taghadh eile de na h-òrain as fheàrr leis a’ mhìos seo.

 

1. BOBBY WOMACK – Across 110th Street

Chan urrainn dhomh tòiseachadh an àite sam bith eile. Às dèidh na naidheachdan duilich a chluinntinn Disathairne, dh’èist mi ri cuid de na h-òrain aig Bobby Womack. Tha a ghuth sònraichte math, is tha mi cinnteach gum bi daoine ag èisteachd ris na h-òrain aige ann an leth-cheud bliadhna eile. Ged a bha trioblaidean aige tron bheatha, chùm e a’ dol, is thill e gu saoghal ciùil às dèidh ùine mhòr air falbh bhuaithe ann an 2010, le guth cho làidir ’s a bha e riamh. Chluich e an consart mu dheireadh aige dìreach dà sheachdain air ais.

Chunnaic mi an duine aig an Fhèis Celtic Connections ann an Glaschu aig toiseach na bliadhna, is aig toiseach a’ chonsairt, chuir e iongnadh orm dìreach cho cugallach ’s a bha e air a chasan. Bha cuideigin nach robh a’ cluich mar phàirt den chòmhlan ga chuideachadh timcheall an àrd-ùrlar, is bha e follaiseach nach robh e ann an deagh shlàinte. Ach, aon uair ’s gun do thòisich e seinn, dhìochuimhnich an luchd-èisteachd gur e duine tinn a bh’ ann, is cha b’ e ach seinneadair a bh’ ann dhuinn a-rithist. Tha mi taingeil gun d’ fhuair mi cothrom Womack fhaicinn mus do chaochail e, ach duilich nach fhaigh mi an cothrom a-rithist.

 

2. YOUNG FATHERS – I Heard

Air an naoidheamh latha deug den Ògmhios, bha oidhche mhòr aca shìos ann an Glaschu airson duais Clàr Albannach na Bliadhna a thoirt gu aon chòmhlan/seinneadair fortanach. ’S e gearr-liosta sgoinneil a bh’ ann, le deich clàran air ’s e a’ gabhail a-steach Biffy Clyro, CHVRCHES, Boards of Canada, Edwyn Collins agus Mogwai. Ach, aig deireadh na h-oidhche, ’s e Young Fathers a ghlèidh an duais, is iad a bha airidh air. Ged a tha iad air clàr eile a chur air bhog bhon uair sin, ’s ann airson an dàrna mixtape aca, Tape Two, a bhuannaich iad an duais. Seo a’ chiad òran a th’ air an EP sin, I Heard.

 

3. INTERPOL – Anywhere

Tha Interpol air a bhith gu math sàmhach airson grunn bliadhnaichean, ach tha mi uabhasach toilichte fhaicinn gu bheil iad air ais le clàr ùr a thig a-mach air an ochdamh latha den t-Sultain. ’S e El Pintor an t-ainm a th’ air a’ chlàr, is sin a’ ciallachadh ‘Am Peantair’ ann an Spàinntis. Ach, ’s e anagram a th’ ann airson Interpol cuideachd. Glic, huh? Seo an t-òran Anywhere a nochdas air a’ chlàr. Chaidh a’ video a chlàradh aig an Acadamaidh Brixton ann an Lunainn air ais anns a’ Mhàrt.

 

4. JOTA QUEST FEAT. NILE RODGERS – Mandou Bem

Tha Cupa na Cruinne a’ gluasad air adhart aig astar luath, ach co-fharpais math air a bhith ann gu ruige seo, le connspaid gu leòr na lùib. Ach, dè tha iad ag èisteachd ris ann am Brasil na làitheans’? Seo aon de na h-òrain as ainmeile a chaidh a chluich anns na clubaichean air feadh na dùthcha an-uiridh. Jota Quest, còmhlan a tha air a bhith cluich còmhla airson faisg air fichead bliadhna, is iad ag obair còmhla ri Nile Rodgers air an òran seo. Tha e coltach gu bheil a h-uile duine airson obrachadh le Rodgers an-dràsta às dèidh an soirbheachas a bh’ aige leis an òran Get Lucky le Daft Punk.

 

5. DUKE SPECIAL – Our Love Goes Deeper Than This

Tha cuimhn’ a’m a’ chiad turas a chunnaic mi Duke Special aig Belladrum. Nuair a choisich e a-mach air an àrd-ùrlar, bha mi an dùil ri ceòl trom. Mura chunnaic thu Duke Special a-riamh, seo e:

Duke-Special

Ach, an rud mu dheidhinn Duke Special, tha e a’ cluich ceòl pop cho math ’s a chluinneas sibh an latha an-diugh. Tha guth binn aige, is am blas Èireannach a th’ air a’ tighinn gu follais. Agus an rud as fheàrr ma dheidhinn, tha e a’ tòiseachadh cuairt-chiùil Albannach Dimàirt sa tighinn. Bidh e a’ cluich ann an Steòrnabhagh, Ulapul, Inbhir Nis, an Aghaidh Mhòr, Muile, Dùn Dèagh agus Obar Dheathain. Ma bhios sibh faisg air gin de na h-àiteachan sin, mholainns’dhuibh a dhol ann gun teagamh sam bith. Barrachd fiosrachaidh an seo.

 

6. BLOOD ORANGE – You’re Not Good Enough

’S e neach-ciùil trang a th’ ann an Dev Hynes. Nuair nach eil e a’ cluich consartan mar Lightspeed Champion no Blood Orange, bidh e a’ sgrìobhadh òrain airson luchd-ciùil eile, leithid Florence and the Machine, Diana Vickers is na Bràithrean Ceimigeach. Cuideachd, sgrìobh e na h-òrain airson an fhilm Palo Alto a tha stèidhichte air na sgeulachdan goirid aig a’ chleasaiche James Franco. Chaidh am film a stiùireadh le Gia Coppola, is ise nighean-mhic Francis Ford Coppola. Ged a thàinig an t-òran a-mach an-uiridh, thàinig a’ bhideo-ciùil a-mach a’ mhìos-sa, is tha e gu math èibhinn. Cha robh fhios a’m gun robh Hynes cho math air dannsa…. cha chan mi cus!

 

7. THE GASLIGHT ANTHEM – Rollin’ and Tumblin’

Seo còmhlan a tha a’ dol bho neart gu neart, is bidh an còigeamh clàr aca a’ tighinn a-mach san Lùnastal. Tha tòrr dhaoine ainmeil gu math measail air The Gaslight Anthem, leithid A’ Bhoss fhèin, Bruce Springsteen, ach saoil am bi iad cho dèidheil air an òran ùr a tha seo? Òran rud beag nas truime na cuid de na h-òrain eile aca, is Brian Fallon nas coltaiche ri James Hetfield aig an toiseach na tha e ri Springsteen. Ach seo òran sgoinneil eile bho na balaich, is tha mi cinnteach gum bi an clàr aca a cheart cho math.

 

8. NIEVES – Symmetry

Chan eil ach dithis sa chòmhlan ùr seo, stèidhichte ann an Glaschu. Tha mi a’ cluinntinn tòrr chòmhlain eile nan cuid ciùil, ach tha rudeigin ùr aca cuideachd. Tha guth an t-seinneadair cho coltach ri Ross Leighton bhon chòmhlan Fatherson, ’s dòcha gur esan a th’ ann, chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt! Seo òran snog a chur iad suas air an duilleig Soundcloud aca beagan sheachdainean air ais. Tha mi a’ coimhead air adhart ri barrachd a chluinntinn bho Nieves.

 

9. THE ANTLERS – Hotel

Còmhlan-ciùil às na Stàitean Aonaichte a tha seo, a tha a’ sìor-fhàs nas ainmeile an-dràsta. Thàinig an ceathramh clàr aca, Familiars, a-mach beagan seachdainnean air ais. Tha fhios a’am, thagh mi òran eile bhuapa, Palace, airson a liosta agam dà mhìos air ais – ach ’s toil leam an còmhlan gu mòr!

 

10. MAXINE SULLIVAN – Loch Lomond

Ma chuireas tu seachad ùine gu leòr air Youtube, lorgaidh tu rudan eadar-dhealaichte is annasach. Sin a rinn mi aon latha beagan bliadhnaichean air ais nuair a lorg mi seo, an seinneadair jazz Maxine Sullivan a’ seinn Loch Lomond. Dh’fhoillsich leabhar an òrain air ais ann am meadhan an naoidheamh linn deug airson a’ chiad turas, ach chaidh seo a chlàradh air ais ann an 1937. A-rèir coltais, ’s e seo an t-òran as ainmeile a bh’ aig Sullivan a-riamh. B’ e Sullivan aon de na seinneadairean a b’ fheàrr a bha timcheall anns na tritheadan, is tha mi cinnteach gun do thug e buaidh air gu leòr sheinneadairean eile a thàinig às a dèidh. Seo fhathast aon de na dreachan as fheàrr leam air an òran.

– Calum MacConaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach