10 Òran | Am Màrt

10 òran‘S e seachdain trang a th’ air a bhith againn aig Dàna, ach ’s e Dihaoine a th’ ann a-diugh, ’s deagh àm son beagan fois a ghabhail  le ceòl math.

Seo deich òran dhuibh a chaidh a mholadh le Calum MacConaill.

 

 

 

1. Digital Witness | St. Vincent

Feumaidh mi aideachadh gu bheil mi dìreach air cluinntinn mu dheidhinn St Vincent o chionn ghoirid, ’s tha mi air mo nàrachadh mu dheidhinn sin. Mhol Lauren Laverne i air Twitter, ’s gu dearbha, tha St Vincent airidh air na molaidhean. ‘S e seinneadair Ameireaganach a th’ innte, agus tha i a’ cluich ceòl cho ùr is cho eadar-dhealaichte bho dhuine sam bith eile a thathar a’ cluinntinn an-dràsta. Seo òran a tha air a’ chòigeamh chlàr aice, a thàinig a-mach an t-seachdain sa chaidh. Mur còrd an t-òran seo riut, feuch feadhainn de na h-òrain eile aice, leithid Cruel, Cheerleader neo Who, òran a rinn i còmhla ri Daibhidh Byrne. (’S e sin Daibhidh Byrne bho na Talking Heads, chan e an neach-craolaidh siubhail…)

 

2. Pale Sun Rose | Matthew and the Atlas 

S e còmhlan ùr a th’ ann am Matthew and the Atlas a tha stèidhichte ann an Lunnainn. Nochdaidh an t-òran seo air a’ chiad chlàr aca air a bheil an t-ainm Other Rivers, is thig sin a-mach air 14mh den Ghiblean. Òran snog dha-rìribh, ach video a bhios a’ fàgail droch aislingean agad.

 

3. An Seanduine Dóite | Aodh Mac Ruarí

S ann à Dùn nan Gall a tha an seinneadair Èireannach Aodh Mac Ruairi. Seo òran air am bi luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal eòlach, le Seonag is Mairead ga chluich gu math tric air Caithream Ciùil. Tha an t-òran ri fhaighinn air a’ chlàr Ceol Cheann Dubhrann a chaidh a chlàradh le Manus Lunny, a tha na bhall ann an Capercaillie.

 

4. Iron Sky | Paolo Nutini

Tha Paolo Nutini air ais le clàr ùr, is ged nach eil mi uabhasach measail air an t-seinneadair Albannach, tha fios a’m gu bheil tàlant sònraichte aige. ’S e òran sgoinneil a tha seo, caran coltach ri seann òrain soul a chluinneadh tu air ais anns na seasgadan. Tha mi a’ smaoineachadh gur ann mu dheidhinn neo-eisimeileachd a tha an t-òran seo, is tha Nutini a’ measgachadh ceòl is poileataigs ri chèile ann an stoidhle mhath, leis na faclan aige fhèin agus pìos bhon òraid ainmeil aig Charlie Chaplin anns an fhiolm The Dictator. Chanainns’ gun còrd an t-òran riut mura bheil ùidh agad ann am poileataigs, ge-tà. Chuir Adele drannd (tweet) a-mach o chionn seachdain mu dheidhinn a’ video seo, is thuirt i gur e sin “fear de na rudan as fheàrr a chunnaic mi nam bheatha air fad.”

 

5. The Fathom Line | The Hazey Janes

Tha mi air a bhith a’ leantainn na Hazey Janes bhon a fhuair mi a-mach gun robh dithis chloinne aig Mìcheal Marra, nach maireann, a’ cluich sa chòmhlan. Nam bheachd-sa, b’ e aon de na sgrìobhadairean Albannach a b’ fheàrr a bh’ ann am Marra, is tha Alice is Matthew ceart cho tàlantach ’s a bha an athair , ged a tha an stoidhle ciùil a bhios iad a’ cluich eadar-dhealaichte. Tha mi a’ dèanamh fiughar ris a’ chlàr ùr aca, Language of Faint Theory, a bhios ri fhaicinn anns na bùithtean as t-samhradh.

 

6. Fat Suit | No Regrets

Tha mi air bhioran mun chòmhlan ùr a tha seo, is a’ gabhail fadachd am faicinn beò. ’S e còmhlan traidiseanta a th’ ann sa chiad dol a-mach, ach le buaidh jazz orra, cuideachd. ’S e fonn àlainn a th’ ann an No Regrets: sia mionaidean de cheòl binn a chaidh a sgrìobhadh le Mhairi Marwick, a bh’ anns a’ chuairt dheireannach den duais Neach-Ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna o chionn ghoirid. Tha a’ video air a bhith ga chluich barrachd na trì mìle turas air YouTube sa mhìos a chaidh seachad, is chan e mise as coireach ach airson dà mhìle dhiubh.

7. Senandoah | Arlo Guthrie

Chuala mi an t-òran seo mìos air ais airson a’ chiad turais a-riamh. ’S e òran traidiseanta Ameireaganach a chaidh a sgrìobhadh anns an naoidheamh linn deug, is chuala mi e anns a’ chiad sreath den phrògram House of Cards. Faisg air deireadh an t-sreatha, tha Francis Underwood (a tha na phrìomh charactar) air tilleadh dhan t-seann cholaiste a bha e a’ frithealadh far an deach togalach ainmeachadh às a dhèidh. Bha oidhche mhòr aig Francis is na caraidean aige, is sheinn iad an t-òran seo còmhla ri chèile. Aon uair ’s gun cuala mi an t-òran, bha mi airson faighinn a-mach dè bh’ ann. Seo an dreach aig Arlo Guthrie air.

 

8. Boris | Lo Fang

S e seinneadair à Maryland a th’ ann an Lo-Fang, is còrdaidh seo riut ma tha thu measail air Bon Iver is James Blake, chanainn. Tha tòrr dhaoine air a bhith dèanamh comasan eadar James Blake is Lo-Fang gu sònraichte. Cùm do shùilean a-mach is do chluasan fosgailte airson barrachd stuth bho Lo-Fang am-bliadhna. Faodar a’ chlàr aige, Blue Film, a cheannach an-dràsta.

 

9. La Vérité | François and the Atlas Mountains

Tuigidh mi gu bheil La Verité a’ ciallachadh “an fhìrinn”, mas math mo chuimhne. (Chan eil mi buileach cinnteach air sin, air sgàth ’s (mar a thuirt Girls Aloud) nach eil Fraingis agam, leis gun d’ rinn mi Gàidhlig aig Ìre-choitcheann ann an àrd-sgoil). Còmhlan Frangach eile a tha a’ leantainn air còmhlain mar Phoenix. B’ àbhaist dhaibh a bhith stèidhichte ann am Brighton, ach tha iad uile a-nis a’ fuireach san Fhraing a-rithist. Bidh iad a’ cluich ann an Glaschu aig deireadh na mìosa.

 

10. Ben’s My Friend | Sun Kil Moon

Tha Mark Kozelek – neo Sun Kil Moon, mar as fheàrr a dh’aithnichear daoine e sa ghnìomhachas ciùil – air ais na aonar le clàr ùr. Dh’obraich e còmhla ri The Album Leaf air a’ chlàr mu dheireadh aige, ach seo òran brèagha bhon chlàr Benji. ’S e duine sunndach a th’ ann an Kozelek, agus ’s ann mu dheidhinn bàsmhorachd a tha a’ mhòr-chuid den chlàr.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach