10 Òran | An Cèitean

Uill, tha An Cèitean seachad – cuin a thachair sin?! – agus Calum MacConaill air ais le taghadh de na h-òrain b’ fheàrr leis am mìos sa chaidh.  A bheil molaidhean a bharrachd agaibhse?

 

1. The Way We Do It | Jurassic 5

Tha Jurassic 5 air ais le clàr ùr, agus ma tha e cho math ris an òran seo, tha mi cinnteach gum bi e soirbheachail. A’ cleachdadh an òrain My Doorbell aig na White Stripes air cùl nam faclan is na seinn, tha gach ball a’ faighinn cothrom na pàirtean aca fhèin a sheinn. Tha iad air a bhith feitheamh fada gu leòr co-dhiù, seachd bliadhna bhon a chaidh an còmhlan a sgaradh. Agus, feumaidh mi ràdh, tha spèis agam air rapper sam bith as urrainn bruidhinn mu dheidhinn ceapairean hama san òran aca. Bidh iad a’ cluich aig an 02 ABC ann an Glaschu air an treas latha air fhichead den Ògmhios.

2. At Night In Dreams | White Denim

Tha am measgachadh ciùil aig Jools Holland inntinneach an-còmhnaidh, nach eil? Aon mhionaid, bidh Holland a’ cur fàilte air seinneadair mar Laura Mvula, is an uair sin a’ tionndadh gu Metallica san oisean eile. Ach sin an rud a tha a’ còrdadh rium mun phrògram, tha rudeigin ann son a h-uile duine, is cluinnidh tu còmhlain mhath nach cuala sibh riamh. Sin a thachair dà sheachdain air ais nuair a chluich White Denim an t-òran seo. Cha robh mi eòlach orra idir, ach thog iad m’ aire, is tha mi air a bhith ag èisteachd ris an òran gun sgur o chionn ghoirid. Saoilidh mi gum biodh iad sgoinneil beò cuideachd.

3. Unicorn | Basement Jaxx

Mas e gur e ceòl dannsa a bhios a’ còrdadh riut, cluinnidh sibh an t-òran seo fad an t-samhraidh anns gach àite. ‘S e deagh chòmhlan airson fèisean ciùil a th’ ann am Basement Jaxx, is tha iad tighinn air ais le òran ùr dìreach aig an àm cheart airson toiseach an t-samhraidh. Bidh sin ri fhaighinn air a’ chlàr ùr aca, Junto, a thig a-mach nas fhaide air adhart den bhliadhna.

4. Come On Over | Royal Blood

Tha an còmhlan seo air fàs cho mòr thar nam beagan mhìosan a chaidh seachad, is chluich iad air beulaibh tòrr, tòrr dhaoine aig Radio 1’s Big Weekend an t-seachdain sa chaidh, ged nach robh iad air a’ phrìomh àrd-ùrlar. Tha Royal Blood air molaidhean fhaighinn bho chòmhlain an leithid nan Arctic Monkeys, a’ sealltainn gu bheil iad a’ dèanamh rudeigin ceart. Ged nach èist mi ri ceòl trom mar seo gu math tric, chunnaic mi iad aig an fhèis ciùil Stag and Dagger aig toiseach na mìosa, is bidh mi a’ cumail mo chluasan fosgailte airson barrachd stuth bhuapa.

5. Hate Music | Owl John

Tha mi an ìre mhath cinnteach gun aithnich sibh an guth aig an t-seinneadair a tha seo. ‘S e Scott Hutchison a th’ ann, a tha na sheinneadair sa chòmhlan Albannach mhìorbhaileach, Frightened Rabbit. Mar a tha sgrìobhte air an làrach-lìn aige, chaidh an clàr aca a chruthachadh ann an dà àite gu math eadar-dhealaichte. Los Angeles air taobh an Iar nan Stàitean Aonaichte, agus Muile. Ceangal beag eadar na h-àiteachan a-nis, ach cha chanainn gum bi iad twinned san àm ri teachd…

6. May You Never | John Martyn le Kathy Matea

Aon de na h-òrain as ainmeile aig John Martyn ach air a sheinn an turas-sa le Kathy Matea, agus Danny Thompson a’ cluich còmhla riutha. Tha e doirbh dìreach aon òran a thaghadh aig Martyn, ach lorg mi a’ bhideo seo seachdain air ais, is tha na guthan brèagha aca ag obair uabhasach math còmhla. Tha fiù ’s Martyn ag aideachadh cho math ’s a tha e aig an deireadh le bhith a’ leum timcheall is ag ràdh:

“I like that one!”

Ma tha sibh measail air ceòl folk, mholainn an leabhar mu dheidhinn Martyn air a bheil an t-ainm Some People Are Crazy. Chaidh an leabhar a sgrìobhadh le John Neil Munro, is chaidh fhoillseachadh mus do chaochail Martyn ann an 2009. Abair beatha a bh’ aig an duine!

7. Time | Jungle

Aig deireadh na bliadhna an-uiridh, thuirt an iris NME gur e Jungle an còmhlan as dìomhaire a bh’ ann am Breatainn. Dh’atharraich siud gu tur nuair a chuir iad an t-òran Platoon air bhog. Bhon uair sin, chaidh iad bho neart gu neart, is e seo an t-òran singilte as ùire aca, Time.

8. The More I Have, The Less I Own | Friends in America

Còmhlan Albannach air leth tàlantach a-nis. Friends in America a th’ orra, is ged a tha caraidean aca thall anns na Stàitean, ’s e na càraidean aca bho chòmhlain mar Blood Relatives a chuidich iad leis a’ bhideo ùr a tha seo. Tha iad stèidhichte ann an Glaschu, ach bidh iad a’ cluich air feadh Alba thairis nam mìosan a tha romhainn airson na h-òrain ùra aca a bhrosnachadh. Chluich iad aig Brew at the Bog taobh a-muigh Inbhir Nis o chionn ghoirid, is thuirt iad gum b’ e an consart a bu mhotha a chòrd riutha airson greis.

9. Don’t Look Back Into The Sun | The Libertines

An t-seachdains’, thuirt na Libertines gun robh iad a’ dol a chluich anns na Barrowlands ann an Glaschu mus cluich iad aig Hyde Park san Iuchar. Chaidh na tiocaidean uile a reic uabhasach luath madainn Dihaoine, is cha d’ fhuair mi fear. Is chan eil mi a’ gabhail farmad ma fhuair thu fhèin fear. Honest……cha robh mi airson a dhol ann co-dhiù. Dh’fhàs mi suas le bhith ag èisteachd ris na Libertines, is tha cuimhn’ a’m a bhith draibheadh timcheall le caraidean tron t-samhradh leis na h-uinneagan sìos ag èisteachd riutha. ‘S e dithis sgrìobhadair gu math tàlantach a th’ ann am Barat is Doherty, is tha mi an dòchas gun cuir iad na trioblaidean aca gu aon taobh airson na consartan sònraichte a tha seo. Chan eil fhios a’m cò bha a’ smaoineachadh gum biodh e glic na Libertines is na Pogues a chur ann aig an aon chonsairt ge-tà…

10. I’ll Get You What You Want | The Muppets

Tha fios a’m dè tha thu a’ smaoineachadh, ach carson nach eil?! Tha na Muppets air a bhith a’ còrdadh rium fad bhliadhnaichean, ach bha mi caran teagmhach nuair a thàinig iad air ais airson barrachd filmichean a dhèanamh. ‘S e co-dhùnadh glic a bh’ ann ge-tà cothrom a thoirt do Bret McKenzie na h-òrain a sgrìobhadh airson nam filmichean. Bhuannaich e duais Oscar airson an òrain ùir as fheàrr (Man or Muppet) air ais ann an 2012, is seo aon den fheadhainn as fheàrr bhon fhilm ùr, Muppets Most Wanted. Beagan amaideis, ach ’s e duine eirmseach a th’ ann am McKenzie, is sin a’ tighinn gu follais san òran. Mura bheil fios agaibh, bha Bret McKenzie na phàirt de Flight of the Conchords cuideachd, còmhlan à Sealan Nuadh a tha aithnichte airson a’ chiùil èibhinn aca.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach