10 Òran | An Dàmhair

Tha Rhona air ais le taghadh de na h-òrain as fheàrr leatha am mìos seo.

You and I – Margaret Glaspy

Nan robh thu ag èisteachd ris an rèidio sna beagan mhìosan a chaidh seachad, bidh thu air òrain Glaspy a chluinntinn,You and I, air no Emotions and Math no Somebody to Anybody, uile bhon chiad chlàr aice, air a bheil Emotions and Math, cuideachd. Bidh i a’ cluich ann an Glaschu an ath-mhìos, ach air an aon oidhche ’s a bhios Christine and the Queens a’ cluich. Taghadh doirbh a bhios ann.

 

8 (circle) – Bon Iver

Bha seinneadair R&B a-riamh a’ feitheamh am broinn Justin Vernon, an duine aig cùl a’ chòmhlain-chiùil Bon Iver, ’s e a’ feuchainn ri faighinn a-mach. Seo an t-òran far am faigh e làmh an uachdar mu dheireadh thall. San dàrna leth den òran a tha boillsgeadh an siud ’s an seo den Minnesotach eile, Prince – gu dearbh, coltach ris an Fhear Phurpaidh, sgrìobh agus chluich Vernon gach òran air a’ chlàr. Agus, ged a tha mi gu math dèidheil air guth Vernon fhèin, smaoinich dè cho math ’s a bhiodh tionndadh Prince air an òran seo.

 

Broke Me In Two – Joan as Policewoman & Benjamin Lazar Davis

Abair boireannach tàlantach a th’ ann an Joan Wasser. Trèanta mar neach-ciùil clasaigeach, bha i aig aon àm na ball den chòmhlan Antony & the Johnsons agus tha i air a bhith a’ sgrìobhadh agus a’ cluich nan òran aice fhèin fad dusan bliadhna. Cuideachd, tha i air obair mar phroducer son a’ chòmhlain Albannaich, Lau, ’s iad air an aon leubail, Reveal Records. Tha an t-òran seo bhon chlàr ùr aice a bhios a’ tighinn a-mach am mìos seo, còmhla ri Benjamin Lazar Davis, bhon chòmhlan Okervill River.

 

Bird – Billie Marten

Thàinig a’ chiad chlàr aig Marten, Writing of Blues and Yellows, a-mach am mìos sa chaidh. Tha i seachd bliadhna deug a dh’aois ach tha air a bhith a’ cluich agus a’ sgrìobhadh ceòl fad deich bliadhna mar-thà. Nach sinn tha a’ faireachdainn leisg.

 

4 Degrees – Anohni

An t-òran as fheàrr a chaidh a sgrìobhadh mu atharrachadh clìomaid a tha mi air cluinntinn gu ruige seo. Tha guth agus sgilean sgrìobhaidh Anohni cho math ’s a bha iad a-riamh air clàran Antony & the Johnsons, ach tha i gan cleachdadh ann an dòigh dhiofraichte air an òran seo, feargach agus euphoric aig an aon àm.

 

slider4

Ye Rambling Boys of Pleasure – Jarlath Henderson

Bha mi eòlach gu leòr air Jarlath Henderson mar chluicheadair pìoba ach cha robh càil a dh’fhios agam gun robh guth cho àlainn aige. Seo an tionndadh as fheàrr den òran sin a chuala mi a-riamh, agus guth Jarlath fear de na guthan as fheàrr leam ann an saoghal ceòl tradaiseanta.

 

Down – XamVolo

‘S e rionnag ùr ann an saoghal ceòl neo-soul a th’ ann an XamVolo. Cha shaoileadh tu gur ann à Sasann a bha e oir tha blas gu math Ameireaganach air a’ ghuth aige agus biodh e inntinneach an guth fìor aige a chluinntinn, nam beachd-sa co-dhiù. Fìor deagh òran, ge-tà.

 

georgia-ruth-fossil-scale-1170x650

 

 

 

 

 

 

 

 

Sylvia – Georgia Ruth

Feumaidh tu brùthadh air an dealbh seo agus sgroladh sìos air làrach-lìn Georgia Ruth gus an t-òran Sylvia a lorg air Soundcloud, ach bidh thu toilichte gun do rinn thu sin cho luath ’s a bhios an t-òran a’ tòiseachadh. Seo an aon òran air a’ chlàr aice a th’ anns a’ Chuimris agus chaidh a sgrìobhadh le Meic “Bob Dylan na Cuimrigh” Stevens. Tha Ruth air tionndaidhean Cuimris eile a dhèanamh ron sin, leithid Sbia ar y Sere le Gorky’s Zygotic Mynci. ‘S math dh’fhaoidte gun cluinn sinn òrain ùra bhuaipe sa Cuimris san àm ri teachd.

 

Shut Up Kiss Me – Angel Olsen

Ma bhios tu ann an Glaschu air an 15mh den Dàmhair bidh cothrom agad Angel Olsen fhaicinn aig SWG3. A rèir na tha sinn a’ cluinntinn bhon òran seo tha an clàr ùr aice car eadar-dhealaichte bhon fheadhainn a thàinig roimhe, ach a’ cheart cho math riutha.

 

Skeleton Tree – Nick Cave & the Bad Seeds

Feumaidh mi aideachadh nach eil mi air èisteachd ris a’ chlàr ùr aig Nick Cave and the Bad Seeds, a chaidh a sgrìobhadh an dèidh bàs mic Cave an-uiridh. Tha na h-òrain a tha mi air cluinntinn bhuaithe, leithid an fhir seo, cho àlainn ʼs gum bris iad do chridhe, làn gaoil agus pian. Tha e na mhìorbhail gun tigeadh ealain brèagha bho bhròn, ’s e a’ cur nam chuimhne facail Shomhairle an dèidh bàs a bhràthar Calum: “Tha an saoghal fhathast àlainn, ged nach eil thu ann.”

– Rhona NicDhùghaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach