Lèirmheas leabhrain | Lasair Litreachais

Chaidh an leabhran seo, Lasair Litreachais, a tha a’ taisbeanadh sgrìobhaidhean-glèidhidh a’ Mhòid 2014, a thoirt còmhla le Comhairle nan Leabhraichean ann an co-bhann ris A’ Chomunn Ghàidhealach. ’S e a th’ ann ach trusadh sgeulachdan, naidheachdan is bàrdachd le clann is inbhich aig caochladh ìrean de dh’fhileantas sa Ghàidhlig, a-rèir nam farpaisean a ghlèidh iad.

Tha naoi tagraichean uile gu lèir ann le farsaingeachd churspairean. Aon de na ciad phìosan, ’s e pìos bàrdachd le Murdo Angus Ceannadach (Sgoil na Pàirce), a ghlèidh farpais nam fileantach, aois 11-12. Thug a’ bhàrdachd seo faite-gàire air m’ aghaidh agus i cho snog. Tha Murdo Angus a’ mineachadh nan diofar dòighean a bhitheas e a’ cuideachadh athar na obair, obair na cruite agus nan cliabh. Anns gach rann, tha e a’ cur far comhair ìomhaigh fa leth den obair ris am bi athair-san. Tha e laghach da-rìribh.

Bha trì pìosan bàrdachd aig fear comasach eile, Ailean Dòmhnallach (Inbhir Narann), a ghlèidh farpais bàrdachd nan inbheach. Dar leam gur e am pìos bu làidire dhiubh a’ chiad phìos, Òran Cogaidh, far a bheil e a’ cuimhneachadh air ‘Duchan mòr’ a dh’fhalbh dhan arm dar a bha e fichead bliadhna a dh’aois ri linn an Dara Cogaidh. Tha am pìos sgiobalta na dreachd agus a’ toirt dealbh innealta dhuinn air euchdan an duine.

'Òran Cogaidh' le Ailean Dòmhnallach

‘Òran Cogaidh’ le Ailean Dòmhnallach

Nochd an Dara Cogadh ann an obair sgrìobhadair eile, Iain Cuimeanach (Taobh Siar Rois), a ghlèidh farpais sgeulachd ghoirid nan inbheach. Tha a sgeulachd, Sùilean, a’ toirt chuimhneachain chogaidh aig seann shaighdear gu bàrr, fhad ’s a tha e fhèin a’ fulang fo sheargadh inntinne. Tha cruth na sgeulachd tarraingeach, agus an leughadair air a chur an toiseachd gu teis-mheadhan a’ chogaidh sa Ghearmailt, mun atharraich àm na sgeulachd gu bliadhnaichean na dhèidh ’s e na bhodach anfhann. Tha cailleach a’ coimhead às dèidh an t-seana shaighdeir, ’s e greannach, gun a bhith ag innse dhith gu dè tha a’ cur air. Tha fhios againn gu dè tha ceàrr air, ach chan eil aig càch agus an saighdear air a bhith sàmhach cho fada mu na thachair dha sa chogadh. Mar a tha tiotal na sgeulachd ag innse dhuinn, tha àite mòr aig sùilean san sgeulachd, agus tha Iain gan cleachdadh gu math airson ùrlar a tharraing tron sgeulachd.

Sgeulachd eile a ghlac m’ aire, b’ e an sgeulachd a bh’ aige Cairistìona Stone (Gallaibh), a ghlèidh farpais rosg nan inbheach. Na bu thràithe an 2014, fhuair Cairistìona mòr-urram ann an saoghal litreachas na Gàidhlig dar a ghlèidh i Duais Dhòmhnaill Meek aig Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann airson a’ chiad leabhar aice, As a’ Bhùth ’s an Tac an Teine. Coltach ris a’ chiad leabhar aice, bha an sgeulachd seo a-mach air stòiridhean ionadail a bha timcheall dar a bha i a’ fàs suas. ’S e Murchadh cuspair na sgeulachd seo agus e cho mall ri seilcheag. Bidh athair an ùghdair ag iarraidh fhaotainn a-mach às Oifig a’ Phuist son uair shlàn aig àm lòin gach latha, ach daonnan agus Murchadh a’ tighinn air a shlighe dìreach aig àm dùnaidh. Tha an sgeulachd seo làn den phlòigh a bhitheadh eadar Murchadh agus Fear a’ Phuist, ged a bha iad a-riamh coibhneil fhèin dha chèile.

Agus san dol-seachad, a-mach às an sgrìobhadh fhèin, ’s e rud eile a mhothaicheas an t-sùil mun leabhran seo, ’s e gu bheil e taitneach fhèin is grinn air a chur ri chèile. Mar lasair neo corrachag-cagailt, tha dearg a’ chòmhdaich na chomharra dàna air an leabhar, sìmplidh ach proifeiseanta. ’S chan eil am pàipear idir faoin, mar a bhitheadh aig cuid a phasgannan sgrìobhaidh eile, ach trom is càilear. Air cùl an leabhrain, tha sgrìobhte ‘tha a h-uile sgrìobhadair airson toradh na h-obrach aca fhaicinn ann an clò’. ’S ann fada ro thric, bhitheadh pasgannan sgrìobhaidh leithid seo tuilleadh is suarach nan dreachd. Ghabhadh cùram air an dealbhadh, agus bu mhòr an airidh. Bu chòir do Dhàna rud mar seo ullachadh, nach bu chòir?

lasairlit2014-500x500

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach