Lèirmheas | Fragility aig Iomall Fèis Dhùn Èideann

Ma bhios tu ann an Dùn Èideann am mìos seo cha b’ e gainnead thachartasan a bhios na thrioblaid dhut ach ùine gu leòr gus a h-uile rud anns a bheil ùidh agad fhaicinn. Seo moladh dhuibh o Rhona.

Creative ElectricTha an t-uabhas de dhleabhan-chluich gan cur air dòigh sa bhaile san Lùnastal agus mar sin chan eil e furasta aire an t-sluaigh a ghlacadh.

Dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil rud no dhà ann a tha neo-àbhaisteach mun dealbh-chluich ùr Fragility leis a’ chompanaidh Creative Electric, ge-tà: tha na daoine air an àrd-ùrlar uile eadar 16 ’s 25 bliadhna de dh’aois agus iad uile nam fir.

Tron dealbh-chluich bheothail seo, tha cothrom againn eòlas a chur air an t-seachdnar a th’ air an àrd-ùrlar agus air na diofar bheachdan agus dhòighean-beatha a th’ aca. Tha cuid dhiubh gèidh, tha cuid nach eil; tha cuid dhiubh a’ coimhead air an àm ri teachd làn dòchais ’s miann-adhartais, agus cuid eile a’ coimhead air ais le duilichinn ’s pian. Agus mar a chì sinn bhon t-sealladh dannsaidh, tha a’ mhòr-chuid dhiubh gu math dèidheil air Beyoncé.

Tha an dealbh-chluich a’ tòiseachadh leis na faclan a leanas:
I am male. I am masculine.
I am independent.
I am non-emotional.
I am tough-skinned.
I am competitive.
I am sexually aggressive.
I am male. I am masculine.

‘S e amas a’ chompanaidh ruamhar fo uachdar an dearbh-aithne fhirinne sin, seachad air a’ ghnàth-ìomhaigh, dhan fhìrinn a tha aig cridhe beatha nan actairean.

Tha modh na companaidh gu math nàdarra ann an dòigh; chan eil tòrr chulaidhean ann, chan eil mòran de “set” aca. Ged a tha iad a’ cleachdadh beagan gluasachd sa phìos chan eil cus a bharrachd air sin ann, seach guthan nan actairean ’s iad a’ bruidhinn rinn gu dìreach, gu binn, gu h-èibhinn, gu brònach.

Chaidh an dealbh-chluich seo a chruthachadh gus guth a thoirt dha fir òga a tha a’ faireachdainn gu bheil na sgeulachdan agus am fèin-fhiosrachadh aca gan call san latha an-diugh, am measg còmhraidhean ’s deasbadan feimineachais.

Nise, a dh’innse na fìrinn, nuair a chluinneas mi rudan den leithid, cha bhi mi son èisteachd. Ged a tha an saoghal air fàs rud beag nas fheiminiche sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha a’ mhòr-chuid de sgeulachdan agus na guthan as àirde fhathast air taobh nam fear. Ma thèid dleastanas a chur air feimineachas a bhith a’ cumail sàmhach gus guthan nam fear a chluinntinn cho àrd ’s a bha iad a-riamh, cha tèid adhartas sam bith air a’ chùis.

Ach tha sgioba Fragility air dòigh a lorg guthan nam fear a thogail, fiù ’s air cuspairean troma leithid èigneachaidh, nach eil a’ cur guthan boireann nan tost. Tha na h-actairean air àite a chruthachadh dhaibh fhèin agus do na sgeulachdan aca air an àrd-ùrlair, ach aig a’ cheart àm tha iad a’ cur fàilte chridheil air daoine – boireannaich nam measg – a bhith ann còmhla riutha. (Gu dearbh, bidh iad a’ togail bhoireannaich bhon luchd-amhairc airson cuid de na seallaidhean a dhèanamh.)

Mar bhoireannach, bha e furasta dhomh a bhith bàidheil ris an dealbh-chluich seo; bha mi a’ coimhead air na h-actairean ’s a’ smaointinn air mo charaidean, mo cho-oghaichean, mo bhràthair. Ged nach robh an aon eòlas air tighinn orm nam bheatha, bha an fhealla-dhà aca a’ toirt gàire orm ’s na deòir aca a’ cur truas nam chridhe. Oir mar bhoireannaich, tha sinn cleachdte ri bhith a’ faireachdainn co-bhàidh le caractaran fireann – le duine sam bith. Chan eil e cho furasta ge-tà do dh’actairean boireann an aon cho-bhàidh fhaighinn bho luchd-amhairc fireann; aig a’ cheann thall, tha an rathad eadar beatha bhoireannaich agus tuigse fhireannaich beagan nas fhaide agus nas dorra a ghabhail.

Faic an dealbh-chluich seo ’s thig thu a-mach a’ faireachdainn beagan nas “beò”. Tha e follaiseach gu bheil na h-actairean air an dòigh, ’s iad a’ cruthachadh an aon àrainneachd am measg an luchd-amhairc. Agus mura bheil sgillinn ruadh agad, cha chuir sin stad ort: chan fheum thu pàigheadh ach nas urrainn dhut.

Tha Fragility ga stiùireadh le Heather Marshall, gluasachd le Will Stringer. ʼS iad na h-actairean: James Miller, Conor Macdonald, Mark Hannah, Lewie Watson, Gregor Campbell, Ryan Lithgow agus Alistair Maxwell. Bidh e ri fhaicinn aig Leith Walk Studios aig 7f, 15-21 An Lùnastal.

– Rhona NicDhùghaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach