Is e cridhe cultair a chànan

macro mondays:Heart

macro mondays:Heart

Sùil air a’ chruadalachd a dh’adhbhraich crìonadh na Gàidhlig, agus ceist ann mu bhuaidh Brfhàgail oirre san latha a th’ ann.

San 19mh agus san 20mh linn chaidh Gàidhlig a thrèigsinn mean air mhean le mòr-shluagh na Gàidhealtachd –  a dh’aindeoin orra , dh’fhaodadh tu ràdh – a chionn ´s gun robh a’ Ghàidhealtachd fo chìs Shasainn agus a’ mhòr-chuid de na Gàidheil air an atharrachadh às an fhearann.

San 19mh linn, bha na ceudan mhìltean de na caoraich mhaola air sgaoileadh thairis air an tìr agus an dèidh sin, na ceudan de mhìltean de dh’fhèidh airson spòrs seilge nan uachdaran ’s an caraidean beairteach. Le àireamhan mòra nam beathaichean acrach ud, chaidh an talamh a rùsgadh de phlanntrais gus an robh an tìr ionnas a bhith air a bearradh lom.

Aig toiseach na 20mh linn, dh’èirich croitearan gus sealbh a ghabhail air fearann an sìnnsearan, ach am biodh bith-beò na b’feàrr aca. An dèidh a’ Chogaidh Mhòir,  rinneadh fealladh air na saighdearan òga Gàidhealach a thill dhachaigh, ’s cha d’ fhuair iad na bha air gealltainn dhaibh ron Chogadh. Thòisich riaghaltas Westminster air eilthireachd a Chanada a bhrosnachadh air eagal ’s gun èiricheadh an còrr de na Gàidheil gus am fearann a ghabhail air ais bho na h-uachdarain.

Mar a bhite an dùil, bha aire an t-sluaigh sna h-aimsirean seo ga tomhadh cho mòr ri beò-shlàinte is biadh do an cuid theaghlaichean gun robh a’ Ghàidhlig, a bha uair ʼna meadhan brosnachaidh, air a leigeil air dhearmad . Bha uiread de smachd  is sealbh aig uachdarain chèin, choimheach air an eaconamaidh ionadail gun robh bith-beò is biadh air an cleachdadh an aghaidh – ʼs chan ann air leas – an t-sluaigh.

A thaobh na Gàidhlig, às aonais foghlaim innte, rinneadh milleadh a bharrachd air cothroman eaconamaidh a stèidheachadh air a’ Ghàidhealtachd a bhiodh ag obair gu buannachd nan Gàidheal. Clann na Gàidhealtachd ionnsaichte sa chànan aca fhèin, abair nach robh na Sasannaich is Goill ag iarraidh sin, mar sin, chaisg iad Gàidhlig ann an sgoiltean na Gàidhealtachd fo sgiath Achd an Fhoghlaim.

Bha fhios aig an riaghaltas gur i a’ Ghàidhlig a bha a’ beathachadh cridhe nan Gàidheal, agus nach dèanadh iad an gnothach air muinntir na Gàidhealtachd a cheannsachadh uile gu lèir mur biodh na freumhan Gàidhlig air an spìonadh glan às am bun. Le sin, dh’fhaodadh iad a bhith cinnteach gun seacadh gach meanglan a bha a’ tarraing sùgh bhuaipe. Nach ann carach a bha na h-aingidhean ud.

Dh’ionnsaich mi bho chionn ghoirid gun robh cothrom ann an Canada ge-tà, a’ Ghàidhlig a stèidheachadh aig an aon ìre oifigeil ris a’ Bheurla agus an Fhraingis air feadh na dùthcha air fad. Gidheadh is ged a bha Gàidheil Albannach cho lìonmhor ʼs gum b’ i a’ Ghàidhlig an treas cànan a bu mhotha ann, bhòt buill na pàrlamaid Canadianach an aghaidh a’ bhile gus inbhe oifigeil a thoirt dhi. ʼS e an rud a bu tàmailtiche mun ghnothach gur e Gàidheil a bh’ anns a’ mhòr-chuid dhe na buill sin. Bha a liuthad smal (no slabhraidhean) air inntinnean nam ball-pàrlamaid gun robh iad a’ cur an aghaidh an dualchas fhèin. Cha chuireadh iad luach innte leis nach robh Alba ga meas fiachail.

An-diugh, agus ged a tha e fada air an latha, tha a’ Ghàidhlig ga meas luachmhor mar phàirt de “dhualchas neo-bheantainn, prìseil na h-Alba” (Scotland’s precious intangible cultural heritage) no briathran dha rèir. Is e sin faclan fìnealta, grinn a theirear thaobh na Gàidhlig tro mheadhan na Beurla, oir tha iad furasta a chur ann am bileag gleansach airson ìomhaigh ghleansach a chumail suas. Ann an cuid a dh’àitichean is raointean beatha an latha an-diugh, dh’fhaodamaid a ràdh gu bheil deagh thaic ga toirt don Ghàidhlig, ach ann an raointean is sgìrean eile, chan eil i a’ faighinn ach sgrìobadh na poite mur bheil sgillinn idir a’ tighinn na rathad.

Nuair a thèid Alba a shlaodadh às an Aonadh Eòrpach ann an ùine ro gheàrr, ´s i ag èigheachd nan creachan , dè a’ bhuaidh a bheir seo air staid is inbhe na Gàidhlig, mar a tha i an-dràsta? Dè thachras nuair a nì na Tòraidhean an sgròbaireachd fhèin air còraichean daonna na h-Eòrpa?  A bheil beachd aig na h-eòlaichean Gàidhealach is Gàidhlig air seo?  Bu toil le Dàna sin a chluinntinn.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach