Lèirmheas | Beul-fo-bhonn

Lèirmheas air bileag bhàrdachd ùr thrì-cànanach far am bi Marcas Mac an Tuairneir agus Stuart Paterson a’ dèanamh car-a-mhuiltein tro na trì cànanan Albannach.

Tha Beul-Fo-Bhonn/Heelster-Gowdie le Marcas Mac an Tuairneir agus Stuart Paterson air nochdadh le Tapselteerie anns an t-sreath Biggin Brigs aca. Cruinneachadh goirid, ach fear a tha tarraingeach agus inntinneach a leughadh.

Mar thoiseach-tòiseachaidh, tha an cruinneachadh air a chur air dòigh ann an dòigh cho ealanta, cleasmhor. Tha an cruinneachadh fhèin bun-os-cionn le bàrdachd ann an Gàidhlig agus Beurla no sa Bheurla Ghallta – uaireannan gheibhear an dàn ann an dà chànan, uaireannan anns na trì. Tha thu a’ tòiseachadh o aon chòmhdach le Mac an Tuairneir aig an stiùir, agus Paterson aig a’ cheann eile, ach taobh a-staigh nan duilleagan, tha car-a-mhuiltein a’ dol gun sgur eadar an dà bhàrd chomasach seo, agus mar neach a dh’ionnsaich Gàidhlig agus a dh’fhàs suas ann an coimhearsnachd far an robh a’ Bheurla Ghallta làidir, bha e a’ còrdadh rium a’ dol leotha tron chuairt.

Tha eadar-theangachadh de bhàrdachd an-còmhnaidh na rud iom-fhillte, agus gu math tric, tha na bàird a’ tionndadh seach ag eadar-theangachadh gu dìreach, agus chan eil ach aon dàn far nach eil mi a’ meas gu bheil iad buileach air ghleus. Tha Anndra On November 30th, mu dheidhinn eachdraidh neonach Naomh Anndra, cho eirmseach sa chainnt Ghallt’ nach eil Marcas a’ glacadh spioraid an dàin anns an eadar-theangachadh Ghàidhlig – ’s dòcha nach gabhadh a dhèanamh leis cho eifeachdach sa tha e o thùs – agus a-mach às a h-uile measgachadh de chànanan san leabhar, ’s e Beurla/A’ Bheurla Ghallta an aon mheasgachadh nach eil sinn a’ faighinn.

Ach far a bheil an cruinneachadh soirbheachail, chan fhaic thu na cliathaichean idir. Agus ’s e seo a tha a’ tachairt ann am Fash/Uallach/Worry – far a bheil iomagain a’ chiad shaoghail mu chogadh agus mu bheatha a tha a’ ruith ma sgaoil a’ tighinn am bàrr, Marcas a’ nochdadh comas ann a bhith a’ toirt sùil air cor an t-Saoghail mar a rinn e ann am pìosan leithid Siridhea agus Speactram anns an iris seo fhèin, ged as e bàrdachd Phaterson a th’ ann bho thùs. Tha Paterson a cheart cho comasach ann a bhith a’ tionndadh Fallas/Sweet/Sweat (mu dheidhinn fear le samh a’ choin bhuaithe) dhan chainnt Ghallta – agus far a bheil an sreath mu dheireadh aig Marcas gu math garbh fàileadh cho aillseach, a leagadh an t-each, tha Paterson a’ bruidhinn gu eirmseach air a ramstoorie reek that’d frichten the French!

Tha Paterson agus Mac an Tuairneir gan suidheachadh fhèin am measg nan seòd leis a’ chruinneachadh ghoirid seo – agus ann an dòigh tha an ìomhaigheachd de rudeigin le dà cheann a’ tionndadh is a’ tionndadh, a’ tarraing rud beag o na ceathrar ainmeil a bha an-sàs ann am Fower Points O A Saltire.

Tha an tiotal Heelster-Gowdie a’ cur Hamish Henderson nar cuimhne, agus na faclan “ding doon” ann am Maighstir T/Mister T cuideachd. Tha marbhrann cumhachdail le Marcas do chuimhne Dhòmhnaill MhicAmhlaigh ann (agus e a’ toirt luaidh air na ceathrar fuamhairean eile a nochd ann an Nua-bhàrdachd, Dod, Jock, Deek an Sammy mar a tha aig Paterson orra san tionndadh aige-san) agus tha Stuart a’ tionndadh dhan Bheurla airson pìos ann an cuimhne Iain Mhic a’ Ghobhainn, a’ freagairt air stoidhle Mhic a’ Ghobhainn cuideachd, agus a cheart cho math, a’ cur nar cuimhne uair eile gur e sàr-bhàrd na Beurla a bh’ ann am Mac a’ Ghobhainn – fear a bha aithnichte am measg nan Gall cho math ris na Gàidheil.

Tha bàrdachd mhath a’ dèanamh aon rud agus ’s e sin a bhith a’ leudachadh smuaintean agus bheachdan, agus ’s e sin a tha Marcas fhèin an dòchas airson Maighstir T agus a leithid a bhreabas na crìochan teann mu ar cànan. Ged as e seo an cruinneachadh as giorra a tha air a bhith aige, ’s e  seo am fear as fheàrr leam aige, tha e nas fhosgailte na rud sam bith a thàinig roimhe, agus nì mi fiughar ris a’ chruinneachadh ùr a tha an amharc san àm ri teachd.

Gheibhear Beul-fo-bhonn/Heelster-Gowdie an-seo.

  • Eòghan
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach