Guthan nam Ball

Bhruidhinn Dàna ri Ùisdean D. MacIlleinein agus Derek “Pluto” Moireach mun obair aca an lùib a bhith ag aithris air geamannan ball-coise, rugbaidh agus iomain tro mheadhan na Gàidhlig.

’S iad an ceangal eadar an luchd-èisteachd agus na tha a’ dol air adhart air pàircean spòrs an t-saoghail – an luchd-aithris a bhios a’ dealbhadh gach breab, buille, bròn is buaidh dhuinne. Tha an leudachadh anns na meadhanan Gàidhlig a’ ciallachadh gu bheil sinn gu math cleachdte ri aithriseachd air spòrs a chluinntinn anns a’ chànan.

Ùisdean ag aithris aig Tynecastle airson BBC Alba

Ùisdean ag aithris aig Tynecastle airson BBC Alba

Ma tha aon duine Ghàidhealach ann a tha cliùiteach anns an t-saoghal mhòr airson aithriseachd, ’s e Ùisdean D. MacIlleinein. Tha an craoladair agus eòlaiche iomain à Loch Abar air a bhith an sàs ann an craoladh spòrs fad cha mhòr trithead bliadhna.  Tha “Hugh Dan” ri chluinntinn san latha an-diugh air Rugbaidh Beò air BBC Alba, agus ag aithris (anns a’ Bheurla) air BBC2 air geamannan mòra iomain.

Bha Ùisdean ag obair aig a’ BhBC mu thràth agus ’s e ceum nàdarrach a bha ann dha a dhol an sàs ann an aithriseachd “Tha ùidh mhor air a bhith agam ann an spòrs fad mo bheatha. Nuair a sguir mi chluich iomain, nochd na cothroman.  Agus nuair a bha rugbaidh a’ tòiseachadh air an t-seanail ùr nuair a bha mi dìomhainn cuideachd agus thachair gu robh mi ri làimh agus saor.”

O chionn ghoirid, tha BBC Radio nan Gàidheal air a bhith a’ craoladh beò o gheamannan na h-Alba, oidhcheannan mòra Eòrpach le Celtic is Rangers agus cuairtean-deireannach le Obar Dheathain agus Ross County agus bho thùs ’s e an craoladair Derek “Pluto” Moireach a tha air bhith aig a’ mhaicrofon.  Tha Derek a’ mìneachadh obair an neach-aithris gu sìmplidh “Chan eil ann ach dealbh a pheantadh le d’ fhacail agus faireachdainn a thoirt chun an luchd-èisteachd g’ eil iad an làthair.”

Chaidh Derek an sàs ann an aithriseachd ann an 2006 as dèidh cùrsa aig a’ BhBC. “’S e rèidio as motha am meadhan anns a bheil mi fhìn ag obair agus gun teagamh sam bith ’s e am meadhan as fheàrr airson a bhith tlachdmhor air mo shon fhìn. A’ phrìomh riaghailt ann an aithris rèidio ’s e bhith ag innse càite dìreach a bheil am ball agus cuideachd dè an sgòr a th’ ann. Tha e cho furasta ri sin ach cha chreid thu cho truagh ’s a tha cuid air na riaghaltean sin a choileanadh.”

Ged ’s e ball-coise agus rèidio as fheàrr le Derek, ’s ann ann an spòrs ceangailte ri Ùisdean a fhuair Derek a chiad chothrom air a’ mhaic.

“Bha mi a’ dèanamh aithrisean goirid air geamannan iomain airson “Spòrs” (prògram beò a bh’ air BBC 2 air oidhche Ardaoin) agus an uairsin ghluais sin gu aithris air an spòrs airson MnE agus An Caman. Bha seo math fhèin agus dh’ionnsaich mi an t-uamhas mu dheidhinn an spòrs agus gu dearbh na daoine na lùib a bha air leth taiceil dha duine aig nach robh eòlas sam bith air an spòrs. Cha robh e furasta ach chòrd e rium ionnsachadh cho luath a dhèanamh agus bidh mi a-chaoidh taingeil do leithid chlubaichean, ‘A Mhanachainn, Loch Carrain agus gu mòr, Baile Ùr an t-Slèibh.”

Feumaidh  neach-aithris a bhith eòlach air a h-uile càil a tha a’ dol air adhart agus chan eil rathad ann ach a bhith ag ullachadh is ag ullachadh a-rèir Ùisdean:

“Feumaidh fhios a bhith agad air iomadh rud; sgiobaidhean, riaghailtean, naidheachdan co-cheangailte ris a’ gheama agus an fharpais, fiosrachadh farsaing mun t-suidheachadh, càit a bheil an geama agus mìle rud eile.”

Draoidh Wembley? Derek "Pluto" Moireach ron gheam eadar Alba is Sasainn ann an 2013.

Draoidh Wembley? Derek “Pluto” Moireach ron ghèam eadar Alba is Sasainn ann an 2013.

Bidh Derek a’ dol an sàs gu mòr ann an ullachadh.

“Bithidh iad a’ toirt a’ char àsam airson an ullachaidh a tha mis’ a’ dèanamh air thoiseach air geama. Dhomhsa ’s e a’ phàirt as cudthromaiche de dh’aithris sam bith agus leis a sin tha mi a’ cur an UAMHAIS de dh’obair a-steach dhan ullachadh. Tha cuid de dhaoine ann a tha math air fiosrachadh a ghlèidheil, gu mì-fhortanach chan eil mise nam measg agus feumaidh mi a h-uile càil a leughadh, a sgrìobhadh agus a leughadh grunn thursan mus suidh e dòigheil leam na mo chlaigeann. Ri linn sin tha na duilleagan pàipear agam nas coltaiche ri road map le diofar dhathan/sràcan is eile air an sgrìobhadh cho beag agus nach leugh mòran ach mi fhìn iad. ’S iad seo na “prep sheets” agus tha iad an uairsin mar bhìoball beag cudromach a leigeas dhomh m’ obair a dhèanamh beagan nas fheàrr, tha mi an dòchas. “

A rèir cò tha iad a’ faicinn mar shàr luchd-aithris, ged a nochd an dithis aca beachdan bàidheil mun fheadhainn ainmeil leithid de Mhotson agus Coleman, tha meas mòr aca a chèile air David Begg, neach-aithris aig BBC Radio Scotland a leig dheth a dhreuchd an-uiridh. “Cha robh a leithid ann agus ’s iongantach leamsa gum bi nas motha.” ars Derek

’S ann bho Mhgr Begg a dh’ionnsaich Derek mu ullachadh “Bithidh mise fhathast a’ cleachdadh an dòigh “seann-fhasanta” aig David le bhith a’ cleachdadh “stickies” airson na prep sheets – ’s e a sheall dhomh an stoidhle aige agus dh’ionnsaich mi an t-uabhas bhuaithe – duine air leth!”

Tha moladh aig Derek cuideachd airson Gàidheal eile a tha air a chliù a dhèanamh ann an aithris spòrs.

“Tha mi air leth fortanach g’ eil mi a’ faighinn cothrom a bhith ag obair comhla ri sàr neach-naidheachd spòrs – Ailig O’Henley. Tha mi an dòchas g’ eil e fhèin agus eile a’ faicinn g’ eil sinn comhfhurtail ag obair còmhla agus leis a sin g’ eil na geamannan againn furasta èisteachd riutha.”

A thaobh mar a bhios iad a’ cur ri ath-bheothachadh a’ chànain, bha Ùisdean a’ soilleireachadh nan ceumannan a bhios e fhèin a’ gabhail “Bidh mi a’ feuchainn ri cànan ùr agus seann fhaclan a phòsadh  m.e.  udalan agus caigeann an rugbaidh : chan eil adhbhar cus Beurla a bhith ann.   Tha liosta oifigeil de bhriathrachas spòrs ann a chaidh a chruthachadh a dh’aona ghnothach.   Tha sgoiltean ga cleachdadh agus bu chòir dha a bhith coitcheann.”

Ach leis an uiread de dh’fhaclan ri labhairt ann an ùine ghoirid, theann, chan e iongnadh a tha ann gum bi mearachdan a’ nochdadh – “uaireannan feumaidh fhios a bhith agad cuin a chumas tu do bheul dùinte,” ars’ Ùisdean, “Thuirt mi ‘There’s no way back for Newtonmore’ ann an Cuairt dheireannach Cupa na Camanachd ‒bha an sgòr aig 9-0 aig an àm!”.

Obair fhuar a tha ann an aithriseachd - "Hugh Dan" aig Murrayfield ann an 2011

Obair fhuar a tha ann an aithriseachd – “Hugh Dan” aig Murrayfield ann an 2011

A thaobh “Pluto”, chan eil aithreachas sam bith air a thaobh mearachdan a thaobh bruidhne ach tha dragh air an fhear Niseach fhathast “b’ e a’ mhearachd a bu mhotha a bhith dìochuimhneachadh “wipes” a thoirt leam airson na lip-mics a ghlanadh ro làimh ….an ceann trì latha bha mi a’ dol timcheall le cold sore fo mo shròin! Salachairean nach bi a’ glanadh na mics!”

Bidh luchd-aithris aig teis-mheadhan tachartasan spòrs agus chì iad gu leòr glòir agus toileachais, bròin agus briseadh-dùil. Tha aon latha gu math soilleir ann aig Uisdean.

“’S e a’ chuimhne as fheàrr a tha agam an tadhal a fhuair Gordon Mac an t-Saoir airson Cupa na Camanachd a bhuinnig do Chamanachd an Òbain ann an 96  – bha e air sùil a chall dìreach 18 miosan roimhe sin.”

Tha Derek air a bhith air feadh na Roinn Eòrpa ach tha e ag aideachadh gu bheil a’ chùis a’ dol seachad cho luath gu bheil e doirbh cuimhneachadh air geama air fad “’S beag a chuimhne agam air geamannan fa leth. Na geamannan an aghaidh na Frainge a dh’fheumadh a bhith shuas an sin ach cuideachd geamannan Eòrpach aig Celtic Park agus Ibrox direach airson an fhuaim a bha nan cois.”

Tha Ùisdean agus Derek a’ toirt dhuinn cuid dhe na tachartasan as motha ann an Alba tro mheadhan na Gàidhlig agus ’s e rud iongantach a tha siud gu bheil Gàidhlig aig cridhe spòrs na h-Alba. Feuch gun èist sibh riutha.

– Agallamh le Eoghan

Share

3 thoughts on “Guthan nam Ball

  1. Tha mi fhein air aithriseachd a dheanamh, chan eil thu a’ faighinn an uamhais san uair airson geama a dheanamh ma tha thu a’ toirt a-steach uine ullachaidh ro laimh. Bidh thu ann ron gheama airson da uair ro laimh mar as trice agus greiseag as deidh laimhe, a bharrachd air an ullachadh an oidhche ron gheam, air neo tron t-seachdain.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach