A’ Bhuidheag


Sgeulachd ghoirid le Sgaire Uallas

B’ e latha deàrrsach samhraidh a bh’ ann. B’ e an leithid de latha ’s gun saoilte gun do ghreas a’ ghrian oirre gu ruige h-àirde mus cosgadh i uairean fada a’ dàileachadh mun fhàire. Bhiodh i a’ tadhal an siud fad greis no dhà no h-ochd a’ tilgeil ghathan air fhiaradh air feadh an tuathanais. Bha e mar gun robh i na cuimhneachan don latha chaidh seachad, is na cur-an-cuimhne gun robh seans deireannach air thairgse mus tachdadh an oidhche e.

Mar sin, an dèidh dhan a’ bhalach a dhìnnear a ghabhail, cha bu ruith ach leum leis an gunna-adhair a thogail ’s an doras fhosgladh gu buidhead an fheasgair. Ghabh e sìos an rathad a dh’ionnsaigh cùl nan achaidhean is beul na coille, agus cha b’ fhada gus an do dh’fhàs e na fhrith-rathad am measg chraobhan-giuthais. Thug am fàileadh dhiubh is brat cuilg fo chasan fiamh a’ ghàire air, mar bu nòs. Bu rìgh e na rìoghachd fhèin.

Bha na geugan a b’ ìsle cho àrd is gum b’ urrainn dha bhith a’ bocadaich tron a’ choille, ach roghnaich e èaladh a dh’aindeoin sin. Oir bu sàr-shealgair e. Bu Donnchadh Bàn e am Beinn Dòbhrain. Agus fhad ’s a bha e ag èaladh, chìtheadh e rud an siud ’s an seo a b’ fhiach cuimseachadh air. Thogadh e an gunna odhar ri ghualainn ‘s gun loisgeadh e air làraich bhig dhaithte ann an cloich, no air bloigh crogain lèir-sracte a bh’ air fhàgail on chuairt mu dheireadh aige. Le gliog is le srann dh’fhàgadh e eàrra air clàr cloiche air choireigin, air neo tollag ann an staoin is poll. Bha e a’ faighinn tlachd às an toradh, agus bu taitneach leis crith a’ ghunna na làmhan.

Aig a’ cheann thall, ràinig e a’ chluain a bu cheann-uidhe dha, ’s i am broinn na coille. B’ àbhaist dha bhith a’ leasachadh a sgilean urchaireachd san àite seo. Bha a’ chluain gun chraobhan is mu cheud slat a dh’fhaide. Ach bha meuran mòra a’ stobadh thairis air an dàrna ceann, agus b’ ann fodhpa-san a shuidh e sìos san fheur fhionnar ghorm. Bha a’ ghrian air a chùlaibh, is bha am balach fhèin a’ dearg-choimhead air na targaidean mòra rinneadh de dh’fhiodh o chionn fhada. Bha iad air fàs cugallach, ach dh’fhuilingeadh iad tòrr mòr pheilearan fhathast. Thruis e ghlùintean suas gu chom is chuir e uileannan orra. Chaog e shùil, stad e anail, is sheòl e urchair a-null. Fhreagair cnac nam bòrd i.

Chùm e air air an aon seòl. Pliong air phliong is beag air bheag bha na bùird ud thall gan sgàineadh, ’s iad a’ sadadh sgealbagan asta. Cha tug e an aire dhan ùine idir, ged a ruitheadh i seachad air. Ach bha a’ ghrian fhathast a’ turabal mun fhàire ’s a’ brìodal rithe nuair a dh’fhidir am balach carachadh ann an duilleach nan geug os a chionn. Thug e sùil aithghearr a-suas, ach cha robh dad am follais dha. Thòisich e uime sin air losgadh as ùr, ged nach bu luaithe thòisich na chuala e ceilearadh a’ brùchdadh bho bhad a’ charachaidh. Sheall e suas a-rithist, feuch an lorgadh e màthair-adhbhair a’ chiùil. Cha do lorg e dad gus an tàinig a’ bhuidheag am fradharc ’s i a’ tùirling gu geug nas fhaisge air sùilean geura a’ bhalaich. ‘S i bha boillsgeach agus spaideil na làn-èideadh òir. Ach bha stìom dhubh thar a sùilean a thug coltas a’ mhèirlich oirre, ’s i a’ sgreuchail fa chomhair.

Thionndaidh e air n-ais chun nan targaidean. Leig e urchair uair is uair eile, ach bha a’ bhuidheag ’s a ceilearadh a’ sìor-chur grabaidh air a dhùr-aire. Cha b’ urrainn dha sreath pheilearan a chur ann am meadhan na targaide, mar bu dual dha, gun a aire bhith ga tarraing chun an eòin le sgreuch.

“Ist thusa!” ars esan ’s e a’ coimhead air a’ bhuidheig. Bha i fhèin a’ coimhead airsan agus a’ grad-ghluasad a cinn gus an laigheadh a dàrna sùil air aodann agus an t-sùil eile na dèidh.

Thionndaidh e mun cuairt le ghàirdeanan sìnte ’s an gunna na làmhan gus teicheadh a thoirt oirre, ach cha robh i idir cho teann air ’s gun clisgeadh sin i. Leig i sgreuch eile a bhioraich a chluasan. Dh’èirich sradag feirg na bhroinn. Ach cha b’ e ach eun beag bòidheach a bh’ ann, agus ma dh’at i, ’s ann a shìolaidh an èibhleag a cheart cho luath.

“Ist,” ars esan tro leigeil analach. Ach thionndaidh e air n-ais chun nan targaidean uair eile. Cha robh e airson diog a chaitheamh leis an leithid sin de dh’amaideachd.

Bha e an uair sin a’ cur pheilearan a-null, ach cha b’ ann dìreach a bha iad. Cha b’ urrainn dha gun a bhith a’ toirt an aire dha sgreuchail na buidheige. Dh’èirich an t-sradag a-rithist, agus ma dh’èirich, ’s ann a thàinig i san àm fo bhlàth. Ghlac e maide ri taobh a choise is shad e dha h-ionnsaigh e. Tro itealaich sgileil bhuidhe, nochd a’ bhuidheag air meur eile bha am fagas don a’ bhalach. Leig i sgread eile, ’s e cho àrd.

Sheas e, agus rinn am balach mèilleag de bhilean mus do thog e an gunna ri ghualainn. Chaog e shùil is chuimsich e air a’ bhuidheig. Thug e greis ag amharc oirre tro gheugan a’ ghunna, ’s i na cleòca rìomhach òr-bhuidhe. Cha do sguir i riamh de grad-ghluasad ’s a giofalais, mar gun robh i airson sealltainn dha cho beòthail ’s a bha i.

Bhuail na inntinn an uair sin na bha e gu dèanamh. Dh’fhairich e buille na chliabh. Thòisich boillsgean ri dannsa mu oir a lèirsinne fhad ’s a bha plosgadh a chridhe a’ dol an luathad. Mhothaich e da chuislean, agus don fhuil a bha a’ sruthadh annta. Bha leth-dhùil aige gun cailleadh e mhothachadh uile gu lèir. Ach cha do chaill, agus loisg e. Stad an ceilear le srann agus thuit am meanbh-chorp fa chomhair.

Nuair a thàinig e air bha sùilean a’ chuirp dùinte, agus bha a bhrù mar bhonn òir an gathan fann na grèine. ‘S gann gun saoileadh tu i bhith marbh, mura b’ e na h-iteagan reubte geala a dhealbh cruth a’ pheileir. Ma leanadh an t-sùil iad, chìtheadh i puing bheag dhearg nan teis-meadhan. Bu lot bàis i. Bu obair a’ bhalaich i.

Bha e na iongnadh dha cho neo-fhuilteach ’s a bha a’ chùis. Shaoil e riamh gun tachradh rudeigin sònraichte agus òrdaichte an àm do chreutair a bhith a’ bàsachadh. Ach cha robh strì no spàirn ann; cha robh ann fiù agus an carachadh no a’ ghiofalais a shònraich a’ bhuidheag ’s i beò. Chan fhaca e ach eun beag a bha gus nach robh. B’ e siud am briseadh-dùil a thug air an corp a bhrodadh le baraill a’ ghunna.

Dh’aithnich e an uair sin gun robh e air chrith. Cha b’ e an t-aithreachas ach daorach na seilge b’ adhbhar dhi. Bha e air mhisg. Ach nuair a shocraich a chridhe ’s a dh’fhalbh na boillsgein à shùil ’s a dh’fhàs e measarra, laigh dubh-nàire air. Dè shaoileadh a phàrantan no a charaidean nam b’ fhiosrach iad air an eucoir? Dè dhèanadh iad nan tachradh iad air a’ chorp?

Rug e le dhà chorraig air sgiath a’ chuirp, agus chaith e a-steach e dha na dosan a bha a’ tighinn beò an iomall na cluaine. Thill e dhan àite-shuidhe bh’ aige, ach mus do loisg e riamh a-rithist, thàinig e a-steach air gun robh an latha air ciaradh. Cha mhòr nach robh a’ ghrian fhadalach air teàrnadh gu tur à sealladh. B’ e bha a’ bloigh-shoilleireachadh na h-àrainne ach gathan doilleir a’ lùbadh tron iarmailt.

Bu mhithich dha a bhith a’ togail air. Ghabh e a-steach dhan a’ choille, gun a bhith ag èaladh.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach