A’ Breabadh Dhuilleagan (Smuain airson an fhoghair)

duilleagan

le Alistair Paul

Bheir mi dhut dùbhlan
Ceum tro thom dhuilleagan
Gun breab a thoirt dhaibh!

Cò iad a dhiùltadh an toileachadh
Na duilleagan uile a sgaoileadh
Eadar aois ceithir is ceithir fichead?

Ciod an tarraing na chois
Fàileadh an fhoghair thais
Faram no dèireach an duillich?

Fo geugan lom leinn fhèin
Tha sinn uile, leis an fhìrinn
Ceithir bliadhna a dh’aois nar cridhean.

– Alistair Paul

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach