A’ Chraobh Nollaig gun Nollaig a bh’ anns an Eilean Ròdach

Leis gu bheil “Ràith nam Fèilltean Geamhraidh” a’ teannadh, bu mhath le Liam Alastair beagan fèilteachd bhlàth às a dhachaigh fhèin a sgaoileadh nur measg: sgeulachd Craobh-Nollaig-gun-Nollaig an Eilein Ròdaich!

Tòiseachd an Dùbhlachd, 2011, agus na solais gan lasadh air craobh ghiuthais sgeadaichte ann an airgead is òr am broinn Taigh na Stàite, Providence. Ach a’ seasamh an sin an àite craobh Nollaig, cha robh ann ach craobh fèill geamhraidh, no holiday tree sa chainnt eile. Ged nach robh atharrachadh sa choltas, bha san ainm. Bha riaghladair na Stàite aig an àm, Lincoln Chafee, am beachd ged a dh’fhaodadh àite a bhith aig Crìost an lùib na Nollaig, gu dearbha fhèin cha robh àite aig an Nollaig an lùib àitreabhan an riaghaltais.

Ach mas e beachd Chafee a bha sin, chan e muinntir na stàite. Dh’fhaoidte gur e 2011 a’ chiad uair a-riamh a chaidh soillseachadh craobh Nollaig a mhilleadh agus daoine a’ briseadh a-steach gus ‘O Christmas Tree’ a sheinn mar òran iomairt.

Anns Na Stàitean Aonaichte, bithear a’ dèanamh sgaradh eadar creideamh agus an riaghaltas. Tha eachdraidh mhòr aig a’ chreideas seo anns an Eilean Ròdach, an dèidh mar a chaidh Roger Williams – athair na stàite – a ruaigeadh à Colonaidh Massachussets ann an 1636 airson na beachdan ‘ùra agus cunnartach’ seo.

Chuir Chafee car ùr ann an ruidhle a’ bhodaich nuair a dh’àithn e nach seasadh samhla Nollaig am broinn togalach an riaghaltais. Ach, rud a chaidh seachad air, gun robh barrachd air craobh san togalach a bha a’ samhlachadh creideamh.

Ann a bhith a’ cur fàilte air na h-uile crè, bha an riaghaltas air na samhlaidhean aig creideamhan eile a thoirt a-steach gu Taigh na Stàite, mar eisimpleir a’ menorah. Nan robhar a’ cur casg air an Nollaig, carson nach robhar a’ sgiùrsadh gach creideamh às àitreabhan an riaghaltais? Mas e holiday tree a bhite a’ gabhail air a’ chraobh ghiuthais, carson nach robh holiday candlestick, mar eisimpleir, air menorah nan Iùdhach?

Agus bha an tuilleadh eas-aonta ann am measg bhall an riaghaltais fhèin. ‘Daoine sam bith a tha airson craobh fèill geamhraidh fhaicinn, leigeadh leotha; ach ’s e craobh Nollaig a tha mise dol a sgeadachadh’ thuirt tè de riochdairean sgìreil an riaghaltais, agus i a’ cur craobh Nollaig aig doras a h-oifis. B’ ise an dearbh riochdaire – Doreen Costa – a chuir reachdas a-steach nas tràithe dhen bhliadhna gus craobh Nollaig a ghabhail air a’ chraobh gu h-oifigeil. Chaidh an reachdas sin troimhe gu h-aona-ghuthach.

Cha robh 2011 a’ chiad bhliadhna a dh’fhulang craobh neo-chiontach Nollaig aig làmhan Riaghaltas an Eilein Ròdaich. Ann an 2005, bhàsaich craobh Nollaig na bliadhna sin an dèidh do neach-obrach stuth teine-dhiùltach a dhòrtadh oirre. An-uiridh, bha calgan na craoibhe giuthais a’ còmhdach an ùrlair an dèidh dhi bàs gun adhbhar fhulang.

A dh’aindeoin bàs no buaireadh nan craobhan bochda, ’s e craobh mhaoth neo-Nollaigeach a bhios iad a’ cur suas gach bliadhna anns an Eilean Ròdach, an stàit as Caitligiche a th’ anns Na Stàitean Aonaichte. Agus gach bliadhna, chan eil am beat air a bhith a’ suidhe timcheall bòrd Latha a’ Bhuidheachais a’ meòrachadh dè tha an dàn do chraobh na bliadhna-sa… a ràinig DiCiadain.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach