A’ cruthachadh cheallan-luirgeach ann an searbhag

dealbh ceallan 2

Abair iongnadh am measg luchd-saidheans nuair a chualas an naidheachd san Fhaoilleach gun robh tè-saidheans Iapanach dom b’ ainm Haruko Obokata air ceallan-luirgeach (sin agad ‘stem cells’ sa chànan eile) a chruthachadh ’s i air ceallan-geala a bhàthadh ann an searbhag. Tha gu leòr ann nach urrainn a chreidsinn fhathast cho furasta ’s a tha an teicneòlas seo, a dh’fhaodadh leasachadh mòr a thoirt air leigheas ghalaran mar thinneas an t-siùcair no Parkinson’s.

Gu sìmplidh, ’s e cealla-luirgeach cealla a dh’fhaodar atharrachadh gu cealla sam bith eile. Nuair a bhios creutair a’ fàs, tha comas aig cealla-luirgeach sliochdan de cheallan a thòiseachadh a thèid nan iomadach diofar seòrsa cealla, leithid cealla-fèith no cealla-eanchainn. ’S ann mar sin a gheibh thu ainmhidh slàn le ceallan eadar-dhealaichte bho aon chealla. Ach tha ceallan-luirgeach ann an colann inbheach cuideachd. Mar eisimpleir, ’s ann bho cheallan-luirgeach do smior cnàmha a tha ceallan dearg is geal na fala a’ tighinn.

’S fhada on a thòisich dotairean air a bhith a’ cleachdadh an smir chnàmha son aillse na fala a chur ceart. Agus am-bliadhna bhathar cuideachd soirbheachail a’ leigheas tinneas an t-siùcair ann an luchagan leis na h-aon cheallan seo. Ach tha ùidh mhòr air a bhith ann thairis air an dà fhichead bliadhna mu dheireadh ceallan-luirgeach a chleachdadh gus galaran eile a leigheas, leithid seargadh-eanchainne ann an seann daoine no casan caillte ann an saighdearan a chaidh a leòn. Anns na h-ochdadan, fhuaras a-mach ciamar a bhuaineas tu ceallan-luirgeach bho thùs-ghinean. Sna bliadhnaichean mu dheireadh, tha dotairean air toirt air an dà chuid luchagan is daoine dall fhaicinn tro bhith cruthachadh ceallan-sùla ùra bhon t-seòrsa seo de cheallan-luirgeach. A chionn ’s gum feum thu na tùs-ghinean a mharbhadh, ge-tà, tha uallach mòr air luchd na h-Eaglaise ’s air an riaghaltas leigeil le dotairean an teicneòlas seo a chleachdadh.

Air sgàth sin, bha toileachas mòr ann nuair a sheall Shinya Yamanaka san Iapan ann an 2005 gun toireadh tu air ceallan-craicinn tionndadh nan ceallan-luirgeach tro bhith cur ceithir ginean am broinn an DNA aca. Chaidh aon dhe na ginean a bhios luchd-saidheans a’ cleachdadh san dòigh-obrach seo ainmeachadh mar ‘Nanog.’ ’S ann air chuimhne ‘Tìr nan Òg’, pàras nan Gàidheal sna làithean a dh’fhalbh, a thugadh an t-ainm seo air, air sgàth ’s gun do dh’fhàg a’ ghine seo na ceallan biothbhuan. Ged a fhuair Yamanaka an duais Nobel airson nan innleachdan seo (is abair gun robh e airidh air!), bu mhòr an t-eagal fhathast na ceallan seo a chur ann an clann-duine air sgàth ’s gu bheil nua-ghinean annta.

Co-dhiù, an taca ri dòigh-obrach Yamanaka, anns nach cruthaichear cealla-luirgeach ach le aon chealla a-mach às a’ cheud, dh’obraich cùisean do dh’Obokata airson cha mhòr cairteal dhe na ceallan. Mhothaich Obokata gun robh ceallan-luirgeach Yamanaka beagan na bu lugha na ceallan àbhaisteach ’s air an dòigh sin, shaoil i ma dh’fhaoidte gun rachadh lùghdachadh cheallan toirt orra bhith nan ceallan-luirgeach. Sin an seòrsa smuain ghòrach a tha gad fhàgail sònraichte ann an saoghal saidheans! Thig lùghdachadh air cealla ma chuireas tu dragh air. Dh’fheuch ise suas ri leth-cheud diofar dòigh na ceallan a ghoirteachadh, agus aig deireadh an là ’s e pH ìosal, pronnadh agus aon phuinnsean bitheagach a rinn an gnothach air toirt air a’ chealla gheal na ginean cealla-luirgeach aice a nochdadh.

ceallan

Ach cha do dhearbh seo ach gun robh na ceallan a’ coimhead coltach ri ceallan-luirgeach. Airson dearbhadh gun robh iad gu fìrinneach nan ceallan-luirgeach, chleachd i sliochd cheallan geala a bha a’ nochdadh gine a dh’fhàgadh uaine iad fon phrosbaig. Nam biodh iad luirgeach, às dèidh an cur am broinn tùs-ghine luchaig, bhiodh diofar cheallan air feadh colann na luchaig uaine. An toiseach cha robh na ciad luchagan a’ lasadh suas, ach nuair a chruthaich i na ceallan-luirgeach bho luchag a bha beagan na b’ òige, fhuaras luchagan uaine, ag innse gun robh i da-rìreabh air ceallan-luirgeach a chruthachadh o na ceallan geala.

Do chuideigin nach eil na neach-saidheans no na dhotair, ’s dòcha gum b’ e an rud a b’ iongantaiche buileach gun robh na ceallan-luirgeach seo comasach air plaiseanta a chruthachadh, rud nach dèan a’ mhòr-chuid dhe na ceallan-luirgeach againn. Air an dòigh sin, bhiodh na ceallan-luirgeach seo na b’ fhasa ’s na b’ fhearr air obair clònachaidh, nam bu mhiann leat sin a dhèanamh. An-dràsta, airson clònachaidh feumaidh tu niùclas bho aon chreutair a chur am broinn uigh nach deach a shìoladh fhathast ’s an uairsin a ghluasad am broinn màthar. Ach leis an teicneòlas seo, dh’fhaodadh tu aon chealla a bhiodh comasach fàs suas na creutair slàn a chruthachadh gun ach cealla-chraicinn a chaitheamh ann an searbhag!

– Dòmhnall Iain Dòmhnallach

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach