A’ dol air chèilidh air a’ phrèiridh | Calgaraidh Chanada

“Chan eil cèilidh air a’ phrèiridh,” sheinn Murchadh MacPhàrlain, is e a’ fulang cianalas uabhasach agus fìor dhroch gheamhradh ann an Alberta sna 1920an.

Cha mhòr ceud bliadhna on uairsin, tha a’ ghrian a’ deàrrsadh is, mo nàire, chan eil mòran cianalais air an sgrìobhadair fhortanach seo ‘s mi cur seachad an t-samhraidh an Calgaraidh, baile mòr Alberta. ‘S fhada on a chaidh ginealach Bhàird Mhealaboist a-null chun an Iar, ach gu h-iongantach, tha na ceanglaichean Gàidhealach fhathast ri fhaicinn. Tha mi fhìn ag obair aig Oilthigh spaideil ùr Chalgaraidh, agus cha mhòr gun do chlisg mi nuair a chaith mi mo sùilean suas chun a’ charraigh seo an teis meadhain a’ champas.

Sin mo shùile togam suas ma tha droch lèirsinn ort, agus tha e sgrìobht’ air a’ chìrean cuideachd. Seann Ghàidhlig às a’ Bhìoball – sin agad sailm 121.1 air a chur gu Gàidhlig aig an t-Urramach Iain Mac a’ Ghobhainn ann an 1786. Abairt neònach gun teagamh! Tha deasbad ann an e mearachd a th’ann, no seann seòrsa gnìomhair, no fiù ’s criomag bheag de Ghàidhlig ghallta air choireigin. Aon rud cinnteach – chan fhaiceadh tu sin air oilthigh an Alba taobh a-muigh SMO co-dhiù…

Agus ’s ann mar chuimhneachan air na Gàidheil a’ stèidhich Calgaraidh a tha an t-oilthigh a’ gabhail seo mar mhotto. Thàinig Sgitheanach dom b’ainm Seumas MacLeòid a-mach an taobh seo mar cheannard air na poileis-eachraidh – nam Mounties – aig deireadh na 19mh linn agus dh’ainmich e an caisteal a thog e as dèidh bàgh beag am Muile ris an abrar Caladh Ghearraidh. Land an Gàidheal seo fhèin an glac na Mounties ach cha b’ann airson a bhith a’ triall mòr-thìr Aimeireaga mar a rinn an Còirneal MhicLèoid, ach airson a bhi jaywalkigeadh. Sin agad a bhith a’ coiseachd tarsaing na sràide is an solas dearg air. Cha b’urrainn dhomh ach an fhìrinn innse dhaibh – nach eil solais-sràid anns an àite às an tàinig mi!

Sgeulachd fhaoin ach a’ dearbhadh puing cudromach. An taca ri MacLèoid a thàinig air each, no ri MacPhàrlain a thàinig air cùlaibh nan rathaidean-iarainn, ’s e chiad rud a mhothaicheas do dhuine nuair a chì iad Calgaraidh an-diugh gu bheil am baile seo gu dearbh fo rìoghachd nan càr. Càraichean mòra a’ dràibheadh air rathaidean mòra seachad taighean mòra ann an siorrachd cha mhòr meud na h-Eòrpa. ‘S i Calgaraidh am baile as luaithe a tha fàs an Canada, air sgàth airgead an ola, agus tha na mìltean òganaich air an tàladh thuice gach bliadhna bho gach ceàrn de Chanada airson cosnadh a shireadh. ’S urrainn dhut sreap suas Tùr Chalgaraidh agus sùil àlainn fhaighinn air a’ bhaile reamhair seo. Downtown, tha na skycrapers a’ fàs gu tiugh, ‘s iad uile air an ceangal còmhla le drochaidean son na suits a dhìon bhon fhuachd nuair a thig reothadh a’ Gheamhraidh.

Ach ged is ann teann ris an àm ri teachd a tha Calgaraidh, tha an sluagh a’ cuimhneachadh nam freumhaichean aca…nan dòigh bhragail fhèin, mar bu dùil!

A h-uile samhradh tha fèis ann ris an canar an Calgary Stampede: seòrsa de hòro-gheallaidh air cultar nan cowboy. Tha taisbeanadh tuathanais ann a chuireadh nàire air cattleshow an Iochdair, a’ sealltainn do mhuinntir a’ bhaile dè dìreach a tha a’ dol ann an acairean mòra Alberta – cruithneachd, eòrna ’s canola. Tha iomadach stàile ann a’ creic biadh traidiseanta Aimeireagaidh a Tuath – coin-theth is burgairean. Is rudeigin beag Canèidianach – an deep fried oreo! Ach, bu chòir dhomh bhith modhail – ’s math a chòrd na co-fharpaisean rium. Chaidh mi chun an Rodeo, far am faic thu cowboyan gasda a’ sreap air muin tarbh no each is a’ strì gun tuiteam fad ochd diogan fhad ’s tha am beathach a’ breabadh ‘s a’ leumadaich. No na rèisean chuckwagon, far am faic thu carbadan-eich a’ farpais an aghaidh a chèile aig astaran mòra. Is tòrr leann blasta Albertanach, leithid an Grasshopper. Tha e uile cho gòrach, chan àichinn sin, ach abair fealla-dhà a th’ anns an Stampede.

Ma tha thu sireadh sàmhchair, ge-tà, beagan uairean a-mach à Calgaraidh tha na beanntan Rocky, is Pàircean Nàiseanta gu leòr. Jasper. Waterton. Agus Banff is Canmore. Tha an dà ainm sin fhèin a’ samhlachadh nan iomadach Albannach is Gàidheal a thàinig a-mach an taobh seo, bho linn Alasdair MhicCoinnich, an Leòdhasach a chaidh tarsaing nam beanntan seo gus an Cuan Sèimh a ruighinn son a’ chiad uair. ’S ann an Alberta a thòisich iomairt nam Pàircean Nàiseanta an Canada, agus, ’s math sin, oir tha mathain dhubha is grizzly agus coyotean agus gobharan-beinne gu leòr ri fhaichinn air an t-sliabh. Thug e toileachas mòr dhomh faighinn a-mach às a’ bhaile (agus an lab gun uinneagan anns a bheil mi ag obair) agus beinn no dhà a dhìreadh air sligheachan a bha sgiobalta, snog. Sin an seòrsa cur-seachad bu chumanta aig sluagh Chalgaraidh: campadh is coiseachd, sealg is seòladh canù.

Ach chun an Ear, seachad prèiridh shocair MhicPhàrlain, agus fo bhith-bhuantachd falamh nan speur, tha an talamh a’ tuiteam ‘s a’ dòrtadh mar fhairge sìos chun na Badlands. ’S ann air an fhàsach dhorcha tioram seo a tha beartas Calgaraidh stèidhte, anns an ola ’s a’ ghas as urrainn dhut slaodadh às. ’S e saoghal neònach, coimheach a tha seo, nas coltaiche ri Mordor na àite sam bith air a’ chruinne seo. Ach tha e a’ tairgsinn beartas eile. Fosailean. Cnàmhan reòite nan dinosaur, ag aithris rinn bho na linntean a dh’fhalbh. Ann an Drumheller, baile sna Badlands nach eil ach grod a’ coimhead, tha taigh-tasgaidh air leth ann a’ sealltainn nam fosailean seo. Agus, cinnteach, tha dinosauran plastaig ann son na cloinne, ach ’s e na clachan fhèin as iongantaiche. Chithear biast-mhara cho fada ri làraidh is a cumadh sgrìobhte sa chlach. An taca ri Calgaraidh, cho trang is cho làn dùil an linn ri teachd, tha na fosailean mar dhearbhadh air aois mhòr an t-saoghail seo. ’S dòcha anns an tìr seo, far a bheil a h-uile càr cho mòr ri dinosaur, gum bu chòir dhuinn cuimhne a chumail air dàn nan dinosaur – a bheil bàs nam biastan seo mar rabhadh dhuinn ’s sinn a’ sluigeadh a h-uile pioc ola a ghabhas draghadh a-mach à craiceann briste an t-saoghail?

Manadh air choireigin: nach do shrac na speuran fhad ’s a bha mi a’ coiseachd na Badlands. Stoirm samhraidh, ’s gun orm ach lèine is briogais ghoirid. Cha b’urrainn dhomh ach gàire fhann a dhèanamh ’s mo chiad smuain air faclan mo Ghranaidh an Eirisgeidh – cuimhnich seacaid a thoirt leat! Bha an t-uisge a’ dòrtadh, agus tàirneanach is dealanach uabhasach ri chluinntinn ’s ri fhaicinn os mo chionn. Feumaidh mi aideachadh gun robh deagh eagal orm.

Nuair a ràinig mi Drumheller a-rithist son bus Chalgaraidh a ghlacadh, bha mi nam lòn. Gu fortanach, bha drongair air choireigin na laighe sa bhus-stop agus, as dèidh bruidhinn ris tiotan, nach tug e seacaid shalach dhomh as a’ phòca dhubh aige, gus mi fhìn a chumail tioram. Chuck an t-ainm a bh’air is b’esan mo shlànaighear! Innseannach a bh’ann, ars’ esan, ach chan e innseachan, ars esan an uairsin, ach tùsanach. Bha e air rehab a thrèigsinn ochd turais cheana (b’ e seo an naoidheamh turas is an sgeul aige gun robh e son tilleadh a Chalgaraidh gus boireannach a lorg!).

Tha an deoch mar phlàigh air coimhearsnachdan tùsanach an Canada, mar a tha e na plàigh air coimhearsnachdan an dà chuid Gàidhealach is Gallta an Alba – agus gu ìre ’s ann air sgàth sin a tha mi fhìn ag obair air rannsachadh tràilleachd-dibhe. ’S beag leam sgrìobhadairean siubhail a bhios a’ feuchainn ri ciall a dhraghadh às na holidays aca. Ach – nuair a choinnicheas tu ri truaghan mar sin, a tha cho laghach riut, cha dearg thu ach stad mionaid is smaointinn air na daoine bha seo son na miltean de bhliadhnaichean mus tàinig muinntir na Eòrpa. Na daoine bho ghoid na Gàidheil am fearann agus a dh’fhuiling gu mòr fhad ’s a shoirbhich le daoine mar Seumas MacLeòid is Alasdair MacCoinnich. Gu cinnteach, cha sìmplidh eachdraidh, ach bu chòir cuimhne a chumail air, eadhan ann am baile cho adhartach ri Calgaraidh nam four-by-four…

Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach a’ call a shuim an Canada gu deireadh an t-Sultain. Ma tha Gàidhlig agad ’s tu fuireach timcheall Alberta, British Columbia no Washington sna Stàitean, nach cuir thu fios thuige. Tha e daonnan a’ sireadh sòfa gus cadal air.

Share

2 thoughts on “A’ dol air chèilidh air a’ phrèiridh | Calgaraidh Chanada

  1. Pingback: Lèirmheas leabhair | Seanchaidh na Coille |

  2. Pingback: Cèilidhs and Prairies: Calgary, Canada and the Scottish connection – THE ARCHIPELAGOER

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach