A’ dol gu Ameirigea

Tha Eòghan a’ falbh gu Ameirigea a Tuath airson mios. Bidh sinn a’ foillseachadh criomagan bhuaithe às na Stàitean agus Canada.

photo tourism concept new york city with statue liberty; Shutterstock ID 59760706; PO: aol; Job: production; Client: drone

photo tourism concept new york city with statue liberty; Shutterstock ID 59760706; PO: aol; Job: production; Client: drone

An t-Adhar Ameirigeanach, mar a bha aig Mac a’ Ghobhainn. Tha sinn uile beò fon iarmailt far am bi an iolaire mhòr air sgèith. Math no dona.

Tìr a’ Gheallaidh. Wounded Knee. Beverly Hills. South Central. Bothan Beag air a’ Phreiridh. Willie Nelson. Dòchas. Cunnart. Foirneart. Malcolm X. Aisling Mhartainn. Trom-laighe Dhòmhnaill Iain. Bàs. Beatha.

Tha Ameirigea air a bhith aig teis-meadhain mo mhacmeanmna on a bha mi nam phàiste. Cho beò dhomh ’s a bha sràidean Inbhir Nis no sneachd air a’ Chuilthionn. Tha buaidh nan Stàitean do-sheachanta ann an saoghal far a bheil na Simpsons co-ionnann ri Uilleam Shakespeare mar stòras airson sean-fhaclan.

Dance called America. Far an deach ar sinnsirean a’ tèicheadh bochdainn is dochann, far an d’ rinn iad beartas is thog iad an dùthaich a bu chumhachdaile ann an eachdraidh an t-saoghail, An Roimh Ùr, agus far an d’ rinn iad cròn gun tomhas air na tùsanaich is na daoine dubha (’s e masladh a th’ ann gu bheil an crann-tara agus crann-ceusaidh Anndra nan samhla air gràin is cumhachd gheal).

Tha mi air mo shlighe a dh’Iorc Nuadh, (no mar as fheàrr leam, dòigh nan Èireannach, Nua Eabhrac) agus tha e a’ faireachdainn neonach a bhith a’ dol a dh’àite as aithne dhut gun a bhith ann a cheana. A bheil mòr-bhaile eile san t-saoghal cho aithnichte? Bho aois òg, tha ainmeam shràidean agus còmharran-iùil ag èirigh ann am fiolmaichean, òrain, leabhraichean. Anns an aon smuain, tha mi aineolach agus fiosraichte mu na tha romham san Ubhal Mhòr. ’S mathaid gu bheil sinn freagarrach airson àite a bhios cuid a’ samhlachadh ri neamh is cuid a’ samhlachadh ri ifrinn.

Cha bhi mi ach còig làithean sna Stàitean mus dèan mi mo shlighe a dh’Alba Nuadh agus bidh mi a’ feuchainn ri rud no dhà a dhèanamh airson ar n-iris bheag ìriosail a chumail a’ dol. Chì sinn dè tha ann am Freastal. (Taigh-òsta math tha mi an dòchas! Duilich, joke bheag às an Eilean Ròdach a tha sin!)

Tha aon rud cinnteach, bidh an cùirm aig Billy Joel Oidhche Chiadain sgoinneil.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “A’ dol gu Ameirigea

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach