A’ Fighe Choimhearsnachdan

A bheil leasanan aig seann-choimhearsnachdan Gàidhealach ri ionnsachadh do shaoghal an latha an-diugh. Tha Alistair a’ meòrachadh.

Bha e na chleachdadh am measg cuid de na coimhearsnachdan Gàidhealach plangaidean a thoirt do chàraid a bha gus pòsadh. Thigeadh co-aoisean na càraide còmhla ann an taigh bean na bainnse gus a’ chlòimh a chìreadh. B’ e cothrom a bh’ ann beagan eòlais a chur air càch a chèile; le spòrs is fealla-dhà na lùib. An uair sin rachadh a’ chlòimh dhan mhuileann far am biodh na plangaidean air am fighe. Mus robh iad deiseil bhiodh làmh aig cha mhòr a h-uile ball dhen choimhearsnachd san iomairt, bho chùl na caora tron rùsgadh, cìreadh, dathadh, fighe is luadh. Aig deireadh gnothaich bha na plangaidean nan samhla air a’ choimhearsnachd a cruthaich iad; na snàithlean aca air an dlùth shnìomh ri chèile.

‘S e coimhearsnachd rud a laigheas faisg air cridhe nan Gàidheal; gu dearbh ’s e pàirt chudromach de cò iad. ‘S iad na coimhearsnachdan làidir aca a leig leotha tighinn beò ann an àrainneachd dhùbhlanach aig fìor iomall na Roinn Eòrpa. Ach fiù ’s am measg nan Gàidheal tha coimhearsnachdan a sìor chrìonadh agus ’s e an aon sealladh a chithear air feadh an t-saoghail le fàs nam bailtean mòra is crìonadh nam bailtean beaga.

‘S i Margaret Thatcher a thuirt nach robh a leithid ann ri sòisealtas, is mura h-eil sòisealtas ann chan eil coimhearsnachd ann. Bha adhbhar math aice a bhith a’ cur an aghaidh choimhearsnachdan. B’ iad na seann-choimhearsnachdan gnìomhachais is coimhearsnachdan nan aonaidhean a sheas rithe, gu sònraichte na mèinnearan. Ach bha feallsanachd cuideachd air cùl a beachdan. ‘S e a bha air a h-aire saoghal calma ùr a bhiodh air a riaghladh le prionnsabalan a’ mhargaidh shaoir, far am biodh luchd-obrach deiseil is deònach freagairt air feumalachdan gnìomhachais. Cha robh ceangal do dh’àite no choimhearsnachd gu bhith cur bacadh orra. A rèir a rùnaire stàit airson cosnaidh, Norman Tebbit, bha sinn uile gu bhith faighinn air muin baidhseagail is a’ dol an tòir air obair. B’ e an aon seanchas a chluinnte sna Stàitean fo charaid Maighreid, Ronald Reagan, is chluinnte a mhac-talla bho air feadh an t-saoghail.

Stailc

Trithead bliadhna air adhart is tha sinn a’ faicinn toradh na feallsanachd seo.Tha gu leòr de na coimhearsnachdan a dh’èirich ri linn Tionndadh a’ Ghnìomhachais a-nis ann an staid èiginneach. Ma tha obair idir aig an luchd-còmhnaidh ’s e obair chugallach gu tric a th’aca, mar a tha a h-uile rud eile a bhuineas ri am beatha eadar taigheadas is slàinte. Tha obair a mhaireas fad beatha cha mhòr air a dhol à bith agus tha an eaconamaidh gig a sgapadh mar aillse làmh air làimh le cùmhnantan neoni uairean a’ goid bho dhaoine an còraichean is an tèarainteachd.

Ged a tha cuibhreann de dhaoine ann a tha a’ dèanamh ceart gu leòr às an t-siostam is mòr an àireamh a chaidh fhàgail air a chùl. ‘S e an cunnart an lùib sin gur e staid inntinn nan daoine as motha a dh’fhuilingeas nuair a chrìonas am fèin-aithne; nuair a chailleas iad an cinnt air cò iad is dè an t-àite a th’ aca san t-saoghal. Ma tha an làr a’ tuiteam fodhainn cò nach greimicheadh air dad sam bith a chumas sinn bho dol fodha? Ma thig fear-poilitigs le slat draoigheachd na làimh a dh’innse dhuinn gun cuir e an gleoc air ais is gun cuir e às don a h’uile rud a tha a’ bagairt oirnn eadar in-imricheas is crìonadh gnìomhachais; cò nach gabhadh ris? Tha na cothroman pailt do luchd-poilitigs a tha airson brath a ghabhail air staid ìosal nan daoine.

Ach a bheil roghainn ann don t-saoghal dhubhach a tha iad a’ gairm? ‘S dòcha nan togadh coimhearsnachdan às ùr gun toireadh sin an t-seasmhachd dhan t-sluagh a tha a dhìth air. ‘S dòcha gu bheil leasanan aig seann-choimhearsnachdan Gàidhealach ri ionnsachadh do shaoghal an latha an-diugh. Chan urrainnear a dhol air ais is chan eil math dhuinn nas motha a bhith a’ coimhead air ais tro shùilean romansach; cha robh a h-uile rud taghta san àm a dh’fhalbh. Mar fhear a tha a’ fuireach ann an coimhearsanchd bheag tha làn fhios agam air mar as urrainn dhaibh a bhith dùinte bhon t-saoghal a-muigh no beachdan ùra, is cha sheas coimhearsnachdan dùinte ann an saoghal a tha fosgailte.

Le còmhdhail is conaltradh a sìor dhol am feabhas tha crìochan an t-saoghail a’ seargadh. Gu dearbh cha toir na gnìomhachasan mòra a chumas fo dhaorsa an luchd obrach feart air crìochan. Gluaisidh iad gu h-ealamh dhan cheàrn far am faighear cosnaidhean is còraichean as ìsle. Ma tha cothrom gu bhith aig coimhearsnachdan seasamh aig an t-saoghal ùr seo ’s fhearr dhaibh gabhail ris agus a bhith ga cleachdadh do am buannachd fhèin. Chan e ach mealladh a th’ann an teachdaireachd luchd-poilitigs na làimhe dheis a dh’innseas dhuinn gum faighear an-dè air ais an-diugh. Mar a mhair seann-choimhearsnachd Ghàidhealach ann an àrainneachd iomallach feumaidh coimhearsnachdan an latha an-diugh mairsinn ann an àrainneachd eadar-nàiseanta.

Dakota 2

Nuair a sheas na tùsanaich Aimeireaganach o chionn greis ri gnìomhachas na h-ola ann an Dakota sheas iad le taic bhon choimhearsnachd eadar-nàiseanta. B’ e sgeulachd Dhabhaidh an aghaidh Goliath a bh’ann, agus (gu ruige seo) s’e Dabhaidh a fhuair buaidh. Abair deagh shamhla air mar as urrainn do chonaltradh an t-saoghail mhòir a bhith air a chleachdadh gu maith nan coimhearsnachdan beaga.

Ach cha tachair sin gun strì. Le buannachdan coimearsnachd thig dleastanasan. Tha e an urra rinn uile coimhearsnachd a neartachadh le bhith a’ daingneachadh nan ceanglaichean a th’ againn mar-thà agus ceanglaichean ùra a chruthachadh. Thèid an clò ùr fhighe aig an taigh ach sìnidh na snàithean aige fad is farsaing. Tòisicheamaid air fighe!

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach