A’ Glacadh a’ Chluarain Chailleanaich | Inverness Caledonian Thistle

Caledonian_Stadium_-_geograph-916623
Tha latha mòr a’ feitheamh ri Inverness Caledonian Thistle no Cluarain Chailleanach Inbhir Nis aig ceann na mios seo ann Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba – ach tha eachdraidh chonnspaideach, làn mì-rùn air an cùlaibh – a bheil an t-àm ann airson slànachadh ceart a thighinn gu buil?

Tha eachdraidh eadar mi fhìn agus Inverness Caledonian Thistle (ICT), feumaidh mi aideachadh. Chaidh mo ghluasad gu Inbhir Nis aig aois a deich o Shiorrachd Pheairt, agus cha robh mi cho sona ri bròig mu dheidhinn. Chaidh mo chur a-steach gu Bun-sgoil Bhaile an Fhraoich, gu clas làn bhalaich a bha uile a’ leantainn Caledonian FC mar a bha, agus a dh’innse na firinn, cha d’fhuair mi aoigheachd mhath Ghàidhealach bhuapa.

Cha robh sinn ach sadail spitheig o Phàirc Sràid Thelford, chitheadh lainnir a’ chanàil (no Balie an fhraoich amar [sic] mar a tha aig soidhnichean Inbhir Nis na làithean-sa) o raon-cluiche na sgoile agus as dèidh euchd mhòr Thelford a chaidh an sgioba ainmeachadh. Bha iad cho soirbheachail ri sgioba ann an Lìog na Gàidhealtachd agus shaoileadh tu gum biodh e nàdarrach a dhol ann. Ach bhiodh m’ athair, a bha a-riamh gu dubh an aghaidh nan Old Firm, ga chur dheth leis gun robh ceangal làidir aig Caley ri Rangers agus mar sin, rachadh sinn gu Inverness Thistle shuas ann an Sgìre a’ Chrùin. Oh, agus leis gun robh gràin a’ bhàis agam air a h-uile mac màthar sa chlas agam, bha mi toilichte a dhol an aghaidh an t-srùtha agus na Jags a leantainn.

Bha Thistle air feuchainn ri faighinn a-steach do Lìogan Nàiseanta na h-Alba ann an 1974, ach bha coltas de mhì-rùn mòr nan Gall a’ ruith ann an cuislean stiùirichean a’ bhuill-choise aig an àm ud, agus leig iad a-steach Ferranti Thistle à Dùn Èideann nan àite. Bha e follaiseach do Thistle gun robh taobhachd dhan sgioba on Cheann a Deas, gu h-àraidh nuair a chaidh innse nach robh pàirc fhreagarrach aig Ferranti agus gum b’ fheudar dhaibh an ainm atharrachadh a chionn ’s gun robh e coimearsalta. (’S e raon-cluiche Meadowbank a thug fuasgladh do Fherranti on dà shuidheachadh sin ach a-nise tha iad a’ cluich fon ainm Baile Dhùn Shlèibh)

Cha robh cothrom eile gu bhith ann gus an tàinig crathadh eile air siostam nan lìogan ann an 1993. Ach an turas seo le Caley aig bàrr seach Thistle, chaidh e a mholadh gum bu chòir dhan dà sgioba dhol còmhla ann an co-aonadh no merger – ged a bha Caley soirbheachail agus cumhachdail gu leòr, bha faireachdainn ann mur robh Thistle an lùib a’ chlub ùir gum biodh taic a dhìth orra agus nach biodh Lìog Ball-coise na h-Alba a’ coimhead gu bàidheil air an tagradh.

Bha ùpraid mhòr ann, le cuid de luchd-leantainn Chaley gan casg o gheamannan, (gu h-ainmeil, a’ pàrcadh bus double-decker ann an Currys an ath-dhoras agus a’ coimhead tarsainn a’ bhalla) agus cuid mhath de luchd-taic Thistle a sguir a dhol gu geamannan air fad agus feadhainn eile a rachadh (mar a rinn mo theaghlach) còig mìltean deug sìos an rathad gu Inbhir Pheofharain, far an robh Ross County air faighinn a-steach còmhla ris a’ chlub ùr anns an taghadh.

A dh’aindeoin na connspaide, bha ùidh mhòr air feadh na dùthcha a thaobh a bhith a’ cluich aig pàirc Chaley, lèine a bha gorm is geal gun ghuth air dearg no dubh agus a h-uile duine a’ cantail Caley riutha. Cha tàinig Inverness gu bhith orra gus an ath-sheusan nuair a bha iad ann an èiginn taic-airgid on chomhairle airson pàirc ùr a thogail ach ’s ann an uairsin rinn iad mearachd eile a tha a’ toirt buaidh orra fhathast.

Inverness stadium a2.jpg
Inverness stadium a2” le StaraBlazkova – Obair aige fhin. Fo chead GFDL via Wikimedia Commons.

Ged a bha Telford Street seann-fhasanta, ’s e pàirc ball-coise ceart a bh ann, le fuaim agus le gleadhraich on chrò aig aon cheann a bha eagalach. Ghluais iad gu pàirc air iomall a’ bhaile, (rud gu math cumanta) ach cha b’ ann a-mhàin air iomall a’ bhaile a bha i ach air leac na creige ri taobh na mara, fo sgàil Drochaid Cheasaig – àite cho fuar agus mì-chàilear airson geama ball-coise fhaicinn ann an Alba le aon stannd mòr far an robh am fuaim a’ dol ma sgaoil. Tha e doirbh a thomhas cia mheud luchd-taic cunbhalach a chaill iad ri linn an dà rud seo, ach a dh’aindeoin gach adhartas thar nam bliadhnaichean, a’ dol suas nan lìogan gu sgiobalta, gun a dhol sìos lìog ach aon uair, a’ cur na buidseachd air Rangers agus Celtic iomadh uair (Super-caley-go-ballistic-Celtic-are-atrocious et.al), agus cuairtean deireannach a ruighinn, chan eil faireachdainn ann gu bheil Baile Mòr na Gàidhealtachd a’ cur an làn-taic ris an sgioba aca.

Feumaidh gun tug mo làithean dubha sa bhun-sgoil droch bhuaidh orm, oir fad bhliadhnaichean bhithinn cianail searbh mu dheidhinn soirbheachas no call Chaley. Tha mi air tilleadh nas motha is nas motha ri gaol m’ òige, St Johnstone ach tha meas mòr agam fhathast air County agus tha mi an-còmhnaidh ag iarraidh an sgòr a fhreagras air an sgioba a tha ann an dìth nuair a bhios mo dhà sgioba a’ cluich, agus chan eil mi idir cho suarach ri Caley Thistle.

Richie Foran

Richie Foran – Sgiobair ICT

Gu dearbh, a bhòn-uiridh fhuair mi teachdaireachd o sheann charaid àrd-sgoile, Kristine –tè ghasta le granaidh à Stafainn – co-dhiù, dh’iarr i orm eadar-theangachadh a dhèanamh air “Stamina, Style, Steel” agus thug mi dhith Smior, Stoidhil, Stàilinn, agus mi a’ saoilsinn gur ann airson tatù air choireigin a bhiodh e.

Nach mi a bha a’ faireachdainn gòrach nuair a fhuair mi a-mach gun robh i ga chleachdadh le Terry Butcher mar shluagh ghairm Chaley Ud! (Tha mi cinnteach ge-tà gu bheil Terry a’ faireachainn buileach nas gòraiche leis gun do dh’fhàg e airson Hibs seachdainean ro Chuairt Dheireannach na Lìog an-uiridh agus an uairsin thug e sgioba Dhùn Èideann sìos). Ach thug mi mathanas do Kristine bhochd nuair a ràinig mi Pàirc Chailleanach airson co-labhairt thidsearan Gàidhlig agus ise air cùl an ionaid-fhàilte. Ged a tha a’ phàirc fhèin caran grànda, tha i snog san taobh a-staigh agus iad a’ toirt urram dhan dà chlub a chaidh an-sàs o chionn fichead bliadhna.

TerryButcherMay2010.jpg“Smior, Stoidhil, Stàilinn le Caley, Sacked le Hibs” TerryButcherMay2010” le W. L. Tarbert – obair fhein. Ceadaichte fo CC BY-SA 3.0 via Wikimedia Commons.

Chunnaic mi an latha sin am fear a thàinig as dèidh Butcher, John “Yogi” Hughes, agus nan robh cuideigin ann am ball-coise a bha a’ dol gam dhèanamh measail air Caley, ’s esan a bhiodh ann. Gaisgeach a tha ann an Yogi – dòigheil, sunndach agus bragail – chan eil e an-còmhnaidh a’ buannachadh no a’ soirbheachadh –ach airson fear a bha caran garbh mar chluicheadair-dìona, bidh na sgiobaidhean aige a’ cluich ball-coise tarraingeach gun a bhith a’ call an smior, stoidhil agus stàilinn sin a bha cho cudromach do Bhutcher.

Tha ball-coise Eòrpach dearbhte fo Yogi, agus as dèidh dhaibh a’ chùis a dhèanamh air Celtic san iar-chuairt-dheireannach, chan eil ach an Eaglais Bhreac, a bhios a’ cluich sa Championship, a’ feitheamh rithe aig Hampden. Tha cothrom aig Caley Thistle eachdraidh a dhèanamh dà uair san aon bhliadhna, agus ’s dòcha fichead bliadhna de chràdh a chur air an cùlaibh. Dh’aidich Charlie Christie, fear cho ceangailte ri ICT ’s a tha duine fon ghrèin, ann an agallamh ron iar-chuairt-dheireannach “Chaidh [an co-aonadh] a dhèanamh san dòigh cheàrr ach tha an t-àm ann gluasad air adhart.” Is cinnteach gu bheil e ceart.

Tha fir ann an Inbhir Nis fhathast le tatùaichean Thistle air an gàirdeanan agus lèintean dubha is dearga crochte sna taighean aca – ach tha aon fhear ann a bha a’ leantainn Thistle a bhios a’ toirt a làn thaic do Chaley a-nise agus ’s e sin Coinneach Caimbeul, fear-lagha ann an Dùn Èideann. Dh’fhaighnich mi dha an robh e an dùil gun dèanadh ICT an uiread de dh’adhartas ann am fichead bliadhna.

“Fìù ’s a’ coimhead air ais air siubhal suas na Lìogan, cha ghabh e creidsinn, dhomh-sa co-dhiù. Cha robh an dà shealladh orm (chan e Odhar m’ fhar-ainm). Tha mi dìreach cho toilichte mu dheidhinn ach feumaidh sinn an cùpa a ghleidheadh a-nis. ’S e call a bh’ ann nuair a dh’fhalbh Thistle ach tha e air a bhith math don a’ bhaile.” ars Coinneach.

“Tha e follaiseach gu robh an rionnagan air riadhain le Rangers a bhith cho ìseal, bha cothrom againn cupa no rudeigin a ghlacadh cho fad ’s gun robh galair air Ibrox, mar a bha cothrom aig a h-uile duine. Chaill sinn gu County air an latha mu dheireadh de sheusan 12/13 agus bha mi cinnteach nach tigeadh an cothrom air ball-coise Eòrpach a-rithist. Nuair a nochd sinn sa chuairt dheireannach de Chupa na Lìog v Obar Dheathain, bha mi an dùil gum biodh sin na zenith aig ICT ach bhe e caran anticlimactic. Ach bha an seusan seo dìreach mìorbhaileach. Bha feagal orm gum biodh sinn ann an trioblaid as dèidh na Nollaig le Billy McKay a’ fàgail. Tha spiorad làidir anns an sgioba ge-tà agus a bharrachd air sin tha cluicheadairean math anns an sgioba. Ball-coise Eòrpach agus àite ann an Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba… amazeballs!

Tha fios agam fhèin dè cho sònraichte ’s a tha e sgioba a’ togail cupa na h-Alba airson a’ chiad uair, mar a thachair dhomh an-uiridh le St Johnstone. Chan urrainn dhomh a bhith suarach nas motha – tha mi an dòchas gun tèid gu math le ICT agus gum bi mo charaidean toilichte aig deireadh an latha.

(Ach, agus ’s e artaigil eile a tha seo ’s dòcha, tha An Eaglais Bhreac air Cupa na h-Alba a thogail dà thuras a-mhàin, ann an 1913 agus 1957. Cò bhuannaich Cupa FA Shasainn na bliadhnaichean sin? – Aston Villa. Cò bhios an aghaidh Arsenal air 30mh an Cèitean aig Wembley? – dìreach – Aston Villa!)

– Eòghan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach