a h-uile dùthaich, a h-uile spòrs, a h-uile seachdain…

 transworldTha Eòghan Stiùbhart a’ cuimhneachadh air prògram TBH spòrs air leth, Trans World Sport.

Tha machraichean Rois an Ear cho rèidh is cho freagarrach airson iomain, tha e na bhriseadh-dùil dhomh nach eil sgioba anns an sgìre, ged a tha sinn air beagan a dhèanamh ann an Acadamaidh Alanais o chionn ghoirid agus tha mi an dòchas sgioba na sgoile a chur air chois as t-samhradh.

Thàinig e a-steach orm gu mòr cho aineolach ’s a tha muinntir na sgìre mu spòrs nan Gàidheal nuair a bha mi a’ sealltainn bhideo de sheann prògram aithriseach mun spòrs do ghille sa chlas Foghlam Sòisealta agus Pearsanta agam.  Cha robh sgot aig a’ ghille seo mu iomain ach bha e air a bheò-ghlacadh leis a’ phrògram.

Dh’iarr e orm tuilleadh fiosrachaidh, “dè an diofar eadar camanachd agus hocaidh”? ars esan. Thuirt mi gun seallainn dha an diofar eadar na spòrsan maide an ceartair.

Rùraich mi ann an tasglann YouTube airson diofar videothan a shealltainn dha, agus lorg mi an t-uabhas dheth, ’s bha an diofar eadar an dà spòrs gu math follaiseach dha sa bhad. An uairsin, sheall mi dha Cuairt Dheireannach na Iomanaicht o Èirinn eadar Corcaigh agus an Clàr – cha b’ urrainn dha creidsinn meud na pàirce no àirdean Phàirc Ui Crocaigh. https://www.youtube.com/watch?v=Rv9FGy9MqOY

Leis gu bheil na Geamannan Oilimpeach dìreach air a dhol seachad, cha d’fhiach e hocaidh-deighe a choimhead ach ghabh mi an cothrom bandy a shealltainn dha. Gun teagamh, ’s e camanachd-deighe a tha ann am bandy  – raon-deighe cho mòr ri pàirc ball-coise agus na spèileadairean a’ cluich le ball seach puca. https://www.youtube.com/watch?v=0eKAL2oDRnE

Ach chan ann air bandy, spòrs a tha mòr ann an Lochlann ’s An Ruis a tha mi, ach air a’ video a lorg mi airson a thaisbeanadh.  ’S ann bho sheann chlàradh den phrògram spòrs Trans World Sport a bha e.  Prògram air nach robh mi a’ cnuasachadh o chionn fhada.

bandy

’S e prògram spòrs a bha ann an Trans World Sport a bha air Seanail 4 madainn Disathairne sna 90an a bhiodh a’ leantainn spòrs sam bith – bho Chupa na Cruinne Ball-coise gu Kabbadi, Gaisgich Oilimpeach do Sgitheadh air mullach càir https://www.youtube.com/watch?v=i3QeZtoonwY&list=PLzdBnPvOPr3OSxnApAUbq8ASqFm3pwP2z . Chunnaic mi seallaidhean is spòrsan iongantach bho air feadh an t-saoghail is cha robh mi ach dhà no trì deug bliadhn’ a dh’aois.

Tha boillsgeadh de m’ òige a’ tighinn thugam nuair a bhios mi ag èisteachd ris na guthan-aithris ud – foghlaimte ach neo-fhoirmeil – a’ toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg – dìreach! – pajamas, plangaid, bobhla de ghràn agus moch-èirigh airson na cartùnaichean fhaicinn. Bhiodh iad ag atharrachadh nan guthan-aithris airson diofar chànainean gus an gabhadh a reic air feadh an t-saoghail. Prògram inntinneach, annasach a dh’ionnsaich mòran dhomh agus dha na milleanan eile.  Agus bha iad math air na scoops fhaighinn – agallamhan le Tiger Woods, na Peathraichean Williams is Usain Bolt https://www.youtube.com/watch?v=TXK2OdShb9c  nuair a bha iad nan laochain bheaga.

A rèir coltais, tha Trans World fhathast a’ craoladh 27 bliadhna as dèidh dha tòiseachadh ach ’s fhada bhon a chunnaic mi e air TBH Talmhaidh. Tha mòran an lùib nan aithrisean, tha iad air filmeadh ann an 183 a-mach à 203 de bhuill an IOC. Chaidh a stèidheachadh leis a’ chompanaidh IMG Media agus ’s e feallsanachd a bha aig manaidsear IMG, Marc MacCarmaig, gun dèanadh am prògram na sgeulachdan as inntinniche mu spòrs san t-saoghal, ge b’ e cho beag ‘s a bha an spòrs. Deagh fheallsanachd, tè a bhios mo charaidean aig Spòrs na Seachdain BBC Radio nan Gàidheal a’ leantainn agus tè a bu toil leam faicinn an seo air duilleagan spòrs Dàna.

Gu dearbh, tha iad fiù ’s air iomain a dhèanamh! https://www.youtube.com/watch?v=c7hMtqO7GIM

seanal youtube Trans World https://www.youtube.com/user/TWSfeatures

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach