A-null, ’s a-nall… agus a-nunn?

Mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, a thog i bho chaochladh dhaoine, ann an caochladh sgìrean na h-Alba, tha mi air caochladh dhual-chainntean a chluinntinn thar nam bliadhnaichean (7, ma bhios sinn a’ cunntadh). Agus rud a tha air bualadh orm bho chionn ghoirid ’s mi a’ fuireach an Uibhist, ’s e cleachdadh nan rudan ris an abrar ‘co-ghnìomhairean’, air neo ‘adverbs’ sa chànan eile. ’S e sin, faclan leithid ‘a-nunn’, ‘a-nall’, ’s ‘a-nìos’.

A bheil coltas caran seann-fhasanta neo coimheach aig cuid dhiubh sin? Am faca tu cuid de na faclan ud a-riamh roimhe seo? Uil, sin dhuibh dùbhlan an neach-ionnsachaidh, air neo, aonan dhiubh ma-thà.

Bidh cuimhne aig gach aonan againn (a dh’ionnsaich a’ chànan) air an uair a bha sinn a’ dol thairis air  ‘suas’ agus ‘sìos’ sa chlas; dà fhacal, ceart gu leòr. An dèidh sin, ‘shuas’ agus ‘shìos’, a’ dèanamh ciall. ’S an uair sin, ‘a-nuas’ agus ‘a-nìos’, beagan doirbh agus iad an deireadh caochladh, ach cha do dh’adhbhraich e cus dragh dhomh.

A-nise, ann an Uibhist, bitear ag ràdh ‘shuas aig deas’ agus ‘shìos aig tuath’ (a’ leantail mar a tha an t-Iochdar – ceann shìos an eilein – sa Chinn a Tuath den eilean. Air neo a’ leantail seann chleas Gàidhealach, ach tuilleadh air sin uair eile.) Chuir sin na h-abairtean agam, ‘a-nuas’ agus ‘a-nìos’, bun os cionn fad poile.

Ach, dhan fheadhainn a tha a’ fuireach an Uibhist, bidh cuid mhath dhiubh an-dràsta ag ràdh: ‘a-nìos – cha chleachdainn-sa am facal sin idir.’ Aon uair ’s gun d’fhuair mi a-mach nach bi tòrr Uibhistich ga ràdh idir idir ann, thòisich mi a’ smaointeachadh. Oir, ’s cinnteach gun cuala mi an abairt sin an àiteigin eile.

Agus chuir e nam chuimhne aon uair a bha mi san Eilean Sgitheanach, ann an Slèite. Bha mi ag iarraidh drama aig cèilidh ann an Tarscabhaig agus thuirt mi dha mo charaid, aig an robh am botal: ‘thoir a-nall am botul dhomh’. (Bidh cuid dhiubh ag ràdh nach eil sìon ceàrr air sin, ma dh’fhaoidte cuid eile ag ràdh nach eil. Tha an t-òran ann, ‘thoir a-nall an t-slige chreachainn’, a bharrachd air ‘teann a-nall ’s thoir dhomh do làmh’.)

Ach ’s e a thachair dhomh gun tuirt boireannach à Tarscabhaig (nach ainmich mi – ach aig an robh làn-a-claiginn dhen Ghàidhlig): ‘chan e, ach bheir a-nunn am botal…’ agus ise ga mo cheartachadh.

Bha mi air an co-ghnìomhair sin – ‘a-nunn’ – ionnsachadh nuair a bha mi nam oileanach, ach ’s ann a chuir mi gu aon taobh e nuair a rinn mi a-mach nach robh duine sam bith ga chleachdadh – rud seann-fhasanta a bhiodh ann. Agus an uair sin, boireannach aig an robh Gàidhlig bhon ghlùin ga mo cheartachadh! Ach ’sin agad Gàidhlig Shlèite’, mar a chuir Steaphan còir nam chuimhne. Tha i nas fhaisge air Gàidhlig tìr-mòr.

Bho chionn ghoirid fhèin, chaidh ‘a-nunn’ a chleachdadh le fear eile – Àdhamh Ó Broin – aig a bheil deagh thomhas de chainnt meadhan Earra-Ghàidheal. Ach, chleachd esan e sin a’ ciallachadh ‘thall’. Uil, tha sin ann an Dwelly’s cuideachd. Nach sgoinneil a’ chànan?

An co-dhùnadh, chan eil fhios agam an e dualchainnt a tha seo, air neo crìonadh na Gàidhlig… neo measgachadh dhen dà chuid. Agus dè a’ chrìoch eadar a dhà? Mura chuala eilean gu lèir, mar Uibhist a tha Gàidhealach gu cùl a bhròig (ma ghabhas an abairt sin a chleachdadh an seo), facal air choireigin, ach e fhathast ann an cleachdadh ann an sgìre eile… ’s cinnteach nach e crìonadh a tha sin, ach dualchainnt? Air neo, an robh àm ann an Uibhist nuair a bhathar ga chleachdadh. Chan ann agam a tha an fhreagairt.

Share

One thought on “A-null, ’s a-nall… agus a-nunn?

  1. Cha chreid mi gu bheil dualchainnt sam bith a’ glèidheadh an diofair eadar a-nuas (down from above) agus a-nìos (up from below). Gun teagamh chan eileas a’ glèidheadh aduaidh, aneas, anoir no aniar (from north/south/, east/west), ged a tha iad aig luchd na Gaeilge fhathast. Cò chanas gur e ‘crìonadh’ a tha seo?

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach