A’ Phàirc

Tha Camanachd an Eilein a’ comharrachadh 125 bliadhna. Sgrìobh Eòghan seo o chionn bhliadhnaichean mar chnuasachadh air a’ chomann shònraichte sin.iomain dd

’S ann an-seo a thòisicheas e uile. Preasan teann conaisg a-measg creagan lom na siorraidheachd a shìneas on bhrùthaich-chùil dha na buailtean-samhraidh. Tha an taigh-comainn a’ greimeachadh ri leac an leathaid thall, le pàirc nan càraichean fodha agus an-uairsin am baile-beag agus an tobar às a bheil na fir-chlis a dhannsas air a’ mhachair seo ag èirigh.

 

Tha am baile-beag na shìneadh mar thrì-chàsach, le cridhe cearnagach de thaighean-òsta agus de dh’eaglaisean, cuairtichte le casan fhuamhairean. Tron iarmailt riabhach gheal, tha ball nach eil cho geal a’ sgiathlaich, le bilean a bha uair dubh a-nis air fàs glas, o bhois chamain gu bois chamain.

 

Air a’ bhrùthaich-chùil, air an lughdachadh le crùth na tìre agus àirde nam post, tha dithis bhalaich a’ togail an tadhail. Tha treas balach ga iompachadh gus cabar beag a chur tarsainn air a’ chùl gus an lion a chumail ris an làr. Nuair a tha an togail dhàna seo coileanta, tha an t-àm ann dhan treas fear aindeònach a bhith buileach nas aindeònaiche eadar na puist, glacte san lìn mar chrùbag ann an cliabh anns an loch a bhios a’ sluaisreadh bun na beinne thriantanich dhan ear-dheas. Ach, tha an treas balach eòlach air a’ chàs seo agus tha e seòlta le a dhioghaltais mhall. Tha an liut aice an fheadhainn ìseal thruagh a leigeil a-steach dhan lìon gheal ach a chaman a thilgeil gu ealamh gus na h-urchairean mòra o charaid as làidire a dhiùilteadh suas tarsainn air a’ mhaide-tharsainn no air ais dha a charaid ghreannach.

 

Tha ceathramh balach a’ nochdadh mar gun robh e fo thalmhainn ’s e a’ dìreadh nan ceumannan ri taobh an taigh-chomainn, a’ mheatailt mheirgeach a’ seirm le biorain a’ bhòtannain  is a chas-cheum sgiobalta. Tha fàilte ga chur air le urchair on fhear-ghlèidhidh, am ball as fheàrr den chòig nach eil air chall fhathast a’ seòladh thuige agus a’ laighe aig a chasan; gun dàil tha e a’ tilleadh a’ bhuill deich slat air fad, agus feumaidh e spaidearachd air adhart airson buille eile gus mu dheireadh thall tha a’ chnapag ga tilleadh dha ceann-ùidhe.

 

Air cùl an tadhail, tha àsbhuain fhraoich is chonaisg agus air cùl sin allt falaichte a bhios a’ taisbeanadh crùth tùsach an fhearainn mus do shnaighich saothair mhòr nan innealan an t-àite seo sa mhonadh; as dèidh sin tha an innis-fhraoch ann, an uairsin an talamh ìseal ri taobh na h-aibhne lùbaich agus an tobar eile às am bi na fir-chlìs a’ leum. Seachad air an àite sin, chan eil ann ach an cuan agus eileanan eile.

 

Tha a’ Ghrian àrd agus a’ ghaoth a’ sèideadh fodha. Tha fuaim a’ tighinn on bhaile-bheag agus tha an rathad a’ ruith seachad air oisean na pàirce a’ brunndail is a’ bragadaich nuair a tha bhana gheal a’ bualadh ri seann ghrid a’ chruidh ri taobh an t-sanas-rathaid Ghàdhlig. Tha gach seantans aig na balaich ga phuingneachadh le srann na cnapaig agus buille mhaol a’ chnò-ghall Ameirigeanaich. Cno-ghall an t-Saoghail ùir, ga locradh is ga dèanamh maol, nuair a bhiodh uinnseann ann uair, freumh cam o dhoire sgàileach. Ach ’s cam am fiodh fhathast.

 

 

Tha an ceathrar uile a’ sgrùdadh na brùthaich airson nan còig ball. Tha an còmhradh mar a thathar an dùil o inbhich òga, bragaileachd ann a bhith a’ ruighinn air rud a tha fiosraichte ach nach eil ga thugisinn, sgeulachdan air an leth-chluinntinn aig athraichean is uncailean agus creideamh coisrigte daingeann annta air fad, mar ùranach ag ùrnaidh do Dhia. Coinnichidh an Saoghal agus a cheàrnaidhean dorch riutha aithghearr gu leòr, fiosraichidh iad gràdh agus briseadh-dùil buaithe san aon anail.

 

Tha ball a’ losgadh a-steach agus a’ bualadh an fhir-ghlèidhidh air na lurgainn agus nì e sgriach mar shionnach leòinte a nì mac-talla air ballaichean an taigh-chomainn. Tha e a’ losgadh air ais air ceann an fhir chiontaich, an aon bhalach sgàirteil a bha e air aicheadh fad an fheasgair, a thionndaidheas agus a shàraicheas a charaid. Chan eil ùine ann airson truas, no an ceò air claigeann an Stòrr a mhothachadh cho fad ’s gu bheil an ath bhall a- tighinn a-steach on fhear deireannach, a’ dol oirleach seachad air a’ phost chlì.

 

Tha am feur fionnar uaine ga bhriseadh le coig-chearnach donn ann am beul an tadhail agus beàrraidhean beaga o dhroch –bhuillean an siud ’s an-seo. Bidh a’ mhearachd as lugha san talamh a’ faireachdainn mar thoibheum, rud a tha gu bunaiteach ceàrr, mar bhotail bhainne air bòrd an dinneir, no srathspè ga chluich airson ruidhle. Tha e an dùil euchdan, fiù ’s on òigridh. Bidh an ceathrar a’ bruadar air an latha mhòr air phàirc, còmhla ris na fir mhòra, sgeadaichte ann an geal, le glaodh am muinntir nan cluasan.  Is dòcha nach chluich iad uile sna geamannan mòra, ach cluichidh dithis le cìnnt agus fear aca letheach-slìghe dhan sgioba mhòr; ’s mathaid gun cluich an dithis eile, ach ann an ciaradh an fhoghair fada on taigh le glaodh muinntir eile nan cluasan. Ge brith far no cuin a chluicheas iad a’ chiad gheam sin, bidh e a’ ciallachadh an aon rud riutha, agus ’s ann an-seo a thòisicheas e uile..

 

Latha eile seasaidh iad aig uaighean càch a chèile agus seinnear a’ phìob agus tuitidh an talamh fliuch donn air iomall a’ bhaile air na bogsaichean fiodh aca. Agus eadar an latha seo agus an latha sin bidh iad a’ giulan dòchasan am muinntir, dòchasan an cuideachd agus dòchasan an cridhean. Failnichidh iad agus tuitidh iad agus uaireannan bidh trèis mhòr ann mus tog an fheadhainn eile iad, ach togaidh iad iad le cìnnt agus seasaidh iad san t-siorraidheachd seo cùide ri chèile. Air an oisean bheag seo de thalamh is fhuil sna speuran, no fear coltach ris, seasaidh iad guaillibh le chèil agus ’s ann leothasan a bhios eachdraidh air fad. ’S ann an-seo a thòisicheas e uile.

 

Tha ceithir buill às na còig neo-chaillte cho fad ’s gu bheil na faileasan a’ sìneadh agus tha duslach an rathaid ga sgaoileadh le càr. Tha am fear-glèidhidh aindeonach ag aithneachadh cothrom na saorsa agus tha e ag innse dha a chàirdean gu bheil an dearbh àm airson dinnear ann agus chan eil e airson athair a chumail air ais ach bidh e air ais nas fhaide air adhart nuair a bhios na fir a’ treanadh. Leis gur e am ball ùr aige fhèin a tha neo-lorgte, tha e a’ cur roimhe gum faighnich e dha athair mar a bha a’ chroit an-diugh agus cha chan e guth mun chruinn bheag leathair a’ neadachadh àiteigin eadar Neamh agus craobh bheithe. ’S ann an-seo a thòisicheas e uile.

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach