A’ togail Air Bunaitean Seasmhach. Òraid le Daibhidh Page bhon bhuidheann Ailtearachd Page/ Park.

Fad cha mhòr 30 bliadhna tha am buidheann Ailtearachd Page/Park air a bhith air cùl cuid de na togalaichean as buadhmhoire ann an Alba. Dè dìreach an cungaidh dhìomhair aig Page/ Park a thug soirbheachadh do na pròiseactan aca? Chaidh Alistair gu òraid le Daibhidh Park às a’ bhuidheann gus faighinnn a-mach.


Cha bhi a’ mhòr-chuid againn, taobh a-muigh saoghal na h-ailtearachd, eòlach air a’ bhuidheann ailtearachd Page/ Park ach bidh sinn uile a tha a’ fuireach ann an Alba tuilleadh is eòlach air an cuid obrach. Tha am buidheann air cruinneachadh air leth de thogalaichean a choileanadh rè na 38 blaidhna bhon a thàinig iad gu bith a thug buaidh oirnn uile nuair a nochd iad air ar sràidean leithid; an earrann ùr dhen Teàtar Rìoghail, An t-Ionad Eadailteach ann an Glaschu agus An t-Ionad Maggie ann an Inbhir Nis am measg iomadh eisimpleir eile.

  

An t-Ionad Maggie ann an Inbhir Nis                An t-Ionad Eadailteach ann an Glaschu

Nuair a thàinig e gu m’aire gun robh Daibhidh Page, a stèidhich a’ chompanaidh le Brian Park, gu bhith a’ tighinn a dh’Arainn gus oraid a thoirt seachad as leth Comann Crann Na h-Alba cha b’e ruith ach leum dhomh dol a dh’èisteachd ris. Agus ’s math a b’ fhiach oir abair triall inntinneach a bha air a bhith aig a’ chompanaidh gu ruige far a bheil iad san latha an-diugh, ’s iad an sàs ann am pròiseactan mòra suaicheanta, bho thoiseach a bha gu math iriseal nuair a bha iad ri dealbhadh mullachan ùra do theanamantan. Iriseal ’s ged a bha i cha b’ann gun stà an obair sin às abheil Daibhidh fhathast a cheart cho pròiseil ’s a tha e às na pròiseactan mòra a thàinig às a dèidh, oir thug i beatha ùr do sheann-thogalaichean is chuidich i le neartachadh coimhearsnachd a’ bhaile. B’ e duine òg, feargach a bh’ann dha rèir an uair sin ged nach robh an coltas sin a’ laighe air an duine stòlda, sèimh air ar beulaibh a bhruidhinn rinn gu socair mar gun robh e a’ còmhradh rinn. Ach an uair sin, tràth sna ochdadan, bha e air a chlisgeadh le mar a bha na h-ùghdarrasan a’ spìonadh a’ chridhe às a’ bhaile ghaolach aige, Glaschu, le bhith a’ leagail earrannan dhen bhaile stèidhte is a’ fuadachadh a luchd-còmhnaidh gu bogsaichean air iomall a’ bhaile.

Ach bha dòighean smaoineachaidh a’ caochladh, mean air mhean, le aire a’ claonadh gu ath-bheòthachadh bhailtean. Le tionndadh na gaoithe shèid beagan dhith an siùil Page/Park, is thòisich na coimiseanan air sruthadh a-steach tro na dorsan aca. Fhuair iad cùmhnant airson ath-dhealbhadh na h- Arainneachd mu Chathair Eaglais Ghlaschu is Taigh-Tasgaidh a’ Chinn Tighearna is pròiseactan eile mu thaobh an ear baile Ghlaschu; gu sònraichte an t-Ionad Eadailteach a dhaingnich an cliù aca. B’ e cothrom a thugadh dhaibh, chan ann a-mhàin togalaichean breagha a dhealbhadh, ach a bhith a’ cur ri aiseirigh taobh an ear a’ bhaile, rud a fhreagair gu dlùth air an fheallsanachd aca. Agus cha chreid mi nach e sin an snàth a ruitheas tron obair air aca air fad; gu bheil feallsanachd làidir air cùl gach pròiseact a choilean iad thar nam bliadhna agus gur e sin an rud a bheir air an obair aca seasamh a-mach. Tha feallsanachd na bhun-stèidh do na toglaichean aca cho math ris a’ choncrait a laigheas fodhpa. Gu dearbh bha an òraid a thugadh dhuinn cho mòr mu fheallsanachd is a bha i mu chlachaireachd is stàilinn.

Ann an cuid de na pròiseactan bha am feallsanachd follaiseach, gun faclan a dhìth orra, cho luath sa nochd dealbhan dhiubh air an scrìon air cùl Daibidh; leithid an t-Ionad Maggie ann an Ibhnir Nìs far a bheil ceangal eadar àrainneachd is fallaineachd air a choileanadh gu h-ealanta ann an togalach le cruth neò-abhaisteach a tha air a chuairteachadh le gàrradh a chaidh a dhealbhadh le Charles Jencks. Le cuid eile b’ e am mìneachadh aig Dàibhidh a shoillsich dhuinn na h-adhbharan a choilean na h-aitreabhan an cuid amasan cho math. Cha b’ann air thuiteamas a cho-fhreagair simplidheachd an togalaich fheumachail aig Taigh-Tasgaidh Naiseanta na dòighe beatha dùthchaile air iomall Cille Bhrìghde An Ear air an uidheamachd feumachail a lorgas na bhroinn. Tha An Taigh-Solais ann am meadhan Ghlaschu a’ tarraing air cumaidhean an t-seann thogalaich aig a’ Ghlasgow Herald ri thaobh, a thathar a’ creidsinn a bha air a dhealbhadh gu ìre mhòr le Teàrlach Rennie Mac an Tòisich; tha sin nochte bhon taobh a-muigh. Chan eil e nochte ge-tà gu bheil slighe air a dhealbhadh tron taobh a-staigh a shiubhaileas bho cuingleachadh dorcha nan sràidean cumhang suas dhan t-solas gu far am faighear seallaidhean iongantach thar a’ bhaile. Tha an earrann ùr dhen Teàtar Rìoghail a chaidh a dhealbhadh le Page/Park is a dh’fosgail o chionn trì bhliadhna air cliù a chosnadh ri linn an staidhir chùimir a lorgas na bhroinn. Chan iongnadh e gu bheil feallsanachd fiù ’s air cùl rud a tha cho eireachdail ri sin oir ’s e an staidhir seo a chuireas fàilte air na daoine a thig tro na dorsan is a tharraingeas iad a-steachd dhan togalach. San dòigh seo tha e a’ cur ri coileaneadh amasan an togalaich a bhith a’ neartachadh ceanglaichean eadar an teàtar is muinntir a’ Bhaile.

       

An Taigh-Solais Ann An Glaschu                       An sealladh thar Glaschu bhon Taigh-Solais

Ann an saoghal a tha dualtach a bhith air a bheò-ghlacadh le cuingealachadh cosgais air an aon taobh no le leòmachd thar susbaint air an toabh eile tha an obair aig Page/Park na dhearbhadh gu bheil luach ann am feallsanachd is prionnsabal. ‘S i an aon cheist a chaidh fhàgail agam; a bheil feallsanachd dhen leithid gu feum dhuinn a tha a’ tàmh air an dùthaich, oir tha tha a’ chuid as motha dhen obair aig Page/Park a’ buntainn ris a’ bhaile mhòr? Saoilidh mi gu bheil oir s’ iad na h-aon thrioblaidean, uireasbhaidhean is dòchasan a th’againne ri muinntir a’ bhaile mhòr. Mar a tha fìos againn uile ’s e taigheadas air a dheagh-dhealbhadh agus aig prìs reusanta aon rud a chumas òigridh aig an taigh is a tharraingeas daoine gu sgìrean dùthchail. Ach dè mu dheidhin togalaichean poblach? Chan eil an t-airgead cho pailt ceart gu leòr ’s a tha e anns na bàiltean agus ’s ann anns na bàiltean as motha a lorgas togalaichean suaicheanta na dùthcha. Ach do choimhearsnachd bhig tha talla coimhearsnachd, sgoil no eaglais a cheart cho curdromach ri togalach riaghaltais, taigh-tasgaidh no ionad ealain nàiseanta. San roinn phoblachd tha sin cleachdte le togalaichian simplidh is feumachail. Ged a tha eisimpleirean de dheagh ailteareachd rim faighinn air a’ Ghàidhealtachd tha iad sin tearc. Tha an obair aig Page/Park na comharra air mar a thèid aig ailtearachd misneachd choimhearsnachdan a thogail is am fèin-àithne a dhaingneachadh. Nach eil sinn a thig beò air a’ Ghàidhealteachd cuideachd airidh air ailtearachd a riochdaicheas ar dualchas is ar dòchasan?

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach