A’ togail fianais an aghaidh Blàthachadh na Cruinne | Gàidheil XR

Chaidh Gàidheil XR a ‘Die In’ aig Taigh-tasgaidh Kelvingrove gus an cunnart a th’ ann an atharrachadh na gnàth-shìde do dhaoine, do chànain agus do chulturan a shealltainn. Tha Catrìona Mulholland, a tha na ball den iomairt, ag aithris.

Aig 3f Disathairne, 27 den Giblean, 2019, chruinnich daoine timcheall air Dippy an dìneasair agus le fuaim na fìdhle shìn iad sìos air an làr mar ’s gun robh iad marbh. Air bràigh an cuirp, dh’fhoillsich na com-pàirtichean brathan a thug rabhadh mu chunnart blàthachadh na cruinne. Tha an tachartas seo na phàirt de ‘Die In’ eadar-nàiseanta agus bha Gàidheil XR ag iarraidh cuideam a chur air a’ chunnart a th’ ann am blàthachadh na cruinne do chulturan agus do dhaoine dhùthchasach a tha mu choinneamh bhagairtean mar-thà.

Tha Misneachd air a bhith a’ cumail taic ri Gàidheil XR bho thòisich iad anns a’ Mhàrt. Thuirt Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, neach-iomairt le Misneachd, “Tha Misneachd a’ toirt taic do dh’Extinction Rebellion leis gur e an aon siostam a tha dèanamh cron air an àrainneachd is ag adhbharachadh atharrachadh na gnàth-shìde ’s a tha a’ fàgail coimhearsnachdan Gàidhlig iomallaichte is fo bhuaidh. ‘S e siostam a th’ ann a bhios a’ cur barrachd spèis ann am prothaid na bhios e a’ cur ann an daoine, cultaran no co-ionannachd.”

Tha Comann Oiseanach Oilthigh Ghlaschu air taic a shealltainn cuideachd airson Gàidheil XR agus tha buill a’ Chomainn air a dhol còmhla ri Gàidheil XR do stailcean na h-òigridh. Thuirt Izzy Flower, iar-cheann-suidhe a’ Chomainn Oiseanaich, “Tha sinn aig a’ Chomann Oiseanach a’ cur taic ris na tha Extinction Rebellion a’ dèanamh. Mar luchd tasgaidh na Gàidhlig, chan urrainn dhuinn gun a bhith a’ mothachadh nach eil feum nar cànan no nar cultar mura bhios àrainneachd shàbhailte againn, ann an Alba agus nas fhaide air falbh, anns an àm ri teachd. Mar luchd labhairt na Gàidhlig, tha sinn cleachdte ri bhith a’ cluinntinn gu bheil e ’ro anmoch’ rudeigin a dhèanamh, ach tha fios againn gu bheil a’ chumhachd againn fhathast ma tha sinn a’ cur luach anns a’ choimhearsnachd seach ann am prothaidean nan companaidhean.”

Tha an tachartas, a chaidh a chur air dòigh le Wee Rebellion, bho Extinction Rebellion Glaschu, a’ leantainn sreath de dh’fhianaisean-dùbhlain ann an Dùn Èideann agus Lunnainn mar phàirt den Ar-a-mach Eadar-Nàiseanta.

Air Diluain an 15mh, chaidh fèis saidheans a chumail ann an Dùn Èideann le taisbeanaidhean is bùithtean-obrach, a’ toirt a-steach taisbeanadh air Extinction Rebellion anns a’ Ghàidhlig. An ath latha, shealladh gun do ghabh mu 700 neach pàirt ann an Ar-a-mach na h-Alba, aig ‘Climate Emergency Roadblock’, air Drochaid a Tuath Dhùn Èideann air 16mh den Ghiblean, agus bha Gàidheil XR an làthair aig a’ bhacadh-rathaid cuideachd. Chum am buidheann an drochaid dùinte fad còig uair a thìde gu leth, a’ cur stad air trafaig bhith a’ dol. Gus an rathad ath-fhosgladh ro dheireadh an fhianais-dhùbhlain, fhuair Poileas na h- Alba grèim air 29 neach-iomairt sìtheil, a’ cur casaid às leth a’ chuid as motha dhiubh le Briseadh na Sìthe, no ‘Breach of the Peace’, agus às leth triùir le ‘Section 38’.

Tha eagraichean bhon Gàidheil XR ag ràdh gum bidh iad ag iarraidh air an riaghaltas an fhìrinn innse mun chùis a thaobh gnàth-shìde, gus Seanadh Saoranach a chruthachadh gus co-dhùnaidhean a dhèanamh air poileasaidh airson na gnàth-shìde, agus sgaoilidhean CO2 a lùghdachadh gu neoni ro 2025 gus an cothrom as fheàrr a thoirt do dhaoine air feadh na cruinne a bhith beò agus a bhith soirbheachadh.
– Catrìona Mulholland, Gàidheil XR
Share

2 thoughts on “A’ togail fianais an aghaidh Blàthachadh na Cruinne | Gàidheil XR

  1. Math faicinn gu bheil oileanaich na Gàidhlig ag iomairt anns a’ Ghàidhlig! Ach tha ceistean mòra ann mu fheallsanachd XR. Chan eil an targaid aca comasach a ruighinn gun ar a mach, agus ged a ruigeadh tu e ann am Breatainn, neo eadhon a Roinn Eorpa, cha chuir e stad air atharrachadh na h-aimsire. Gu dearbh s ann a dheanadh e cron air coimhearsnachdan dùthchail agus ar Gàidhealtachdan.

    ‘S e an rud as coltaiche thachras as deidh iomairt mar seo gun cleachd riaghaltas e mar leisgeul beatha air an tuath a dhèanamh nas doirbh. Seall air mu thràth: cìsean air carbadan gun cail nan àite; tuilleadh bacadh air tuathanas is iasgairean, a chuireas barrachd maill air daoine tha ga dhèanamh air an ceann fhèin. Agus cumaidh luchd poilitigs nam bailtean mòra a’ dol a’ caitheamh plastaigean is biadhan eadar nàiseanta, is a cumail cumhachd is obraichean air a Ghalldachd!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach