A Tribe Called Red agus “a’ sealbhachadh dualchas chàich”

Tha Eòghan Stiùbhart a’ beachdachadh air cuspairean co-cheangailte ris a’ cheòl aig còmhlan tùsanach A Tribe Called Red à Canada agus air an co-shamhlaidhean a-bhos an-seo.  

Siuthad! Deagh mheòrachadh as fhiach leughadh!

Bha Cupa na Cruinne a’ toirt uimhir de phuingean-còmhraidh (meal an naidheachd air ar càirdean Gearmailteach) ach bhon uairsin, bha mi a’ strì ri rudeigin a lorg a bhiodh a’ freagradh orm.  An uairsin, mionaidean as dèidh dhan Chuairt Dheireannach tighinn gu crìch, bha sanas-reic ann airson seusain ùir Shasainn.  ‘S beag an t-iongnadh canaidh sibh, ach bha mi air mo dhòigh gun robh ceòl iongantach a’ nochdadh air an t-sanas. – Electric Powwow leis a’ chòmhlan thùsanach Chanaidheanach “A Tribe Called Red”.

Tha “A Tribe Called Red” a’ snìomh nan seann òran traidiseanta “Powwow” le ruitheaman ùr-nodha o Hip-Hop, reggae, moombhaton agus dubstep.  Tha iad stèidhichte ann an Ottawa, Ontario agus tha triùir sa chòmhlan, Ian “DJ NDN” Campeau on Nipissing First Nation, agus Dan “DJ Shub” General agus Bear Witness on Chayuga First Nation. Chuir iad a-mach an dara clàr aca Nation II Nation am-bliadhna sa agus chan ann tric nach eil e air an iPhone agam.

‘S e ceòl sgairteil, beothail a tha ann, ach ’s e ceòl fìor, ceòl ceart a tha ann. Amhail mar a bha Martyn Bennett nach maireann againn, tha thu a’ faireachdainn gur e seo ceòl nan daoine ach ann an seagh ùr. Tha e dìleas dhan dualchas ach ga nuadhachadh aig an aon àm.  Fhad ’s a tha mi a’ feitheamh airson clàr ùr aig Niteworks a nochdadh, tha A Tribe Called Red air beàrn nam bheatha a lìonadh. Mholainn dhut a’ chiad chlàr aca Electric Powow a luchdadh a-nuas an-asgaidh an-seo.

Ann an Ameireaga a Tuath an-dràsta, tha deasbad mòr a’ leantainn a thaobh ainmean “Innseannach” air sgiobaidhean spòrs, leithid na Washington Redskins, agus sgiobaidhean eile. Cuideachd, tha cleachdadh aig òigridh a bhith a’ caitheamh chinn-aodach Innseanach do dh’fhèisean, agus do chonsairtean – rud a chuir dragh cho mòr air “A Tribe Called Red” gun do dh’iarr iad air daoine a bha a’ tighinn dha na consairtean sgur dheth bhith gan cosg. Tha ceangal sònraichte aig na cinn-aodach seo ri gach treubh is nàisean, agus chan eil a h-uile nàisean ag iarraidh a bhith fon aon bhratach mar “Innseanaich”.  Tha tuilleadh mu na beachdan aca aig a’ cheangal seo.

Thachair mi ris an sgrìobhadh aig Mìcheal Newton an latha eile, far an robh e a’ bruidhinn air an dearbh rud anns a’ chultar againn – mar a tha  an dualchas ga dhèanamh coirbte le buidhnean aig nach eil buntanas ris.  An cron a bhios e a’ dèanamh air a’ chultar fhein.  ‘S e cultural appropriation an abairt a th’ air a chleachdadh leis, tha an “Cur-air-leth Cultarach” seo diofraichte bhon a’ chultar a bhith ag atharrachadh gu nàdarrach, rud a tha a dhìth air a h-uile cultar – ’s e cò tha os cionn an atharrachaidh a tha cudromach.  ‘S math gu bheil guthan làidir aig an triùir ud o A Tribe Called Red.

Thàinig an smuain thugam nuair a chunnaic sinn a-raoir aig Fosgladh Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis an sgaradh eadar pastiche, le Subo a’ seinn Mull of Kintyre agus Rod the Mod a’ seinn Rhythm of my Heart, dà òran sgrìobhte mu dheas gun bhun-stèidh sa chultar (ged nach eil mi a’ deanamh dìmeas air gaol Mhacca airson Cinn Tìre), coltach ris “The Skye Boat Song”, agus ealain a bha stèidhichte anns an fhìrinn, ann an eachdraidh agus ann an eòlas, Julie chòir a’ seinn Smeòrach Chlann Dòmhnaill agus an tè à Afraga a Deas a’ seinn Freedom Come All Ye, fiù ’s Mylo a’ stiùireadh nan deacs nuair a bha na lùth-chleasan a’ tighinn a-mach no Donnchadh Siosalach a’ cumail a’ Mhaighdeann Bhenedetti ceart le Loch Laomainn.  Aon oidhche, dà leth, agus ’s e na Gàidheil a shàbhail e – nach e Baile Mòr nan Gàidheal a tha ann co-dhiù.

– Eòghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach