Abair oidhche aig ObairOidhche (Cia mheud turas?)

An do chaill thu cuirm ciùil Niteworks aig Celtic Connections?  Na gabh dragh: bha Alannah Pheutan – agus an corr den Eilean Sgitheanach – an làthair. Seo na th’ aice ri ràdh mun chòmhlan, an ceòl agus an oidhche air fad.

Niteworks CC

Chluich an còmhlan Niteworks ann an Òran Mòr air an 23mh den Fhaoilleach son Celtic Connections. Bha balaich an Eilean Sgitheanaich air gach tiocaid a reic seachdain ron a’ chonsairt, is bha a h-uile duine an dùil ri oidhche air leth, leis a’ chòmhlan a’ sgaoileadh fios mu na h-aoighean a bha gu bhith aca, beag air bheag – whatta tease!

Gu fortanach, mar a shaoileadh tu bho Niteworks, ’s e sin a fhuair sinn: oidhche air leth! Leis a’ cheòl àrd shònraichte aca, na solais shoilleir, dannsa nach robh coltach ri dannsa a chunnaic mi a-riamh roimhe agus glowsticks, cha robh càil a dhìth air an oidhche – ach ’s dòcha dithis no triùir a bharrachd ag obair air cùl cunntair a’ bhàr!

Chan fhaca mi fhìn duine sam bith a’ seasamh aig fois aig a’ chuirm, is gun teagamh cha robh an #IslandRaver aig Dàna fhèin a’ cumail a chasan air an làr airson diog. Nuair a chluich iad aon de na h-òrain as ainmeile aca, Eilean A’ Chèo, cha robh mi buileach cinnteach ma bha còir agam caoineadh le pròis neo dannsa gun chiall is mar sin ’s e ruideigin gu math neònach anns a’ mheadhan a thachair, ach gu fortanach bha seo ri fhaicinn am measg a’ mhòr-chuid againn. Mar Màiri Mhòr nan Òran, ruith na deòir a-bhàn ach cha robh ar ceumannan airtneulach idir!

Bha a’ chuirm air a dèanamh na bu làidire buileach fhathast – cha do shaoil mi gun robh sin comasach – leis an àireamh de dh’aoighean a bha ann. Sheinn Ellen NicDhòmhnaill, Kathleen NicAonghais, Dòmhnall Dòmhnallach, Alasdair MacIlleBhàin agus Laura Ní Donaile còmhla riutha cuideachd. Bha na scenes caran coltach ris a’ bhideo Hey Ya! nuair a thàinig iad uile a-mach air an àrd-urlar; sgreuchail, fanntaicheadh agus sabaid. Ach cha do chuir na h-amadain san luchd-èisteachd dragh orra idir agus bha an t-seinn aca uile mar gun robh iad air chlàr. ‘S dòcha gum bu chòir dhaibh tip no dhà a’ thoirt dha Beyonce is Mariah Carey.

Eilean a’ Cheò – Nora Smyth (ceòl le Niteworks) from FilmGAlba on Vimeo.

Tha sinn uile eòlach air cho àrd ‘s a tha fuaim nan drumaichean aig Ruairidh Greumach, is cho cudromach ‘s a tha iad dhan fhuaim a tha an còmhlan a’ sireadh, ach nuair a chuala mi gun robh Anndra Mac a’ Phearsain gu bhith cluich còmhla riutha, bha mi gu math mì-chinnteach mu dheidhinn dè bhiodh a’ tachairt aig a’ chonsairt. An robh e comasach barrachd dhrumaichean a bhith aig Niteworks? Bha. Cha robh adhbhar mì-chinnt ann oir cha b’ e ach buannachd mhòr don chòmhlan agus don luchd-èisteachd a bh’ ann an taic Anndra. ’S dòcha nach robh ar cluasan uabhasach taingeil an ath latha, ach bha e soilleir gun robh a h-uile duine ro thrang a’ seinn airson dragh a bhith aca mun a-sin. Cuideachd, bha Fiona NicAsgaill a’ cluich air an fhìdheall agus Mairearad Green air a’ bhogsa airson fuaim a’ chòmhlain a dhèanamh fiù ’s nas motha a-rithist.

A bharrachd air a’ cheòl bha rudeigin eile mun oidhche a bha sgoinneil: bha coltas ann gun robh a h-uile duine air an robh thu eòlach air an t-saoghal ann. Bha e do-dhèanta dhut coiseachd barrachd air dà cheum gun cuideigin fhaicinn air an robh thu eòlach; seann charaidean, tidsearan, fiù ’s aodann caran ainmeil bho àm gu am. Tha seo a’ sealltainn cho tarraingeach sa tha Niteworks, is dhearbh seo deagh chraic, Gàidhlig gu leòr, is fada a bharrachd deoch don a h-uile duine na bha iad an dùil.

Aig a’ chonsairt cha chuala mi càil mar “Oh by jings! Ciamar fon ghrèin as urrainn dhut ceòl traidiseanta a chur còmhla ri ceòl ‘electronica’, chan eil mi idir a’ tuigsinn! Feumaidh sinn a chumail ri ar ceòl traidiseanta, indeed!” Agus às dèidh Niteworks cha chreid mi gun cluinn sinn am beachd sin bho dhuine sam bith a-rithist. Tha e soilleir nach eil càil nas fheàrr neo càil a tha a’ còrdadh ri na Gàidheil òga na fuaim na pìob aig Ailean Dòmhnallach, bass aig Chris MacNeacail, drumaichean (agus headbanging) Ruairidh Greumach agus seinn Innes Strachan. Chluinneadh tu sgreuchail nan caileagan òga – ’s dòcha gur e mi fhìn a bh’ ann – nuair a bhiodh duine sam bith sa chòmhlan fiù ‘s a’ gabhail anail. Cha robh iad fiù ’s air nòta a chluich is bha a h-uile duine a’ dol craicte.

Bha e follaiseach dè cho mòr ’s a chòrd an oidhche ris a h-uile duine nuair a dh’fheuch Niteworks ri tighinn far an ùrlar a’ chiad turas, cha robh teans ann gun leigeadh duine leotha falbh gun Subdisco a chluich, not a teans. Is gu fortanach thàinig iad air ais airson deagh encore a chluich le barrachd spionnadh fiù ‘s na bha ann aig toiseach a’ chonsairt. Mu dheireadh thall bha an luchd-èisteachd toilichte Niteworks a leigeil far an ùrlar is dhan a’ bhàr, ’s iad uile airidh air.

Às dèidh an oidhche air leth soirbheachail a bh’ aig na balaich Niteworks, tha sinn uile an dòchas gum bi iad a’ cur tòrr obair a-staigh airson ar cluasan a chumail toilichte: obair latha is obair oidhche.

Bidh Niteworks a’ sgaoileadh a’ chiad chlàr fhada aca am-bliadhna seo fhèin. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn aca an seo: http://www.niteworksband.com

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach