Achd na Gàidhlig | 10 bliadhna de dh’aois

Scottish Parliament building

Nì mi gealladh an toiseach. Chan eil mi a’ ciallachadh gun tèid seo na sgeulachd coltach ri Forrest Gump far a bheil amadan a’ nochdadh aig amannan cudromach ann an eachdraidh na dùthcha, mar sin ma bhios an coltas sin air, gabhaibh mo leisgeul.

O chionn deich bliadhna an t-seachdain seo, chaidh Achd na Gàidhlig aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh inbhe oifigeil a thoirt dhan chànan ann an Alba, agus bha mi fhìn air làr an t-seòmair dheasbaid an latha eachdraidheil sin airson an treas leughadh de Bhile na Gàidhlig – nam fhleasgach òg, ag obair aig Bòrd na Gàidhlig ach air iasad do Riaghaltas na h-Alba. Chòrd an dreuchd rium; tha mi taingeil dha-rìribh gun deach mi nam thidsear àrd-sgoile, ach bha e na urram a bhith an làthair air an latha sin aig Taigh an Roid.

Nach neònach na bhios a’ mairsinn nar cuimhne agus gu pearsanta, dè na cuimhneachain agam on latha? Rinneadh gu leòr òraidean ann an Gàidhlig, ach gu h-àraidh Iain Fearchair Rothach nach maireann, na dheise chlòtha, gaisgeach na Gàidhealtachd, fear a sheas an àird fad a bheatha às leth nan Gàidheal. Bhruidhinn Alasdair Moireasdan sa Ghàidhlig cuideachd, agus tha e inntinneach faicinn gun do mhol e sgoil Ghàidhlig cheart airson Leòdhais o chionn ghoirid agus e a’ seasamh airson Pàrlamaid na RA dha na Làbaraich.

Chan urrainn dhomh ach gàire a dhèanamh mun dithis òinsich mhòra Làbarach a’ bhòtadh an aghaidh atharrachadh a chaidh a chur air adhart le Alex Neil ris an do ghabh an Riaghaltas. Rinn iad mar bu dual dhaibh a’ bhòtadh an aghaidh nan Nàiseantach mus do chuimhnich tè dhiubh a’ toirt sgleog comaig dha companach ag ràdh “Ye silly coo, wur suppost tae vote fur that wan.” Alba eile a bha ann, ach thug sin uinneag dhomh a-steach do bheachd-smuain nan Làbarach, gum biodh iad calg-dhìreach an aghaidh càil leis na litrichean SNP air, ge b’ e cho math no dona ’s a bhiodh e.

Bha deise aotrom samhraidh agam, caran bàn-odhar na dhath, agus chosg mi e air an latha eachdraidheil. Tha cuimhne agam MacConaill a’ tighinn far an robh sinn agus a’ toirt dùrachd dha na searbhantan catharra uile – thuirt Seac “deise spaideil” dhomh. Moladh mòr a bhiodh ann mur robh mi air fhaicinn a’ nochdadh san fhèileadh phinstripe sin gun sporan aig Là an Tartain ann an New York mun aon àm. Ag ràdh sin, bha mi riamh caran dèidheil air Seac agus ’s mòr am beud dha na Làbaraich nach eil a leithid ann a-nis.

Gu dearbh, bha Seac ceart dùrachd a thoirt do dhithis de na searbhantan gu h-àraidh. Rinn Steaphan MacGriogair an t-uamhas ag ullachadh an reachdais, a’ dèanamh cinnteach gun aontaicheadh a’ Phàrlamaid air fad ris gu h-aona-ghuthach aig deireadh an latha, ach feumaidh am moladh as motha a thoirt do Dr Dùghlas Ansdell a tha air a bhith na charaid dha na Gàidheil fad bhliadhnaichean. Fear comasach, iriseal a tha ann; tha sinn uile fortanach gu bheil e fhathast a’ gabhail gnothach ri cùisean Gàidhlig, agus bha mi gu math fortanach obair còmhla ris.

Agus tha cuimhne agam bruidhinn ri Alasdair MacCaluim mu dheidhinn Thin Lizzy sa Chanon’s Gait, ach an uairsin, tha sgleò a’ tighinn air mo chuimhne…

As dèidh deich bliadhna, an urrainn dhuinn a ràdh gun do rinn an t-Achd feum? A bheil i air barrachd adhbharachadh na gearainean Nèill MhicRàth mu dhroch eadar-theangachadh agus àibheiseachadh a’ Bhùird, air neo an do rinn i diofar dhar cànain. Chanainn gu bheil. Ma tha na faclan ‘inbhe oifigeil’ agus am meudachadh ann an follaiseachd a’ chànain air sanasan air aon rud math a dhèanamh, tha e air na gràineachan a thoirt am follais ann an solas an latha, far nach eil seasamh aca ach na seann duain ghràineil. Duain a dh’fhàsas nas fhaoine is nas fhiadhaiche gach uair a thèid an aithris gus am bi na daoine Gallta cumanta air an t-sràid a’ faicinn nach eil càil nas reusanta na bhith ag iarraidh gum mair ar cànan beò.

Gu dearbh, feumaidh am Bòrd a bhith a’ cosg airgead ann an dòigh nas cliobhaire agus bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach nach eil foill ga dhèanamh le maoineachadh specific grant airson foghlam, mar a bhios a’ tachairt ann an cuid de chomhairlean, (a-rèir seanchais) – ach feumaidh sinne, am poball pròiseactan a thòiseachadh, a shanasachadh agus a chumail, ag amas air àm ri teachd far nach fheum sinn a bhith an crochadh ri taic on Bhòrd, no on Riaghaltas, ach far a bheil an neart agus am beartas a’ tighinn bhuainn fhìn agus gu bheil saoibhreas an sporain phoblaich na chuideachadh gun a bhith na bhuille cridhe.

Agus mu dheireadh, ged a tha Gàidhlig nas fhollaisiche air sanasan agus sgàilean, chan eil i ri cluinntinn gu leòr. Feumaidh sinn ar caraidean, ar coimhearsnachdan, ar companaich a bhrosnachadh gus an cànan a chleachdadh agus a thoirt seachad do chàch. ’S e beul a labhras ach ’s e gnìomh a dhearbhas, agus ’s e gnìomh a tha ann an labhairt agus mar as motha a bhruidhneas sinn, ’s ann as fhaide a mhaireas sinn. Cha tàinig gu leòr on latha Giblein sin, ach ’s ann againn a tha an cothrom fhathast.

– Eòghan Stiùbhart

Dealbh le Andy Hay. Chaidh a chleachdadh le cead Creative Commons.

Share

3 thoughts on “Achd na Gàidhlig | 10 bliadhna de dh’aois

  1. Gu dè an gnòthach a tha an Douglas Ansdell seo a’ gabhail ri cùisean Gàidhlig, air cùl dhorsan? Agus who elected him? To whom is he accountable? (Chan ann do na meadhanan Gàidhlig, tha fhios!)

  2. Pingback: Gun urra

Freagair Alasdair MacCaluim Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach