Achtung a Bheibidh | a’ leagail Craobh Iosua agus ballachan a’ chridhe

achtung-baby
Tha Eòghan a’ coimhead air ais air sàr-chlàr U2, 25 bliadhna on a dh’fhoillseachadh e airson a’ chiad uair – ACHTUNG BABY!

Bha uair eile ann. Nuair a bha crìochan nan drochaidean, nuair a bha ballaichean gan leagail seach a bhith gan togail, nuair a bha daorsa ga sgiùrsadh agus bha saorsa air bilean an t-sluaigh.

Bha saoghal ùr fosgailte air beulaibh an t-sluaigh. Bha an Cogadh Fuar air tighinn gu crìch agus bha na seann ghnàthsan a’ faireachdainn mì-fhreagarrach airson na linne ùire seo. Ach cha robh e buileach soilleir cò ris a bhiodh an saoghal ùr coltach na bu mhotha.

Anns an uair seo, ghluais còmhlan-ciùil U2 gu Berlin airson an clàr ùr aca a chlàradh. ’S e droch àm a bha seo airson a’ chòmhlan – bha iad a’ faireachdainn an aon mhì-chinnt a bha an saoghal a’ faireachdainn. Bha iad mì-riaraichte leis a’ cheòl aca, as dèidh dhaibh caineadh fhaighinn airson Rattle and Hum. Bha ìomhaigh aca mar chòmhlan a bha loma-làn dhiabh fhèin le beachd ro mhòr àsta fhèin. Is e oidhirp èiginneach a bha seo, a’ gluasad gu Berlin còmhla ri Brian Eno, far an d’ rinn Bowie an “trilogy” aige anns na 70an.

Ach cha do lorg iad toileachas ann – bha strì agus sabaid a’ dol, le aimhreit mu dheidhinn a h-uile càil, fògarraich o cheann an ear na Gearmailt air na sràidean agus mì-thoileachas anns an stiùidio. Cha mhòr gun do dhealaich iad leis nach b’ urrainn do Larry Mullen agus Adam Clayton aontachadh ris na dòighean ùra a bha Bono agus The Edge a’ miannachadh. Mu dheireadh thall ge-tà, ghreimnich Eno air gluasad-cord aig Edge – agus ’s ann à sin thàinig One agus nuair a thill iad a Bhaile Atha Cliath, thàinig na h-òrain nan tuil. Òrain a thoireadh spionnadh as ùire dhan chòmhlan.

Thàinig mise dhan chlàr seo nuair a bha mi aig Sabhal Mòr Ostaig – nuair a ghabh mi mo chiad cheumannan ceart ann an cùisean a’ chridhe, bhruidhinn an clàr seo rium ann an iomadh seagh. Mar an ceòl as fheàrr, tha gaol, feòlmhorachd, Dia agus poileataigs uile a’ measgachadh ann an riochdachadh a tha fhathast a’ piobrachadh nan cluasan gus an latha an-diugh.

Mar a thuirt Bono fhèin, ’s e The Fly, (a’ chiad chlàr shingilte o Achtung Baby), fuaim de cheathrar dhaoine a’ leagail craobh Iosua, ach on a’ chiad bheum de ZOO Station, tha e follaiseach gur e dùthaich ùr a bha seo airson U2. Chuir Bono air paidhir speuclairean-dubha agus thug e soraidh slan dhan fhear easgaidh o na 80an, bha an U2 nuadh seo gu tur diofraichte.

bono_as_the_fly_cleveland_1992

Tha a h-uile òran làn de thiamhaidheachd, ionndrainn agus miann. Even Better Than The Real Thing, a’ tarraing às an t-sluagh-ghairm aig Coca-Cola agus an ìomhaigh aca fhèin mar chòmhlan nach rachadh faisg air sanasachd no an leithid (’s fhada o làithean na hookups le Apple a bha seo). Until The End Of The World stèidhichte air Iudas Iscariot a’ bruidhinn ri Iosa – Whose Gonna Ride Your Wild Horses, So Cruel, Mysterious Ways – uile a’ bruidhinn air an dàimh eadar fir is boireannaich agus Acrobat is Ultraviolet Way, a’ tarraing air na h-òrain seo agus a’ togail a dh’ionnsaigh Love Is Blindness.

Sgrìobh iad Love Is Blindness mun àm a rinn iad Rattle and Hum, le beachd airson a thoirt gu Nina Simone. Cha do chlàraich iad an uair sin e leis nach robh e “U2 gu leòr”. Mar sin, dè bhiodh na bu fhreagarraiche airson an clàr a dhùnadh.

Tha an t-òran làn de dh’ìomhaighean de bhàs, de dh’fheise, de cheannarcachd, agus aig cridhe a’ghnothaich, tha cluiche-giotair an Edge. Bha an cluicheadair-giotair a’ dol tro dhealachadh pianail on bhean a bha air a bhith aige on a bha e dà bhliadhna air fhichead –Tha an cràdh sin ri chluinntinn anns a h-uile not den t-solo aige aig deireadh an òrain a-rèir coltais, bhris e a h-uile teud air a’ ghiotair ga chluich. Ma bha do chridhe briste riamh, tuigidh tu sa bhad e.

A’ coimhead air ais air mo chiad èisteachd aig Achtung Baby (bha fiù ’s an tiotal làn spòrs, a’ goid tiotal o na Producers le Mel Brooks.)  feumaidh mi ràdh gun tug an t-ath-chruthachadh is an ath-nuadhachadh a bha U2 a’ sireadh buaidh mhòr orm. Is e bàs beag a th’ ann am briseadh-cridhe, ach ’s e breith ùr a th’ ann cuideachd.

Tha mise ag ionndrainn U2 sna 90an, oir is na clàran sin – Achtung Baby, Zooropa, Passengers, Pop – is iad clàr-ciùil mo 00an. Tha iad làn de mhacmeanmna agus spòrs – ann a bhith a’ cluich le faoineas, lorg iad doimhneachd. Ged is briseadh dùil a bh’ anns a’ mhòr-chuid de stùth a chuir iad a-mach on Beautiful Day ann an 2000, nuair a thill iad gu cleasan na 80an ach gun fhuinn a bha cho math no briathran cho buadhmhor, tha fhathast boillsgeadh den t-seann chòmhlan a’ nochdadh o àm gu h-àm.

Leag Achtung Baby na ballachan dhomhsa. Chan  ann ach le gaol a leagas sinn na ballachan ùra a thogas càch.

– Eòghan @eoghanuig

FacebookTwitterGoogle+Roinn

2 thoughts on “Achtung a Bheibidh | a’ leagail Craobh Iosua agus ballachan a’ chridhe

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach