Adhradh Gàidhlig aig Eaglais nam Manach Liath (Dùn Èideann)

S fhada on a tha seirbheis Ghàidhlig air a cumail ann an Dùn Èideann agus tro na bliadhnaichean, ged as iomadh àite anns an deach a cumail, tha cruth na seirbheise cha mhòr gun atharrachadh on 18mh linn. Fa chomhair crìonadh cànain s coimhearsnachd thar nam bliadhnaichean, tha dòchas agus dìorras fhathast a’ stiùireadh na h-Eaglaise air a h-aghaidh.

le Gille-chrìost MacGill’Eòin

 

Adhradh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann

Eaglais nam Manach Liath, Dùn Èideann © David Dixon

Eaglais nam Manach Liath, Dùn Èideann © David Dixon

Tha seirbheis chlèireach tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith ga cumail cha mhòr gach Latha na Sàbaid ann an Dùn Èideann bhon bhliadhna 1704, nuair a stèidhicheadh seirbheis do shaighdearan Gàidhealach anns a’ chaisteal. Tha an t-seirbheis air gluasad bho àite gu àite bhon uair sin agus ’s ann an Eaglais nam Manach Liath os cionn Margadh an Fheòir (Grassmarket) an ceann a deas an t-Seann Bhaile a tha i air a cumail san latha an-diugh.

Bidh an t-seirbheis a’ tòiseachadh aig leth-uair às dèidh meadhain-latha, dìreach às dèidh do sheirbheis Bheurla na maidne a thighinn gu crìch. Buailear clag gus fios a leigeil don luchd-adhraidh Bheurla a tha tuilleadh is slaodach ag òl a’ chofaidh aca gum feum iad a bhith sàmhach air neo togail orra. Bidh an t-adhradh Gàidhlig a’ tachairt ann an oisean fa leth den eaglais far a bheil Bìoballan Gàidhlig rim faighinn air cùl nan sèithrichean.

Mar as trice ’s e ministear diofraichte a bhios os cionn a’ ghnothaich gach seachdain. Bidh rùnaire Eaglais nam Manach Liath, tè aig nach eil Gàidhlig, a’ dèanamh obair ionmholta ann a bhith a’ faighinn cuideigin cha mhòr gach seachdain, rud nach eil idir furasta leis cho gann ’s a tha ministearan le Gàidhlig a’ fàs anns an rìoghachd air fad. Bidh searmonaichean bho air feadh Alba a’ tighinn a dhèanamh na seirbhis ann an Dùn Èideann, agus tha sinn air leth taingeil dhaibhsan a bhios a’ tighinn bho na h-eileanan agus sgìrean eile fad air falbh, agus don fheadhainn a bhios uaireannan a’ cur ri chèile searmon aig a’ mhòmaid mu dheireadh.

Chan e buill de dh’Eaglais na h-Alba a-mhàin a bhios a’ searmonachadh aig an t-seirbheis, ach seòrsachan eile de Chlèirich agus Caitligich cuideachd. Tha an coithional moiteil gu bheil e eadar-eaglaiseach agus fosgailte don a h-uile. Aig an àm cheudna, ’s e adhradh traidiseanta Clèireach agus Gàidhealach a bhios a’ tachairt ann an Eaglais nam Manach Liath, le sailm gun cheòl-taice, leughaidhean às an Fhìrinn, searmon, ùrnaighean agus comanachadh beagan tursan sa bhliadhna.

Mar as àbhaist cha bhi barrachd air fichead anns a’ choithional, ach ’s e buidheann dhealasach, dhìorrasach a tha annta a bhios a’ cumail suas a’ chreideimh agus a’ chànain aca gu dìleas seachdain air seachdain, bliadhna air bliadhna.

’S e daoine a thogadh le Gàidhlig agus a ghluais a Dhùn Èideann a tha anns a’ mhòr-chuid den choithional, eadar sean agus òg, ach tha luchd-ionnsachaidh ann cuideachd, agus àireamh de dh’oileanaich nam measg a tha a’ dèanamh chùrsaichean ann an Gàidhlig san oilthigh. Bho àm gu àm bidh an coithional a’ ruith sgoil fhuinn gus precentoran ùra thrèanadh agus an sgil seo a shìneadh a-null do ghinealach ùr. An-dràsta tha dà oileanach òg againn, Albannach Gallda agus Aimeireaganach aig nach robh facal de Ghàidhlig mus do thòisich iad san oilthigh, a bhios gu tric a’ cur a-mach an loidhne gu brìoghmhor. A bharrachd air an luchd-adhraidh a bhios a’ tighinn ann gu cunbhalach, bidh turasaich gu leòr a’ tadhal air an t-seirbheis—air sgàth nan salm agus na spioradalachd a tha ’nan togail-inntinn dhaibh ged nach tuig iad facal den Ghàidhlig—agus an-dràsta ’s a-rithist bidh buidheann mhòr de dh’oileanaich dhiadhachd a’ tighinn ann bho Aimeireaga agus bho dhùthchannan cèin eile.

 

Cudrom adhraidh sa Ghàidhlig

’S ann à Leòdhas a tha Mata MacÌomhair bho thùs agus bidh e a’ tighinn don t-seirbheis ann an Eaglais nam Manach Liath nuair a bhios e ann an Dùn Èideann. Bidh e gu tric a’ cur a-mach na loidhne. ‘Tha e cudromach,’ arsa Mata, ‘gu bheil sinn a’ cumail seirbhis mar seo a’ dol; tha e a’ dearbhadh gu bheil sinn fhathast a’ cumail an traidisean a’ dol a bha aig ar sinnsearan. Mur dèan sinn sin tha an cunnart ann gum bi a h-uile coithional agus a h-uile eaglais a’ dèanamh an aon rud agus tha an dòigh adhraidh againne eadar-dhealaichte.’

Tha Donnchadh Sneddon air aon de na h-oileanaich a bhios a’ tadhal air an t-seirbhis. Thàinig e ann an toiseach nuair a thòisich e air a’ Ghàidhlig ionnsachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus a-nis tha e fileanta agus bidh e a’ togail an fhuinn cha mhòr gach Sàbaid. ‘Tha e cudromach do coimhearsnachd Chrìostaidh Ghàidhleach,’ arsa Donnchadh, ‘gu bheil àite ann airson a bhith a’ cruinneachadh ri chèile agus a’ dèanamh adhraidh. Tha sinn a’ tighinn bho denominations eadar-dhealaichte, ach ’s e àite tha seo far a bheil sinn mar aon. Agus tha sinn an seo mar fhianais do luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha e feumail cuideachd do luchd-ionnsachaidh—ma thig iad an seo cluinnidh iad Gàidhlig nàdarrach, bhrìoghmhor, ann am modh-cànain foirmeil.  Agus gheibh iad coithional agus coimhearsnachd a tha càirdeal, fàilteachail agus taiceil air thaobh an cuid Gàidhlig.’

 

Tachartasan bliadhnail

Tha trì tachartasan sònraichte ann am bliadhna coithional Gàidhealach Eaglais nam Manach Liath. Aig àm na Nollaig bidh seirbhis naoi leughaidhean is naoi laoidhean air a cumail, agus ’s e seo an t-aon àm sa bhliadhna a bhios ionnsramaid-chiùil—piano—air a cleachdadh agus rudeigin taobh a-muigh de shailm air a sheinn. Anns a’ Chèitein gach bliadhna bidh seirbhis Ghàidhlig shònraichte ann airson Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba nuair a bhios Gàidheil is Goill bho gach ceàrn an làthair còmhla ris a’ Mhodaràtair, a nì a dhìcheall gu beannachd a thoirt seachad ann an Gàidhlig.

’S e rud sònraichte eile a bhios an coithional a’ cur air dòigh a tha anns an Òraid Ghàidhealach, a chuireadh air bhonn bho chionn còig air fhichead bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean bhruidhinn iomadach sgoilearan ainmeil air diofar chuspairean a bhuineas do litreachas, eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal. An-uiridh b’ e cuspair na h-òraid eachdraidh an fhoghlaim Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, cuspair chudromach leis gun robh a’ chiad sgoil làn-Ghàidhlig anns a’ phrìomh-bhaile dìreach air ùr fhosgladh, agus buill den choithional gu mòr an sàs anns a’ phròiseact sin.

 

Crìonadh agus teanntachd mhinistearan Gàidhlig

Bha an coithional ann an teanntachd bho chionn goirid leis gu robh gainnead nam ministearan Gàidhlig a’ fàgail airson a’ chiad uair gu robh Sàbaidean ri thighinn nach robh searmonaichean rim faighinn air an son. Chaidh coinneamh shònraichte a chur air dòigh gus a’ chùis a chnuasachadh aon Sàbaid, agus aon de na daoine a bhios uaireannan a’ searmonachadh anns a’ chathair. Bha beachd ann gum feumadh an t-seirbhis a chumail na b’ ainneimhe anns an àm ri teachd—can gach cola-deug an àite gach seachdain. Ach mhothaich cuideigin nach oibricheadh sin air sgàth ’s nach b’ urrainn dhuinn a bhith cinnteach gun tuiteadh na Sàbaidean bàna gun mhinistear anns na seachdainean nuair nach biodh seirbhis ann.

Chualas smuaintean sean is òg, agus bha e soilleir gu robh a’ mhòrchuid làidir den bheachd gun robh còir againn ar fianais Chrìostail tro mheadhan na Gàidhlig a chumail a’ dol anns a’ phrìomh-bhaile a h-uile seachdain, fiù ’s nuair nach biodh searmonaiche ann. Thàinig a-steach oirnn gum faodadh buill den choithional pìos às na Sgriobtaran agus ùrnaighean a leughadh, fiù ’s searmon goirid no smuaintean cràbhaidh a leughadh à leabhar, gun ministear òrdaichte a bhith an làthair; agus dh’fhaodte na sailm a thogail mar a b’ àbhaist nam biodh fear ann a chuireadh a-mach na loidhne. Nach tuirt Crìosd fhèin, ‘Ge b’ e àit am bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile nam ainm-sa, tha mise an sin nam meadhan.’ Thuirt bana-Leòdhasach aig a’ choinneimh nach robh na bha fa-near dhuinn cho ùr sin idir; gun robh e coltach ri ‘gabhail an leabhair’ no ùrnaighean dachaigh a bhiodh aca na h-òige, agus a chumas cuid suas chun an latha an-diugh. Thachair a’ chiad sheirbheis gun mhinistear air Latha na Càisge am-bliadhna, agus a-rèir gach coltais bha i gu math soirbheachail.

© David Fergusson

© David Fergusson

Ma dh’fhaodte gum b’ urrainn do choithionalan Gàidhlig eile ann an Alba, agus gu h-àraid air Ghàidhealtachd, rud no dhà ionnsachadh bho luchd-adhraidh Gàidhealach Eaglais nam Manach Liath. Ann an cus àitean thathar buailteach air dìmeas a dhèanamh air luach na Gàidhlig mar mheadhan adhraidh, agus fiù ’s an àitean far a bheil Gàidhlig aig a’ mhòr-mhòrchuid ann an coithional is gann agus is lapach a tha na h-oidhirpean gus adhradh Gàidhlig a chumail a’ dol. Mura h-eil daoine air am brosnachadh gus an dualchas agus an cànan màthaireil aca fhèin a chumail suas a bheil e na iongnadh mur cùm iad suas an creideamh?

 

Cùis na Gàidhlig an adhradh san latha an-diugh

Bidh cuid ag ràdh, agus chan ann gun susbaint ann an tomhas, gum feumar Beurla agus fasanan ùra adhraidh a chleachdadh gus an Soisgeul a thoirt gu daoine san latha an-diugh mas iad na dòighean sin as fheàrr leotha agus a tha nas co-fhurtaile dhaibh; ’s e prìomhachas na h-Eaglais a bhith a’ sàbhaladh anman aig deireadh an latha, chan e bhith a’ gabhail cus gnothaich ri rud saoghalta mar ath-bheothachadh cànain; ach aig an aon àm bidh tòrr dhaoine, agus chan ann feadhainn aosta a-mhàin, air an tarraing agus air am beothachadh le rudan a bhios a’ faireachdainn mar gum biodh freumhaichean domhainn is susbainteach aca, agus tha sin a cheart cho fìor mu chreideamh is a tha e mu nì sam bith eile. Saoil dè cho fad ’s a mhaireas na fasanan ùra a tha seo?

A bharrachd air sin, nach eil gach cainnt is cànan mar phàirt de chruthachadh math an Tighearna, agus nach bu chòir an Eaglais a bhith air a dèanamh suas ‘den h-uile chinneadh, agus treubh, agus sluagh, agus teanga’? Saoilidh mi nach eil còir againn a bhith tuilleadh is utilitarian a thaobh nan rudan seo, oir thug Crìost fhèin seachad rabhadh an aghaidh dòighean-smaointeachaidh den dearbh sheòrsa nuair a dhòirt am boireannach ola air a chasan ’s a ghearain na deisciobail mu dheidhinn; nach eil an fheadhainn a bhios a’ gearan mu dheidhinn seirbhisean Gàidhlig agus a’ dèanamh dìmeas orrasan leis an fheàrr a bhith ag adhradh Dhè sa chànan dhùthchasach agus le sailm gun cheòl-taice an àite worship songs le giotàraichean, nach eil na deisciobail sin san latha an-diugh a’ dèanamh an aon mhearachd ’s a rinn an fheadhainn a chuir sìos air a’ bhoireannach ud?

 

 

Share

One thought on “Adhradh Gàidhlig aig Eaglais nam Manach Liath (Dùn Èideann)

  1. Pingback: Cor na Gàidhlig an Eaglais na h-Alba |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach