Afro Celt Sound System|The Source

ACSS-1-photo-credit-Tom-Oldham

Afro Celt Sound System – Tom Oldham

A dh’aindeoin ùine mhòr agus buaireadh nas motha, tha na h-Afro Ceiltich air tilleadh le clàr a tha an dà chuid, ùr-nòsach agus bunaiteach, is iad a’ tilleadh dhan bhun-aibhne as ùr.

Tha e còrr is fichead bliadhna on a thàinig an còmhlan Afro Celt Sound System gu bìth as dèidh seiseanan ciùil aig an Fhèis WOMAD le Peadar Gabriel. Chuir an cruinneachadh seo de luchd-ciùil fo stiùir an riochdaire Simon Emmerson a-mach còig clàran slàn agus clàr remix anns a’ chiad deich bliadhna mus do thòisich iad a’ cluich cuairt nam fèisean, far an robh an ceòl aca, measgachadh de ruitheaman Afraganach, ceòl eleactronaigeach, pìobaireachd agus òrain sean-nós Èireannach le Iarla Ó Lionaird, a’ toirt tlachd mhòr dhan luchd-èisteachd ach gun ghùth air ceòl ùr fad cha mhòr deich bliadhna.

Tha e doirbh a bhith a’ seachnadh na connspaid a bha an lùib a’ chlàir seo The Source – ma bha thu air na h-Afrocelts fhaicinn aig Fèis Cheilteach Innse Gall an-uiridh, bhiodh tu air mothachadh gun robh Simon Emmerson agus Iarla Ó Lionaird a dhìth, agus feadhainn eile a bha air iomall a’ Chòmhlain – a’ bhan-phiobaire uileann – Emer Mayock – mar eisimpleir. Bha Afrocelts a’ còmharrachadh fichead bliadhna, mar a bha Hebcelt fhèin, agus bha James McNally, cluicheadair na fìdeig agus bodhran a’ sanasachadh cruinneachadh ùr “Capture 1995-2015” agus a’ gealltainn clàr ùr “Born” a dh’aithghearr còmhla ri fear eile sa chòmhlan, Martin Russell.

Ach dè thachair gur e The Source a tha againn, is chan e Born. Aig tòiseach na bliadhna, thànig e am follais gun robh dà chòmhlan ann leis an aon ainm. A-rèir coltais, chuir Emmerson ri chèile còmhlan còmhla ri N’Faly Kouyaté agus Johnny Kalsi agus thòisich iad a’ clàradh clàr ùr gun fhios aig McNally agus Russell (bha Ó Lionaird trang leis a’ phròiseact aige fhèin.) Tha an cùis air a dhol gu lagh a-nis a thaobh cò leis a bheil ainm a’ chòmhlain m.s.a.a., ach ’s e seo am meur aig Simon ma ’s e sealbh an lagh, tha còmhlan Emmerson a’ gabhail làmh an uachdair leis a’ chlàr seo. Tha an triùir an-sàs ann air fàilte a chur air ball bunaiteach ùr, Griogair Labhraidh againn fhèin. Ach a’ cur dealachadh a tha coltach ri rudeigin a rinneadh Pink Floyd no Creedence Clearwater Revival dhan dara taobh, feumaidh sinn cluas ri claisneachd a dhèanamh dhan chlàr fhèin.

’S e clàr beòthail, làn bheatha is spionnadh a tha anns “The Source”. Coltach ri tiotal a’ chlair, a bhios air bruidhinn air tilleadh gu màthair-uisge, tha Emmerson agus a charaidean sean is ùr air tilleadh gu fuaim a tha glè choltach ris a’ chiad chlàr “Volume 1: Sound Magic”. Ann an dòigh, ’s e as coireach gu bheil an leithid de Shooglenifty agus Davy Spillane air tilleadh ach tha faireachdainn ann cuideachd gu bheil an ceòl nas fhosgailte is air fuasgladh air draghan. Tha Jamie Reid, am fear ainmeil a dhealbhaich clàran nan Sex Pistols air ais, agus ann an dòigh tha spioraid punc ri lorg air feadh a’ chlàir. Dh’fhaodadh tu a ràdh gun do dh’fhàs na h-Afroceiltich rud beag corporrach mar a chaidh iad air adhart agus ged tha margaidheachd mhòr air cul a’ chlàir ùir, tha faireachdainn de neo-eisimileachd ann.

Griogair le Tom Oldham

Griogair le Tom Oldham

Ged tha e follaiseach sa bhad gur e clàr Afroceilteach a tha seo (a dh’aindeoin na h-ùpraid air cùl a’ ghnòthaich), tha blas Albannach nach robh ri chluinntinn anns na clàran roimhne seo – ’s beag an t-iongnadh gu bheil mòran de sin ceangailte ris a’ bhall ùr, Griogair, a tha air cuidhteas fhaighinn air an dara ainm aige a-nis, Prionnsa, Madonna, Kylie, Griogair – aithnichidh fear air a chuideachd, nach aithnich? Is e àrd-ùrlair eadar-nàiseanta a tha seo airson comasan Mhgr Labhraidh agus tha e a’ cur ris a’ chlàr anns an t-seann-nòs le seinn agus leis a’ chluich aige air a’ phìob agus anns an nòs ùr leis an rapaireachd. Tha e anns a’ mhòr-mhòr chuid glè shoirbheachail, chan eil e a’ feuchainn ri bòtannan mòra Ó Lionaird a lìonadh, tha e a’ toirt na Wellies aige fhèin dhan a’ chùis.

Tha Griogair air a chuid charaidean a thoirt còmhla ris dhan fhèill cuideachd – tha guth àlainn ceòthach Lucy Doogan a’ nochdadh air a’ chlàr – cò shaoileadh gun sìneadh Gàidhlig Ghleann Comhainn gu ruige Taobh Siar Afraga. Tha Mansani Cissé/Tàladh a’ taisbeanadh far a bheil an dà dhualchas a’ snìomh ri chèile gu toinnte is gu buadhmhor. Agus cò tha sin air an fhìdheall? Tha Eòghainn MacEannraig ann cuideachd.

’S e fear de na puirt as ainmeile aig na h-Afrocelts Whirl-Y-Reel 1 & 2 air a’ chiad chlàr (Le remix Whirl-Y-Reel 3 air Pod ann an 2004) – agus chluich Shooglenifty air a’ chlàr sin – tha Shoogles air ais an lùib a’ chruinneachaidh gu mòr agus tha Kalsi Backbeat, an seisean mòr a bhios a’ toirt a’ chlàir gu crìch, a’ cur nar cuimhne puirt mar The Hijab air a’ chlàr aca o 2001, Solar Shears. Tha Emmerson air innse gun robh seo air a chruthachadh a dh’ aona ghnothaich airson làr-dannsaidh a phiobrachadh aig Fèisean Ciùil, agus bidh an leithid de The Magnificent Seven a’ dèanamh an dearbh rud, far a bheil The Dhol Foundation, còmhlan eile aig Johnny Kalsi, a’ cleachdadh nan drumaichean mòra aca airson taic shùsbainteach, shiubhlach a chur dhan cheòl.

’S e an t-òran as fhèarr leam fhìn, Honey Bee, mar gun deach Live At The Filmore West le Aretha Franklin a chlàradh ann an taigh-seinnse ann an Conamara le grunn luchd-turais à Nigeria. Ma ghabhas tu mo leisgeul airson car-fhacal, tha e milis! Bidh thu a’ sireadh nan clàraidhean aig na cluicheadairean eile air a’ chlàr seo, gu h-àraidh Les Griotes, còignear bhoireannach a bhios a’ seinn cho math ri càil fon ghrèin.

Tha ìomhaighean-uisge a’ srùthadh tron chlàr seo – tobraichean, màthraichean-uisge, aibhnichean, easan (gu dearbh, The Little Cascade a’ faighinn ath-nuadhachadh le pìob uileann, tromb, rap Gàidhlig agus seinn Afraganach), lochan, is cuantan. Mura robh a’ Ghàidhlig againn aig teis-mheadhan a’ ghnothaich, bhiodh mòran bhuadhan ri fhaotainn às The Source fhathast, agus tha The Source na sheasamh mar a’ chiad lùib ann an cuairt-uisge a bhios a’ toirt fada mus ruig i a’ mhuir a-rithist.

Na Afroceiltich le Tom Oldham

Na Afroceiltich le Tom Oldham

Bidh The Source ga fhoillseachadh air ECC Records 29mh An Giblean.

LARACH-LIN AFROCELTS

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach