Agallamh le Julie Fowlis | “alterum”

Tha clàr ùr aig Julie Fowlis a-mach an-diugh, agus fhuair Dàna an cothrom bruidhinn ri neach-ciùil sònraichte a tha air cliù mhòr a chosnadh dhi fhèin agus dhan chànan aice – tha ‘alterum’ a’ coimhead ri saoghal caochlaideach tro òrain neo-shaoghalta choimheach.

IMG_8278

Dàna: Tha tiotal Laideann Alterum air a’ chlàr ùr. Ciamar a tha do chuid Laideann?

Julie: Chan eil cho math! Ach thàinig mi tarsainn air an abairt a seo aon latha fhad ’s a bha mi a’ dèanamh rannsachaidh air-loidhne: ‘alterum orbem terrarum eam appellant’ (‘they call it the other world’) bho Ghaius Plinius Secundus (Pliny the Elder AD 23 – AD 79) agus chuir e ruideigin nam chuimhne. Nuair a thòisich mi a’ seinn gu proifeiseanta, thuirt Mark Radcliffe gu robh na h-òrain a bh’agam coltach ri teachdaireachdan bho shaoghal eile ‘like beautiful messages from an other world’. Chuir e iongnadh orm aig an àm gum b’ urrainn do dh’ òrain Gàidhlig a bhith cho coimheach do chuid anns an dùthaich againn fhèin, agus sin aon de na h-adhbharan a thug mi ‘alterum’ air.

Dàna: Ach a’ cur spòrs gu aon taobh, tha e coltach gu bheil thu ag amas air rud no dhà ùr a dhèanamh leis a’ chlàr seo, gu h-àraidh ag èisteach ri “Dh’èirich mi moch madainn cheòthar”. Cò an luchd-ciùil dham bi thu a’ coimhead airson brosnachadh a thaobh a bhith a’ cumail rudan inntinneach agus ùr (ach fhathast dlùth dhan cheòl a bhrosnaich thu sa chiad dol a-mach)?

Julie: Mar neach-ciùil, tha thu ag ionnsachadh fad an t-siubhail bho sheinneadairean is luchd-ciùil eile, agus tha sin a’ còrdadh rium. Cha bhi mi a’ coimhead air aon neach-ciùil gu sònraichte ach chanainn gu bheil gach clàr eadar-dhealaichte agus tha iad a’ sealltainn na rudan anns a bheil thu an sàs aig an àm, neo cò a tha gad bhrosnachadh. Mar eiseimpleir, tha mi air beagan a dhèanamh le Mary Chapin Carpenter thairis air na bliadhnaichean a dh’ fhalbh, agus tha i cho dèidheal air a bhith seinn sa Ghàidhlig, ’s mar sin dh’ iarr mi oirre seinn còmhla rium air dà òran – aon sa Bheurla agus aon sa Ghàidhlig, agus bha i air a dòigh glan sin a dhèanamh…bha ’s mise! Bhithinn ag èisteachd ri Mary Chapin anns na 90an agus ’s e urram a th’ ann dhomh a bhith seinn leatha air a chlàr. Cuideachd, tha deagh charaidean agam air a chlàr cuideachd. Daoine air a bheil mi gu math eòlach mar Éamon Doorley, Duncan Chisholm, Tony Byrne, Ewen Vernal agus Dòmhnall Seathach. Tha iad uilg sònraichte math agus tha e na thlachd dhomh an-còmhnaidh a bhith ag obair còmhla riutha. Bha mi airson beagan a bharrachd a chur ris na h-òrain an trup seo – le sreangan, shrutibox, samples is eile. Dh’ fheuch mi beagan a bharrachd a sgrìobhadh mi fhèin cuideachd – ceòl ùr a chruthachadh (airson Cearcall mun Ghealaich) is guthan ann an co-sheirm a chrùthachadh ’s a chlàradh cuideachd.

Dàna: Tha na promos agaibh a’ cleachdadh ìomhaigheachd on chuan agus eunlaith – eil adhbhar sònraichte airson sin ann?

Julie: Dh’iarr mi air Craig Mackay, Pictii, dealbhan a chruthachadh timcheall air a’ cheòl. Chuir mi faclan, beachdan agus ceòl thuige, agus bhruidhinn sinn mu na cuspairean a bha anns na h-òrain is eile. Agus leig mi leis a dhreach fhèin a chuir air na h-ìomhaighean. Seo a thuirt e mu dheidhinn, na fhaclan fhèin:

‘the concept behind ‘alterum’ appealed to me in its interpretation of being spiritual and otherworldly, in the context of interpreting loss and where it goes. My own work is steeped in tradition and historical reference, specific to the Highlands with a leaning to many beliefs and cultures. Locations were identified which were both of the sea and the land, the two most contrasting elements we exist in, featuring horizons separating expansive skies and dark brooding waters. Feathers were introduced depicting journey (transition in this case); owl feathers silent in flight, of the night, the dark a place of mysticism and intrigue. We used them in a head dress, a link to a more ancient association.’ – Craig MacAoigh, Pictii

 

Dàna: Tha thu a’ seinn còmhla ri Gillebridhe MacIlleMhaoil air a’ chlàr seo – Deasach agus Tuathach còmhla ri chèile – tha an dithis agaibh a’ dèanamh tòrr airson inbhe na Gàidhlig a shanasachd do luchd na Beurla. Ciamar a thàinig an duet gu buil agus ciamar a bha e ag obair còmhla ris-san?

Julie: Tha sinn air tòrr a dhèanamh le chèile thairis air na bliadhnaichean, agus bha mi rìamh measail air an t-seinn aige. Tha guth àlainn aige. Tha Gillebrìde air tòrr cuideachaidh a thoirt dhomh thairis air na bliadhnaichean agus bha sinn san oilthigh còmhla cuideachd, rinn sinn an aon chùrsa MA. Ann an 2010 rinn sinn aon phròiseact gu sònraichte air an robh ‘Facing the Atlantic’ – cuirm-ciùil a bha a’ comharrachadh cultar, ceòl agus cànain ann an Galicia agus Gàidhealtachd na h-Alba. Sheinn sinn ‘Camariñas’ an uairsin le seinneadair à Galicia, Rosa Cedrón, agus ’s e Gillebrìde a rinn an t-eadar-theangachadh bho Ghalician gu Gàidhlig. Bha mi cho toilichte gu robh e deònach a sheinn a-rithist air a’ chlàr còmhla rium. ’S e òran air leth breagha a th’ ann.

Dàna: Tha teaghlach òg agad, an e sin as còireach gu bheil dà òran le “Dh’èirich mi moch…” san tiotal? Ciamar a bhios tu a’ taghadh òrain airson pròiseact?

Julie: Ha ha! ’S mi a bhios ag èirigh moch na làithean-sa, gu cinnteach. Neisd – taghadh òrain. Tha sin doirbh. Thòisich mi an uair seo le liosta de dh’òrain a bha ‘neo-shaoghalta’ ann an dòigh air choireigin – òrain mu eich-uisge, ròin, neo sìthichean, rudan mar sin. Ach leudaich e fhad ’s a bha mi a’ dol air adhart – thòisich mi a’ smaoineachadh mu ‘shaoghalan eile’ anns gach dòigh, saoghal na Gàidhlig, saoghal na Beurla – Alba, Breatainn, Na Roinn-Eòrpa. Tha na crìochan air a bheil sinn eòlach a’ gluasad agus ag atharrachadh agus thug sin buaidh air na chuir mi air a’ chlàr.

Dàna: Tha thu air a bhith an-sàs gu mòr ann an cuimhneachan cogaidh o chionn ghoirid, gu h-àraidh le tachartas tiamhaidh thall aig an Somme. Rinn thu tionndadh inntinneach de Air An Somme fhèin air na Quay Sessions, carson nach robh sin a’ nochdadh air a’ chlàr ùr?

Julie: Deagh cheist – tha mi an dùil a chur air clàr eile a tha air fàire. Tuilleadh mu dheidhinn a dh’ aithghearr!

Tha alterum a-mach an-dràsta air Machair Records Ltd agus ri fhaotainn an-seo

http://www.juliefowlis.com/

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach