Agallamh le Ruairidh Greumach o Niteworks: Obair Là Tòiseachadh, Obair Oidhche Cruthachadh

On a thàinig iad am follais mu 2008, tha an còmhlan-ciùil Sgitheanach, Niteworks air neo Obair Oidhche, air ceòl Gàidhlig a thionndadh gu rud ùr-nòsach ach aig an aon àm a’ toirt urram dhan dualchas às an tàinig iad.

Le dà oidhche eachdraidheil aig Fèis Cheilteach Innse Gall air an cùlaibh, agus EP le ceithir òrain a thàinig a-mach ann an 2011, tha Ailean Dòmhnallach, Innes Strachan, Crisdean MacNeacail agus Ruairidh Greumach air buaidh a thoirt air ceòl Ceilteach agsu ceòl dannsa ann an Alba mu thràth.

O chionn ghoirid ge-tà, tha e air a bhith doirbh dha na balaich leantail orra gun ach na seataichean DJ aca agus aon òran, Eilean a’ Cheò, air nochdadh airson bratach Obair Oidhche a chumail an àird. Ach, tha na balaich air ais, beò agus cunnartach aig Fèis Celtic Connections anns an Fhaoilleach agus clàr ùr air an rathad a-rèir coltais.

Chuala Dàna o Ruairidh Greumach, drumair beòthail a’ chòmhlain san taigh aige san Eilean Sgitheanach.

Niteworks

 

Dàna: Haló a Ruairidh, taing airson coinneachadh rinn.

RG: “Hi a Dhàna, ’s math ur coinneachadh cuideachd”

Dàna: Thàinig sibh còmhla nuair a bha sibh òg agus anns an àrd-sgoil? A bheil seo cudromach dhan chòmhlan?

RG: “Gu dearbha, thà. Bha Ailean, Chris is mi fhìn (Ruairidh) uile san sgoil còmhla ann am Port Rìgh is ged a bha Innes an sàs ann an Àrd Sgoil a’ Phluic, cha robh e ach 10 mionaidean a’ coiseachd sìos an rathad bhuamsa. Mus tàinig an còmhlan ri chèile fo bhratach NW bhiomaid a’ cluich ri chèile ann an diofar shuidheachaidhean, le diofar chòmhlain is mar sin bha dàimh air a cruthachadh eadarainn a tha fhathast sònraichte làidir chun an latha an-diugh. ‘S ann air sàilleabh na dàimh seo a bhios a’ cumail cùisean a’ dol san latha an-diugh ged a tha sinn uileadh sgapte o chèile air feadh an t-saoghail uaireannan.”

Dàna: A bheil feallsanachd air cùlaibh ceòl Niteworks? Ciamar a bhios tu a’ tighinn dhan cho-dhùnadh a thaobh dè tha freagarrach agus dè nach eil freagarrach nuair a bhios sibh ag obair le rudan on dualchas?

RG: “Nuair a thig e gu bhith a’ cur air bhonn ceòl ùr a bhios a’ taisbeanadh ar dualchais is ar cànain, chan e ’s gu bheil leabhar làn riaghailtean a bhios sinn a’ leantainn ach tha sinn mothachail air puing no dhà ’s dòcha a tha cuideachail dhuinn.”

“‘S e aon dhiubh gum bi sinn a’ feuchainn ri ar ceòl a chumail fìor is ùghdarail. Chitheadh tu tric am measg chòmhlain a bhios a’ tarraing diofar stoidhlean ri chèile gu bheil barrachd smuain a’ dol a-steach gu aon stoidhle seach an tè eile. Is cuideachd chitheadh tu tric còmhlain no cluicheadairean a’ cleachdadh stoidhlean ùra mar eileactronaigeach, no rap, no jazz no ge brith dè eile airson amais shònraichte, no sannt pearsanta son a bhith diofraichte a choileanadh.”

“Cha chanainn gu bheil criteria sònraichte againn a thaobh a bhith a’ taghadh nan òran – dìreach gum bi iad a’ còrdadh rinn. Tha sinn air feadhainn ainmeil mar Eilean a’ Cheò a dhèanamh is feadhainn eile mar Òran a’ Phrionnsa (Luaidh) nach eil cho cumanta. Tha beagan a bharrachd cuideam ort nuair a bhios tu a’ cleachdadh aon de na h-òrain ainmeil mar sin, is b’ àbhaist dhuinn a bhith a’ gabhail beagan dragh mu dheidhinn sin ach ’s e as cudromaiche gum bi na h-òrain air an cluinntinn an-diugh oir ’s e fìor dheagh òrain a th’ annta, is coma na bhios daoine ag ràdh mu dheidhinn.”

“Ged a bhios sibh a’ cnuasachadh gu mòr air na h-òrain a bhios sibh a’ clàradh, tha cliù agaibh mar chòmhlan a tha tighinn fìor bheò air an àrd-ùrlar. Ciamar a bhios tu a’ feuchainn ri na consairtean a dhèanamh cho beòthail?”

“Aig bonn na cùise tha sinn a’ feuchainn ri pàrtaidh a chruthachadh. Le ceòl a tha freagarrach airson dannsa, no a’ leum mun cuairt ’s ar n-amas gum bi daoine dìreach a’ gabhail spòrs. Tha sinn air cluich le face-paints, is JLS masks uaireannan ma tha sin a’ cuideachadh cuideachd?”

Dàna: Is cinnteach gu bheil, chaidh Pàirc Bhictoria a lìonadh le JLS o chionn ghoirid, bidh iad a’ taladh sluagh. Dè seòrsa rudan am bu chòir dhuinn a bhith an dùil on chlàr ùr agus na consairtean a thig na chois?

RG: “Airson na dhà no trì bliadhna a chaidh seachad tha sinn air a bhith gu math sgapte air feadh an àite; le Ailean ann an Aimearagaidh, Innes ann an Glaschu, Crìsdean ann an Inbhir Nis is mi fhìn fhathast anns an Eilean.”

“Tha sinn ge-tà air a bhith ag obair a’ cur smuaintean am measg a chèile air loidhne is anns an stiùidio cuideachd. Tha sinn air impis co-dhùnadh a ruighinn air a’ chlàr is glè thoilichte leis. Chan urrainn dhomh cus a ràdh ach gu bheil sinn air a bhith ag obair le seinneadairean is cluicheadairean a leithid Kathleen NicAonghais, Alasdair MhicIlleBhàin, Laura Donnelly (Laki Mera), Deirdre Ghreumach, Dhòmhnaill Dhòmhnallaich (Is na h-Eileanan), Mairearad Green (Box Club), Fiona NicAsgaill agus Anndra Mhic a’ Phearsain (Deoch an Dorus).”

Dàna: Abair thusa, nì sinn fiughar ris. Agus mu dheireadh, cuin a bhios BBC Alba a’ gluasad air adhart le Obair Oidhche: The Series?

RG: “Nuair a bhios Alba neo-eisimeileach.”

– Bidh Niteworks a’ nochdadh aig Òran Mòr ann an Glaschu Dihaoine 23 den Fhaoilleach 2015. Thathar an dòchas gum bi an clàr aca (gun tiotal an-dràsta) air a chur a-mach an ath bhliadhna cuideachd. Chan eil e cinnteach cuin a bhios Obair Oidhche: The Series air ar sgrionaichean.

http://www.niteworksband.com/tracks.html

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach