Agallamh le Ruaraidh MacLabhrainn, Marta Ò hEaghra

Dealbh le Yohei Yamashita

Le pròiseact iongantach Gàidhlig ga chur gu dol fhuair an neach-aithris againn, Marta, facal air fear a tha air a bhith aig teas meadhan na h-iomairte.

Bha mi air bhioran is mo latha agam, mu dheireadh thall. Às dèidh a h-uile car is lùb tron deach mi; na litrichean iarraidh, an iomadh foirm is na dearbhaidhean tèarainteachd; bha mi gu bhith a’ faighinn facal air sàr-ghaisgeach ar cànain. Bha mi taobh a-staigh an ionaid a tha air a bhith na rùn-dìomhair dhuinn air an taobh a-muigh; gu ruige seo. Stiùir fear puingeil mi gu siùbhlach gu ruige doras aig ceann trannsa glainne is stàilinn, le mac-talla ar brògan a’ seirm mu thimcheall oirnn. Taobh thall an dorais, chuir Ruaraidh còir fàilte orm le snodha-gàire fialaidh is shònraich e sèithear dhomh. ‘S gann gun creideadh tu gur e seo an dearbh Ruaraidh againn a bha o chionn greis ag obair na croite leis a’ chruth-atharrachadh a bha air tighinn air. Air mo bheulaibh fhuair mi duine a bha làidir, an dà chuid, na bhodhaig is na inntinn. Bha sradag lèirsinneach na shùil is chìte gu follaiseach fhèithean righinn fo a dheise leuma. Air a bhroilleach bha suaicheantas na buidhne, leis na litrichean ‘B – T – E – R – n – G’ air an grèiseadh ann an òr; Bòrd Tuineachaidh Eadar Reultach na Gàidhlig; ainm a tha air a bhith air ar n-aire airson greis a-nis leis an iomairt iongantach is ionmholta aca gus tòiseachadh.

Cha chreid mi nach e a h-uile latha is oidhche a chualas sinn aithisg ùr air choireigin ma dheidhinn aig ar caraidean ann am BBC Alba is Réidio nan Gàidheal. Thig bloighean am bàrr fiù ’s air na naidheachdan nàiseanta is tha cuid dhe na meadhanan bho thall thairis air nochdadh air ar stairsich is iad an tòir air sgeulachdan ceangailte ris an iomairt. Catrìona bhochd! Ciamar a bhiodh fios aice gun robh tè-naidheachd às an Eadailt a’ dèanamh far-chluais oirre san taigh-seinnse nuair a bha i a-mach air làithean a h-òigridh agus ise is Ruaraidh a’ suirghe. Abair clisgeadh a fhuair i an ath latha nuair a dhùisg i le ceann goirt is a fhuair i an t-aodann aice air a liacradh air feadh nam meadhanan sòisealta. Bha greis ann nuair nach fhaigheadh tu faisg air an taigh aice leis na bha de charbadan air am pàirceadh shuas an rathad is luchd-naidheachd a’ sgaothachadh ma thimcheall mar chuileagan.

Creididh sibh mise, mar sin, nuair a chanas mi gur e urram thar tomhais a bhith air mo thaghadh gus a’ chiad agallamh slàn a dhèanamh le Ruaraidh bho chaidh e a-steach dhan sgeama trèanaidh.

Bha uinneag thomadach air ar beulaibh a thug sealladh dhuinn air an raon rocaide leis an rocaid fhèin na seasamh mar charragh aig a theas-meadhan is a’ mhachair a’ sìneadh air a’ chùl . Sgrìobhte air cliathach na rocaide bha sluagh-ghairm dà chànanach na buidhne; ‘A Dhol Gu Dàna Gu Far Nach Deach Gàidhlig Roimhe’ agus an t-eadar-theangachadh gu Beurla ‘ Sending Gaelic To The Furtherst Flung Corners Of The Universe’

Thug Ruaraidh seachad greis a’ cur an cèill dhomh amasan na buidhne; mar a bhiodh iad a’ siubhal nan speur an tòir air ceàrnan torrach far an cuireadh iad air bhonn saoghal ùr Gàidhlig. ‘Cruthaichidh sinn pàrras far nach cluinnear ach an cànan as bòidhche; lios Eden ùr gu dearbh. Mar as iomchaidh do dh’àite dha leithid cha bhi sgeul air saothair no bochdainn mar a b’ aithne do na Gàidheil o shean. ‘S e an teicneòlas a thig nar cois a ghabhas os làimh uallaichean bìdh is fasgaidh às ar leth.’ Chlìor Ruaraidh amhaich, is e a’ togail a dhùirn, ghairm e ‘Biodh Ghàidhlig mar chainnt gàrradh Eden a-rithist mar a bha bho thùs agus mar as dligheach dhi!’

‘Agus far nach fhaigh nathair na Beurla a-steach’. Chuir mi ris. ‘Ach dè bhios sibh ris mur eil obair gu bhith ann?’

‘S e sin cnag na cùise nach e? Is sinn a bhios nar fillean is nar bàird ri rann is duan o mhoch gu dubh is sinn a’ moladh an t-seann shaoghail, is làithean cùbhraidh ar n-òigridh air uachdar na talmhainn.

Cha robh coltas an uallaich no sgìos a’ laighe air aogas Ruaraidh idir às dèidh an iomadh mìos de thrèanadh tron deach e; trèanadh fallaineachd, na deuchainnean gun sgur, na greisean anns an ionad neoni iom-tharraing agus an t-ionnsachadh mionaideach. Ach b’ e sin an seòrsa duine, a-mach às an àbhaist, a chaidh a thaghadh airson a’ phròiseict. Bha fiughair agam barrachd fhaighinn a-mach ma dheidhinn is dè thug air an dùbhlan a ghabhail os làimh.

‘Ciamar a fhuair sibh gu bhith an seo?’

Aon uair is gun do dh’fhàg na faclan mo bheul bha fios agam cho faoin ’s a bha iad, ach tuigidh sibh gun robh car de dh’fhiamhachd orm ron duine aig an àm.

‘Air a’ bhus!’ Rinn e lachan. Bha, bho riamh, taobh àbhach aig Ruaraidh; gòrach chanadh cuid.

Chàraich e a làmh air mo ghualann ‘Na bi fo uallach a bhuinneag. ‘S ann a tha mi a’ tarraing asad. Tha fhios agam dè tha thu a’ ciallachadh. Àidh; Neònach nach e?’ Lean e air ‘Bho obair fearainn gu siubhal nan speuran. Bho boiler suit gu space suit. Leis an fhìrinn innse bha an t-àm agam atharrachadh a dhèanamh air mo bheatha; is cha b’ e dìreach prìs ìosal nan uan an-uiridh a bu choireach.’ Chrom e dham ionnsaidh is chagair e; ‘Off the record bha mo bheatha phearsanta a’ fàs caran riaslach, fhios agad. Trioblaidean bhoireannach is eile.’ Phriob e orm. Chuimhnich mi gun robh àm ann a chanadh sinn Captain Cearc ris is e cho dèidheil air cearcan, an dà chuid an fheadhainn le itean is an fheadhainn às an aonais. ‘B’ e am baile mòr a bha fa-near dhomh an toiseach gus am faca mi sanasachd fastaidh a’ phrògraim, is thuirt mi ruim fhèin; “mas urrainn dhomh an tìr-mòr a thoirt orm, thèid agam a cheart cho math air tìrean cèin a thoirt orm; gu dearbh mar a rinn ar sinnsearan”‘.

Thug e iomradh an uair sin air a’ phròiseas taghaidh teann is mar a bha e ga mheasadh fhèin cho fortanach faighinn troimhe.

‘Dè dìreach na comasan a dh’fheumadh a bhith agaibh?’ dh’fhaighnich mi dheth.

‘Fallaineachd; tha sin cudromach,’ dh’fhreagair e, ‘ach b’ e seasmhachd an rud a bu chudromaiche; a bhith deiseil gus dèiligeadh ris a h-uile dùbhlan a thigeadh nar n-ionnsaigh gun dùil’.

‘Cofaidh?’ Phut e siuga stutha dhuibh dhorcha thugam is ghabh mi cupa. Ghabh is esan is shlug e sìos e.

‘A bheil leithid a chofaidh ceadaichte sa phrògram, is e na dhruga?’ Dh’fhaighnich mi dheth gu magach. Bha mi a’ fàs nas dàna.

‘Fhios agad ; ’s fhada an tìde a bhios sinn ri pileachan is biadh tioram a-mach à pacaidean. An-dràst’ ’s ann a tha mi a’ gabhail brath air na cothroman a gheibh mi air cofaidh………. is corra dhrama,’ chuir e ris gu h-os ìosal. ‘Na innse do na bosses.’

‘Agus làn ar cinn de Ghàidhlig againn.’ bhris e a-steach air fhèin. ‘S e sin comas cudromach a bu chòir a bhith againn. Ach, uill, chan eil i buileach aig a h-uile neach san sgioba gu coileanta. ‘S e pròiseact X am fuasgladh don easbhaidh seo. Sin agad an siostam air ùr dhealbhachadh againn a bheir seachad Gàidhlig cheart dhan fheadhainn às a h-aonais air an t-slighe; is an fheadhainn le Gàidhlig Leòdhais.

Pròiseact X. Bha rudeigin car eòlach mun ainm seo, nach robh? Dhearbh Ruaraidh dhomh gun deach corra sgeama paidhleit a chur air bhonn o chionn beagan bhliadhnaichean air an stairsich againn fhèin air uachdar na talmhainn. Sin e! Bhuail e orm gu robh mi fhèin air bhith greis nam ghearra-mhuc sa phròiseact nuair a bha mi aig a’ cholaiste ann an Steòrnabhagh. Cluinnidh mi fhathast nam cheann guth àrd a’ bhoireannaich a bha ga lìbhrigeadh an uair sin. ‘F-e-a-s-g-a-r m-a-t-h a-g-u-s f-à-i-l t-e d-o-n Ö-b-a-n! This week will be looking at how to say…’ is mar sin air adhart. Cha bu luaithe a bha am pròiseact air nochdadh na chaidh a tharraing. ‘Cus bacaidhean gan cur san rathad air.’ A rèir Ruaraidh; bacaidhean biurocratach le cuid a chomhairlean nach gabhadh ris is dìth ghoireasan. ‘Ach ’s truagh leam a ràdh.’ Choimhead Ruaraidh air falbh bhuam nuair a thuirt e seo. ‘Gur e cnag na cùise nach eil an duine cumanta deiseil airson siostam a tha cho adhartach.’

Bha e air tighinn a-steach orm gun robh beàrn anns a’ mhìneachadh a fhuair mi gu ruige seo agus chuir mi an cèill mo theagamh ‘Ach, can, ma bhios cruth-bheatha mar-thà anns na ceàrnan a bhios sibh a’ siubhal. ‘S dòch’ gum bi dòigh conaltraidh aca fhèin, cò a chanas gun gabh iad ris an iomairt agus nach cuir iad na h-aghaidh; dìreach mar a rinn na comhairlean baoghalta sin?

Ach bu chòir fios air a bhith agam; bha iad air smaoineachadh air a h-uile rud a b’ urrainn tachairt. ‘Tha plana againn son a h-uile ceàrn dhen domhan,’ mhìnich Ruaraidh dhomh, ’s e mar phàrant a’ bruidhinn ri pàiste, ‘a dh’innseas dhuinn mar a choileanas sinn ar n-amasan.’ Tha iad taisgte air coimpiutair an t-soithich. Le foghlam is foighidinn is cinnteach gun coisinn sinn àite dhuinn fhèin. Rè ùine, cò aig a tha fios, ’s dòch’ gur i a’ Ghàidhlig a bhios air teanga clann nan creutairean fànais.’

Theagamh ’s e an nàire ro m’ aineolas a bu choireach ach thàinig abhsadh nar còmhradh an uair sin. B’ e Ruaraidh a bhris an an-fhois le bhith a’ toirt fiamh-ghàire fhiosrachail dhomh. ‘Tha cuireadh agam ri thoirt dhut ma ghabhas tu ris.’ thuirt e ‘ Leis mar a tha an t-àm falbh a’ dlùthadh oirnn tha cead agam do thoirt air bòrd an t-soithich ach am faigh thu fios air na goireasan againn.’ Cha b’ e ruith ach leum!

Thug sinn carbad beag thairis air an raon-laighe is an uair sin suas lioft leinn, seachad air an dà roinn connaidh a bhios a’ toirt na rocaide far grèim iom-tharraing na talmhainn (is, gu dearbh, grèim na Beurla). Ràinig sinn toll beag faisg air ceann na rocaide agus chrom sinn a-steach troimhe. Fhuair mi faochadh nuair a bu lèir dhomh tron doilleireachd gun robh an taobh a-staigh na bu mhotha na bha e a’ coimhead bhon taobh a-muigh. Bha sinn anns an rùm-còmhnaidh le bòrd, goireasan bìdh, na pòdan dibhearsain len cuid sgrìnean is na goireasan eacarsaich. ‘Tha a h-uile càil a tha sin àbhaisteach gu leòr’ chaith Ruaraidh a-mach a làmh a’ sònrachadh na bha far comhair ”S ann os ar cionn a tha na h-annasan gar feitheamh.’ Thàinig làmh Ruaraidh gu stad, a chorrag a’ tomhadh ri fàradh. Lean mi suas am fàradh e gu rùm eile far an robh sreath de cheallan neònach an taic ris an dà bhalla. Air gach fear dhiubh bha ceann plastaig trìd-shoilleir fosgailte a’ feitheamh air a luchd agus, aig a’ bhonn, làrach cinne-dhaonna air a mòlltachadh a-steach dhan làr.

‘Sin far an cuir sinn seachad ar turas mhìnich Ruaraidh dhomh. Leis gum bi na mìltean de bhliadhnaichean-solais againn ri siubhal, bidh sinn ann an staid anamanachadh croichte. ‘S e tha mi a’ ciallachadh gum bi sinn nar suain cadal fad na slighe’.

Air cùl nan leapannan bha sruth de uèirean is tiùbaichean ioma-dhathte. Chomharraich Ruaraidh pìob bhuidhe dhomh is thuirt e ‘Sin pìob a’ phròiseict X. ‘S e sin a’ phìob a bhiadhaicheas a’ Ghàidhlig a-steach do dh’eanchainn na feadhainn aig nach eil an cànan aig an ìre as còir. Bha a h-uile càil a bha sin a’ fàgail ceist nam cheann. Ach mar gun robh Ruaraidh a’ leughadh m’ inntinne bhris e a-steach orm mus robh cothrom aig a’ cheist mo bheul fhàgail. ‘An dùil; am bi thu a’ faighneachd dhiot fhèin ciamar a ghabhas an soitheach a stiùireadh is sinn uile nar cadal. Lean mis’.’

Dhìrich sinn fàradh eile gu far an robh seòrsa de chùlaist aig fìor shròn an t-soithich. Bha sèithear anns an rùm seo le uinneag air a bheulaibh a’ coimhead a-mach air na neòil dorcha os ar cionn. San t-sèithear bha ròbot gleansach na shuidhe is e na thàmh.

‘Sin am fear a stiùireas sinn. Thug Ruaraidh buille mun ghualainn don ròbot ‘Deiseil is deònach; eh a bhalaich!’ Dhearc Ruaraidh orm ‘Seo XR5000; an ròbot as adhartaiche a th’ ann. Tha a h-uile goireas a tha a dhìth aig an fhear-sa. As cudromaiche na comasan teicnigeach a tha aige tha a cheann làn a’ Ghàidhlig às glaine. ‘S e Somhairle a chanas sinn ris. Mhothaich mi gur ann an cùl cinn an ròboit a thàrmaich pìob bhuidhe an t-siostam X is bho seo gun do ruith e tro tholl sa bhalla a-steach an ath-dhoras. B’ ann gu dìreach bho eanchainn Shomhairle fhèin a bha an criutha gu bhith a’ faighinn an cuid Gàidhlig.

Bhrùth Ruaraidh air putan air ceann an ròboit. ‘A Shomhairle nach dùisg sibh is fàilte a chur air ar n-aoigh!’ Dhùisg an ròbot le clisgeadh is las na sùilean aige le solas dearg.

‘C-à-i-l s-i-n-n? A-n d’ -r-à-i-n-i-g s-i-n-n f-h-a-t-h-a-s-t?’ Ghròc an robot.

B’ ann air Ruaraidh a-nis a bha an nàire. ‘Bheir e beagan ùine gus am blàthaich na cuairtean dealain aige. Nach cuir sibh failte air ar n-aoigh a Shomhairle!’

‘S-ì-t-h g-u-n r-o-b-h m-a-i-l-l-e r-i-u-t a c-h-o c-h-r-e-u-t-a-i-r n-a c-r-u-i-n-n-e!’

Thug Ruaraidh slaic dha mu na h-asnaichean is rinn am ròbot brunndail pianail.

Nuair a shruth am bàrdachd an uair sin bho a bheul bha guth an ròboit air atharrachadh gu bhith na chrònan thiamhaidh.

‘A nighean, a nighean bhàn,

dh’fhilleadh an ceòl mòr nad àilleachd’

Ge b’ oil leam bha mo ghruaidhean a’ ruadhadh. Chuir Ruaraidh Somhairle na thàmh a rithist is cha b’ fhada gus an robh sinn air ais shìos air an raon rocaid, is sinn a’ fàgail soraidh aig a’ chèile. Abair latha a bha air a bhith agam; latha a mhaireas leam fad mo bheatha. Nuair a rug sinn air làimh air a chèile is a thug Ruaraidh pòg bheag dhomh mun phluic, mheòraich mi air cho diofaraichte ’s a bhiodh ar beatha bho seo a-mach. ‘S ann aig Ruaraidh a bhios an cothrom amasan na h-iomairt a thoirt gu buil is Gàidhlig a thoirt gu bith ann an saoghalan eile ann an tìm eile. S’ fheudar dhomh gabhail ri uireasbhaidhean mo bheatha air talamh.

‘Guma fada beò sibh agus gun soirbhich leibh!’ Dh’fhàg mi mo bheannachd aig fear a bhios a’ stiùireadh ar canain dhan àm ri teachd.

Le Alistair Paul

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach