Aghaidh ri Èirinn, agus cùl ri Alba

Port na h-Aibhne © Steve Adams

Tha DONNCHADH FEARGHASTAN a’ coimhead air ais air làithean òige ann am fear dhe na bailtean as fhaide a-mach ann an Eilean Ìle.

A’ fàs suas ann am Port na h-Aibhne aig deireadh na caogadan ’s toiseach nan seasgadan, bha Èirinn nar sealladh daonnan: ann an da-rìribh le beanntan Aontraoim (nan naoi gleann) gu math faisg oirnn – beagan thar fichead mìle air falbh – ’s air an oidhche taigh-solais Rathlainn ri fhaicinn. Ach ann an dòigh ’s e telebhisean – BBC (Èirinn a Tuath) ’s UTV (Telebhisean Ulaidh), tighinn à taobh tuath eilean Èirinn- aig an robh buaidh nas motha ormsa, cha dubhte. Bha mi a’ leantail gu dlùth ball-coise sa cheàrn sin – gach Disathairne a’ sgrìobhadh sìos na results mar Distillery 2 Linfield 1 – ’s barrachd fios againn, sna làithean sin, air gnothaichean ann am Beul Feirste na bh’ againn air naidheachdan Dhùn Èideann: Tea Time with Tommy gabhail àite The White Heather Club dhuinne ’s luchd spòrs na dùthcha sin mar Uilleam Iain MacilleBrìghde (rugbaidh), Màiri Peters (lùthchleasan), Deòrsa Best (ball-coise) ’s eile air leth cudromach nam smaointean-sa; gun iomradh air “na Trioblaidean” cho brònach dhan dùthaich bhòidheach sin a thòisich ann an 1969.

Bha beagan eòlais againn cuideachd air “Éire” (mar a theireadh sinn ris sa Bheurla) ’s a-nis ’s a-rithist a’ cluinntinn prògraman bho Radio Teilifís Éireann (RTE) air an rèidio ’s facal Gaeilge no dhà tighinn thugainn a bha sinn a’ tuigsinn gu soirbh thaobh a bhith cho coltach ri Gàidhlig Ìle.

A rèir cosmhail ’s gun fhiosta dhomh, bha seo a’ dùsgadh annamsa fìor ùidh ann an Èirinn. An-diugh tha mi fhathast nam hibernophile ’s a’ tadhal air eilean na smaraig cho bitheanta ’s as urrainn dhomh airson àiteachan eachdraidheil fhaicinn, a’ gabhail pàirt ann an co-labhairtean foghlaim ’s cànain, a’ leantail iomain Èireannach (mìorbhaileach a bhith aig Pàirc a’ Chrocaigh loma-làn air son geamannan GAA), agus a’ dol gu cuirmean-ciùil seinneadairean a chluinntinn mar Christy Moore ’s a leithid.Tha mi air leth taingeil gun d’ fhuair mi cothrom oideachaidh mun cuairt air Yeats, Joyce ’s Beckett aig Oilthigh Ghlaschu sna seachdadan;an-diugh, gheibh mi tlachd à sgrìobhaichean dràma Èireannach mar Sean O’Casey ’s ùidh agam ann an cultar farsaing na h-Èireann.

Gu h-àraidh gu proifeiseanta, bha mi cho moiteil a bhith sàs ann an oidhirp na sgoil againn – Ardsgoil a’ Phluic – le Coláiste Phádraig ann am Beul Feirste le mo dheagh charaid ’s ceannard adhartach P J Ó Gráda a tha air a bhith cho soirbheachail tro chleachdadh iomain ann an togail cheanglaichean eadar oileanaich sa bhaile sin bho dhà thaobh an sgaraidh chreideis. Thug sin sinn gu dìnnear air leth le Máire Nic Giolla Íosa, Uachtarán na h-Èireann, aig Áras an Uachtaráin am Baile Àtha Cliath ’s agus aon bhliadhna thàinig teachdaireachd shònraichte aig là nan duais sa Phloc bhon pheann aig Seamus Heaney, nach maireann, a’ moladh na h-obrach seo – abair urram.

Ach a’ dol air ais gu làithean m’ òige, eadar Èirinn ’s an dachaigh agam bhà, ’s thà fhathast, eilean Orasaigh far an do stad Colm Cille, a rèir beul-aithris, air an t-slighe aige gu Eilean Idhe ’s far an do thog Dàibhidh MacSteaphain aon de na taighean-solais as àirde aige. Thaobh sin b’ e a’ chiad leabhar mòr a leugh mise aig còig bliadhn’ a dh’aois Treasure Island (iris cloinne) ’s, là bha seo, ghlaoidh mi ri m’ mhàthair gun robh mi air Niall Raonailt (bodach laghach á Bun Othann) ’s Long John Silver fhaicinn dèanadh air an Admiral Benbow Inn (aka Taigh Seinns Phort na h-Aibhne) airson drama ’s mi cho cinnteach ’s a ghabhas gun d’ fhuair RLS còir an sgeulachd aige às an eilean mhòr far an do thog a sheanair Taigh-Solais na Ranna.

Bha mi air mo bheò-ghlacadh le sgeulachdan ’s bha mi feitheamh – nam mhac-meanmna co-dhiù! – airson crìoch air Clochan an Aifir / Cabhsair an Fhuamhaire (bhithinn a’ faighneachd o àm gu àm an e Sisyphus – an clachair Greugach gun fheum – a bha gan cuideachadh air a’ phròiseact seo?!) ’s mi creidsinn ’nam bhruadair gu robh maighdinnean-mara bhon taobh Ìleach ag obair air slighe fon chuan eadar Ìle ’s Èirinn. Cha tàinig an là sin fhathast…

Eilean Rathlainn © Philip Hay
Eilean Rathlainn © Philip Hay

Bha ceangal gu dearbh air a bhith ann eadar ar sgìre ’s Èirinn a-tuath air sgàth iasgaich. Bha e na chleachdadh airson bliadhnachan mòra gus àm a’ chiad chogaidh muinntir Phort na h-Aibhne a bhith dèanadh air Fèill Lughnasaidh Bhail’ a’ Chaisteil sna luggeran – na bàtaichean-iasgaich aca – a reic an cuid èisg gach bliadhna aig an fhèill ainmeil sin, the Ould Lammas Fair, air a cumail air an Di-Luain ’s Di-Màirt mu dheireadh dhen mhìosa. Nam òige, bha feadhainn ann fhathast a bha thall ’s a chunnaic ’s ann an 1970 chaidh buidheann – mu dheich air fhichead – air turas sònraichte às an sgìre a-null gu Èirinn ’s mi cho fortanach gun deach mo mhàthair-sa ann ’s mise còmhla rithe. Aig an àm sin, bha bàt’-aiseig a’ ruith eadar Ceann Loch Chille Chiarain ’s faisg air Bail’ a’ Chaisteil, ’s sin a’ dèanadh an turais nas fhasa dhuinn: abair trì làithean fada air ar cuimhne a bh’ againn ’s cho prìseil gu h-àraidh airson an fheadhainn as sine, nam measg fear no dhà a chaidh dhan fhèill mar òganaich còmhla ris na h-iasgairean.

Ged nach robh mi ach nam bhalach òg, thuig mi gur e fìor eachdraidh ar daoine a bh’ ann a-seo a bharrachd air toil-inntinn mhòr ag ithe duilisg ’s suiteas yellowman (’s tha mi cinnteach ag òl gloinne no dhà dhen stuth dhubh a dh’òlas iad a-nis ’s a-rithist air an eilean sin!). Bhiodh Gillebrìghde Mac a’ Chlèirich (no Gibidh Clearc), seanchaidh air leth gasta ’s fiosrach a bha fantail ann am Port Sgioba, daonnan cantail rium gu robh ceangal fiadhaich domhainn ’s sònraichte eadar muinntir na Ranna ’s na h-Èireannaich. Tha deagh chuimhn’ aig mo dheagh bhanacharaid Beitidh West (no Beasaidh Nèill mar as fheàrr a dh’aithnicheas na Rannaich i) air daoine a’ bruidhinn mu na turais-mara aca gu Èirinn a Tuath; ’s gu dearbh chaidh Beasaidh chòir i fhèi’ – aig faisg air ceithir fichead ’s a deich ach gun eagal sam bith oirre – ann am bàta beag fosgailte a rinn an turas eadar Port na h-Aibhne ’s Bail’ a’ Chaisteil aig àm na fèille deich bliadhna air ais: nach ciatach ban-laoch nan Rannach Ìleach i!

A dhol air ais pìosa, air latha grianach san Ògmhios 1963 chaidh Bunsgoil Phort na h-Aibhne – gach sgoilear, fichead againn air fad – air an aon turas sgoile a bh’ againn riamh (mas math mo chuimhne) gu tràigh an Losaid (trì mìle air falbh) far an robh curach air tighinn á Doire Cholm Chille a’ comharrachadh 1,400 bliadhna bhon àm a thàinig naomh mòr na h-Èireann (’s na h-Albann) a dh’fhuireach air Eilean Idhe, tachartas bunaiteach ann an eachdraidh ar dùthcha ’s ar creidimh. Bha buaidh mhòr aig an latha seo ormsa ’s fìor ùidh agam on uair sin ann an Colm Cille ’s na naoimh air fad a thàinig á Èirinn dhan dùthaich againn sna linntean sin – Moluag, Maol Ruadh, Donnan, Faolan ’s an leithid.

Tha deagh chuimhn’ agam cuideachd air Bellag Mhuiridh (ged ’s e Mrs MacKillop a bh’ againn oirre daonnan!), ar tidsear, a’ sgrìobhadh air a’ bhòrd dhubh briathran an òrain ainmeil ‘Am Bàta Rannach’ ’s mi, eadhon ann am B4, a’ mothachainn cho brodail mun rann mu dheireadh aig Donnchadh MacIain, bàrd an òrain:

A’ dol troimh chuan na h-Èireann
Sruth ’s muir a’ streap ruinn,
‘S truagh nach robh mi ’s m’ eudail
Le chèil’ am Port na h-Aibhne.

Is iomadh uair a chuala mi mo charaid Dòmhnall MacLeòid, seinneadair cliùiteach a’ bhail’ againn ’s cho measail aig daoine air feadh an t-saoghail, gabhail an òrain seo sa ghuth bhinn aige.

Anns na h-ochdadan bha Fèis Cheilteach na Ranna air leth soirbheachail ’s a’ cur air deagh chuirmean (na Dubliners ’nam measg); ’s a’ cur gu mòr ri dualchas an eilein againn. Air son fèis 1986 bha farpais ann air son òran ùr ’s, ged nach eil mi nam bhàrd, cha robh ach aon chuspair air m’ aire-sa: muinntir Phort na h-Aibhne a’ dèanadh air Bail’ a’ Chaisteil. Sgrìobh mi an t-òran, ‘Seòladh Dhachaigh’, a chithear gu h-ìosal. Sa chiad dol a-mach chuir Coinneach MacRath nach maireann, a bha teagasg Fraingis còmhla rium aig Àrdsgoil Cheann Loch Gilb aig an àm (a bha na fhìdhlear snog ’s na choidse-iomain dìleas, ’s anabarrach dèidheil air ceòl Gàidhlig), fonn air.

Bhuannaich Clann Mhic an t-Sagairt (teaghlach fìor ainmeil na Gàidhlig san eilean) an fharpais le deagh òran ‘Dè mu dheidhinn na Daoine’, a’ togail air an strì mun cuairt air na geòidh, ’s David Bellamy air a bhròg fhaotainn ann an Talla Bhogh Mòr – ach sin sgeulachd eile! Co-dhiù, beagan an dèidh seo, chuir Coinneach MacThòmais, ceòladair Gàidhlig ainmeil ’s mo bhràthair cèile, fonn ùr air; ’s tha mi air leth toilichte nuair a thug Coinneach còir a-mach clàr ann an 2004 gur e an tiotal a chleachd e Seòladh Dhachaigh ’s an dearbh òran faotainn prìomh àite sa chruinneachadh aige. Seo ma-tà an t-òran, le spèis do dh’Ìle ’s do dh’Èirinn.

Thug sinn èisg a-null gu Èirinn,
’S iad bha sona bhith gar faicinn,
Fèill Lùnastail am Bail’ a’ Chaisteil,
Deoch ’s gàir ’s mucan beaga.

Sèist:
Sinn a’ seòladh troimh na h-oidhch’
Air ais gu tìr an Roinn,
Baile Phort na-Aibhne mo ghràidh.

O tè ruadh nan sùilean gorm,
Soraidh slàn tha mise fàgail,
Tha caile òg do’n tug mi gealladh
A’ feitheamh orm aig ceann a’ chladaich.

Ceò a’ tuiteam, ’s beag bu lèir dhuinn
Mo chiad turas thar na mara,
’N fhairg’ ag èirigh, seòl a’ sèideadh

’S mi ’nam èiginn ’s a’ ghaoth gar giùlain.

Bha Donnchadh Fearghasdan na cheannard air Àrd-Sgoil a’ Phluic fad iomadh bliadhna. Leig e seachad a dhreuchd o chionn ghoirid agus tha e a-nis a’ cur seachad ùine ann an saoghal Twitter @DJFachmore.

Chaidh na dealbhan a chleachdadh le cead Creative Commons.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach