Air an t-Slighe Leathainn | Iorc Nuadh

An dara pìos le Eòghan bho Ameirigea a Tuath – sùil air Ceann Iar Dheas Eilean Mhanhattain.

IMG_4593

‘S e coiseachd an dòigh as fheàrr a th’ ann airson Manhattan fhaicinn. Chan eil Iorc Nuadh cho “celluloid” sa bha mi an dùil – tha e nas beòthaile is nas tarraingiche buileach.

Cha robh cus tlachd nam chiad sgriob o Stèisean Phennsylvania gu Baile nan Sìneach le mo bhagaichean air mo dhruim agus teas ag obair orm ach nuair a ràinig mi mo thaigh-òsta, ghabh mi fois agus chuir mi m’ aghaidh air drochaid Bhrooklyn.

‘S ann an uairsin a mhothaich mi gun mi anns an Ubhal Mhòr. Bha sgìre Bhrooklyn agus Abhainn an Ear air na ceudan de phostairean Ikea. Chòrd an turas rium air fad, a’ leantainn cost an eilein, gu h-àraidh Abhainn Hudson mu thuath air Pàirc a’ Bhataraidh (ged nach eil sin idir cho math ris an fhear ann an Loch Carrainn). Bha curachanachd an asgaidh ann do cheidan, cùirtean teanais is ball-basgaid, uile pàighte le urras saor-thoileach agus Cidhe 40 far an do thogadh dà phàirc ball-coise oirre!

IMG_4608

IMG_4612

Chaidh mi suas gu Baile Beag Ghreenwich cuideachd agus bha e inntinneach an sgìre sin fhaicinn. Bha brataichean bogha-frois a’ measgachadh le brataichean Meagsanach, ach ’s mòr am beud don choimhearsnachd gheidh gun robh Pàirc Cuimhneachaidh Stonewall ga chleachdadh le truaghan fo bhuaidh na dibhe. ’S ann an-sin a chunna mi mar a tha e airson nan daoine air an iomall ann an Ameirigea. Daoine briste nan closaichean air being. Ach ’s e Iorc Nuadh a th’ ann agus bha fhathast sradag annta, le craic is gaire nuair a chunna iad gun robh mi nam Albannach. Thug aon tè comhairle dhomh mu mar a sheachainn meirle cuideachd! Tha coltas Ghlaschu air modh nan daoine an-seo.

Ged bu mhath a bhith sa bhaile iongantach seo, bha am bochdainn lèirsinneach ag obair orm a bharrachd air smuaintean can diombach eile, gu h-àraidh as dèidh dhomh tighinn o Ghround Zero. Mar neach a chunnaic e air TBh aig an àm agus a dh’fhiosraich mar a dh’atharraich an Saoghal gu tur a’ mhadainn oillteil ud, bha ùidh agam an cuimhneachan fhaicinn.

Feumaidh mi ràdh nach fhaca mi cuimhneachan cho cumhachdail riamh. Dà lòn, dà choire, an aon mheud ri làraichean an dà thùr. Tha iad cuairtiche le leac le ainmean nam marbh orra. Bha bratach beag dearg geal gorm aig gach ainm leis gur e Là na Neo-eisimileachd a bh’ ann. Ach ‘ se na bha am broinn an dà lòin a thug làn air mo chridhe.

Tha na h-uisgeachan a’ dol leis a’ chreig, dìreach, cas, agus a’ steach a-rithist gu coire eile, nas doimhne gus nach lèir sinn – tha iad, na tùir, na daoine, na deòirean, a’ tuiteam, a’ sìor-thuiteam, a’ tuiteam gu bràth.

IMG_4603

An uairsin, chaidh mi suas an rathad beagan agus choinnich mi ri triùir buskers a’ cluich Satisfaction, le cluicheadair giotair ann an deise bhoiler, ‘s ann an uairsin a mhothaich mi ri togalach a b’ aithne dhomh – an togalach far an robh Sigourmey Weaver a’ fuireach ann an Ghostbusters. Rinn seo mi cho sona ri bròg. Bha mi buileach na bu shona nuair a stob mi na pictoran an-àird air Facebook agus chleachd mo charaid Breabairean nan Taibhs airson Ghostbusters! Aibheiseach math!

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach