Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a Dhà

Trèan

An e rèiteachadh no conas a tha gu bhith fa-near do mhuinntir a’ chlobhsa?

Leis nach robh moran eile aig Betsy ri dhèanamh an ath fheasgar is i seachd sgìth dhen trealaich fhaicinn air an teilidh sa mhadainn thug i sgrìob gu crìoch an t-shaoghail bhig aice fhèin taobh thall an trannsa gu flat Dhaibhidh. Gnog i air an doras. Nuair dh’fhosgail Daibhidh an doras bha e fhathast na ghùn-oidhche. Arsa Betsy, ‘Am faigh mi sealladh air an t-seata trèan agad?’ B’aithne dhi ceart gu leòr gun robh e caran mi-mhodhail a bhith ag iarraidh air cuideigin rud nach b’urrainn dhaibh a choileanadh. Bha taobh mì-mhodhail do phearsa Bhetsy ach bha adhbhar aice cuideachd. B’ e cothrom a bhiodh ann facal fhaighinn air Daibhidh agus s’ dòcha beagan eòlas a chur air. Bhiodh e co-dhiù inntinneach an leisgeul aige a chluinntinn.

‘Gu dearbh, gu dearbh! Thigibh a-steach,’ dh’fhreagair Daibhidh le barrachd togail na ghuth na chuala Betsy roimhe.

Leig i le Daibhidh a treòrachadh a-steach gu seòmar far am faca i aon de na rudan a bu bhòidhche a chunnaic i na beatha. Bha seata nan trèanaichean air cha mhòr an seòmar air fad a ghabhail thairis, ach a-mhàin oisinn bheag far an robh sèithear is an t-uidheam-smachd. Air a’ phrìomh-loidhne am meadhan a’ bhiùrd bha trèan-smùide na ruith le sreath de charbadan snasail air a chùl. Bha trèan-smùide eile na thàmh aig aon de na trì stèiseanan. Aig gach stèisean bha dòrlach de mheanmh-dhaoine trang a’ giùlan mhàileidean, a smèideadh no a’ feitheamh gu foighidneach. Air iomall a’ bhùird dh’fheith grunn thrèanaichean bathair air na meur-loidhnichean a ruith tro achaidhean glas air an lìonadh le beathaichean solta ag ionaltradh. Bha baile ann le eaglais aig a mheadhan is stìoball àrd oirre. Bha e dìreach mar saòghal ann an dha-rìribh; ach nas fheàrr; nas foirfe. Chuir e an cuimhne Bhetsy laithean a h-òige.

‘Feuch air.’ Bha na faclan aig Daibhidh cho fann is gur ann air èiginn a chuala Betsy iad. ‘Ma thogras tu.’

‘Cha b’urrainn dhomh, cha b’ urrainn,’ thàinig am freagairt. ‘Uill …. ‘S dòch’ dìreach airson mionaid no dhà.’ Bhon diog a shuidh i is a fhuair i an t-uidheam-smachd na làmhan bha i air a beò-ghlacadh is dh’fhalbh uair a thìde gun i carachadh bhon t-sèithear. Rinn an trèan-smùide grunn chuairtean timcheall a’ bhùird a’ stad aig stèiseanan an siud ’s an seo. Sheall Daibhidh dhi mar a dh’atharraicheadh i na puingean is stiùir i trèan-bathair suas dhan phrìomh-loidhne gu meur-loidhne eile air taobh thall a’ bhùird. Bha i a-nis a’ fàs dàna. Chuir i gu dol an trèan-smùide eile is thionndaidh i daitheal a thug air an trèan a dhol na bu luaithe is na bu luaithe. Ba na faclan ’na rachaibh ro luath’ dìreach a-mach à beul Dhaibhidh nuair a sgeith an trèan far na rèilean aig lùb, a’ leagail dà chaora air a shlighe. Deireadh àm cluich dha Bhetsy.

Air ais san trannsa thug i an aire do Chloe is i a’ dol a-steach doras a flat; cha robh i fiù ’s air na sàilean àrda a chluinntinn le cho mòr air a beò ghlacadh leis ’s a bha i. Thill i gu tèarmann a flat is an teilidh ach chan fhada a mhair a fois.

*******
Cha bu luaithe bha i-staigh na thàinig na trì gnogan. Mura biodh gur robh fios aice cò e bhiodh i air an doras fhàgail ach thionndaidh i is dh’fhosgail i e do Choinneach

‘A Bhetsy!’ ars’ esan. ‘Feumaidh mi aideachadh a thoirt seachad. Fhuair mi parsail nach bu chòir a bhith agam. Dìreach mar a rinn thu fhèin dh’fhosgail mi e gun fhios agam nach b’ann dhomhsa a bha e.’

‘Tha mi an dòchas nach b’ e an aon rud a fhuair thu.’

‘Cha b’ e. B’ e modail trèan a bh’ann. Fear cho grinn sa chunnaic mi nam bheatha. Fìos agad cò dha a bha e?’

‘Daibhidh?…..’S dòch?’ dh’fhreagair Betsy.

‘S mi a bha dèidheil air trèanaichean nuair a bha mi òg.’ Chaidh sùilean Choinnich bog. ‘Bha seata trèan agam a-staigh gus an do thachair mi ri Chloe. Ach mar a thuirt i cha bhiodh rum againn airson a leithid sa flat againn a-nis. Ach ghlèidh mi na rèilean sa chùlaist, is cha b’urrainn dhomh an cothrom a dhiùltadh fheuchainn air an trèan bhoidheach aig Daibhidh. Chuir mi an àirde na rèilean air làr an t-seòmair-suidh is mi an dùil gum biodh Chloe a-muigh gu anmoch. Bha mì direach air an trèan a chàrachadh air na rèilean nuair a nochd i; chaidh a’ choinneamh aice a chur dheth. Nach i a ghabh dìomb, a’ cur às mo leth gun robh mi ag òrdachadh stuth gun fhìosta dhi. Bho seo a mach thuirt i gum biodh a h-inntinn ag obair oirre a’ smaoineachadh air na rudan ris am bithinn nuair a bha i a-mach às an taigh’.

‘Na gabh dragh m’eudail.’ Dh’fheuch i air a shocrachadh cho math ’s a b’urrainn dhi is thug i slàn leis ga stiùireadh a-mach tron doras.

San dealachadh thuirt e rithe ‘Bheir mi an dà pharsail gu Daibidh sa mhadainn’

‘Feuch gun dèan thu e cho luath s’ a thèid agad air ‘ Smèid betsy air ’s i an dòchas nach biodh e ro fhadalach.

*******
‘S gann a chuala i doras Choinnich ga fhosgladh na thòisich an èigheachd. Dhùineadh an doras le brag is lean an trod; na b’ àirde buileach na chuala i roimhe. Bha na ballachan a’ crathadh. Nuair a chaidh an doras fhosgladh a-rithist dh’fhàs an fhuaim na b’àirde a rithist. An uairsin fuaim nan sàilean àrda a’ bragadaich tron chlobhsa.

‘Leis an nàbaidh an e?’ thàinig sgìamhail ròcais na mnà. ‘An e sin an ròlaist as fhèarr a th’agad? Mur a shàsaicheas mi do mhiannan grannda, tha e cho math dhomh falbh! Gheibh mi fear plastaig dhomh fhèin nad àite leis cho beag feum ’s a thus’ fo na plangaidean!’ Dh’fhalbh na sàilean àrda tro inntrigeadh a’ chlobhsa.

Thàinig ceuman cugallach Choinnich às an dèidh is e a’ strì ris na brògan aige a thilgeil air. Ach bha a’ bhean air teicheadh. Chaidh Betsy a-mach an doras aice a thabhainn furtachd dhan truaghan. Thionndaidh Coinneach rithe is thuirt e gu mabach, ‘Nuair a fhuair mi a-steach doras an taighe bha i air rùrachadh tron a h-uile rud san t-seòmar-cadail mus d’fhuair i grèim oirre. Ciamar a bha fìos aice?’

‘Aig Dia a tha fhios.’ Cha b’ e breug a dh’innis Betsy. Chan innseadh i breug, neo ar-thaing nach robh pìos den fhirinn a dhìth.

Liùg Coinneach air ais dhan flat aige is theàrn sàmhchair dhomhain a bha anabarrach air an àite. An ath-mhadainn bha Betsy a’ cur crìoch air a bracaist an cuideachd sgioba naidheachd na maidne nuair an thàinig gnog neo-aithnichte dhan doras aice. Dh’fhosgail i an doras gu deise spaideil Burberry is nuair a dh’èirich a sùilean b’ e aodan dreachail air a sheabhadhadh gu dlùth a bha fa-near dhi.

‘Thàinig seo tron phost agam’ Thuirt an coigreach. Shìn e thuice lethbhreac dhen Radio Times ann an cèis phlastaig thrìd-shoilleir. B’ e ainm bhetsy aig bàrr an t-seòlaidh. ‘Is mise an nabaidh ùr a th’agaibh shuas an staidhre’. Thabhainn e làmh shìnte dhi.

‘S e Dòmhnall m’ainm; Dòmhnall Brown.’

‘Nach iongantach gum bi dithis agaibh leis an aon ainm cha mhòr san aon àite.’ Cha do rug Betsy air làmh air. Thug i ceum air ais, dhùin i an doras na aghaidh is thill i gu sgìoba nan naidheachdan.

*******
Aison greis thill cùisean dhan àbhaist. Thill pàtaran àbhaisteach nan ceum tron chlobhsa. Thill Seòras a’ phuist le shnoga-gàire fialaidh is a bhloighean de naidheachd inntinneach. Thill bean Choinnich; airson greis.

Dh’fhàs Betsy amharasach mun atharrachadh air faire nuair a chuala i ceuman Dhòmhnaill ’s iad a’ falbh a’ chlobhsa air an leantail le sàilean àrda Chloe mionaid na dhà as an dèidh. An uair sin chualas brunndail an Audi aig Dòmhnall. Thachair sin grunn tursan gus an tàinig an latha nuair nach do thill iad is cha robh sgeul air aon seach aon dhen dithis aca tuilleadh san àite. A rèir Sheòrais bha iad a nis a’ fuireach ann an taigh leòmach ann an Newton Mearns.

Bha greis ann bho nach cuala Betsy bho Coinneach is latha a bha suid chuir i roimpe facal fhaighinn air. Bha a sròn bhìorach ga piobrachadh ceart gu leòr ach leis an fhirinn bha i cuideachd ag ionndrainn a chuideachd. Nuair a dh’fhreagair Coinneach an doras bha ceap air a cheann.

‘S’ toil leum do cheap,’ thuirt Betsy.

Bha an t-àite rud beag nas mì-sgiobalta bho mar a bha nuair a gheibheadh i aiteal air tron doras air corra uair is Chloe fhathast an lathair. Ach bha fiamh-gàire air aodan Choinnich is bha a shùilean a’ dealreadh.

‘Feumaidh ad cheart a bhith air draibhear trèan,’ mhìnich Coinneach is e a’ sgrogadh na bonaide. ‘Thig is faic!’

Rug e air làimh oirre is thug e a-null an trannsa i dhan t-seòmar-suidhe. Bha an seat trèan air a beulaibh na shamhail don fhear thomadach aig Daibhidh, cha mhòr gun òirleach air fhàgail eadar e is na ballachan, ach a-mhàin far an robh an t-uidheam-smachd. Bha an treàn-smùide ùr, snasail aig Daibhidh na dheann air a’ phrìomh-loidhne.

‘Ghabh mo leisgeul.’ Thog Coinneach walkie talkie bhon bhòrd, bhrùth air air a’ phutan is thuirt e; ‘Raon an Iar an seo. Luath-thrèana 14.20 a’ tighinn troimhe.’

Bha an trèan a’ dol a dh’ionnsaigh tunail ach cho fhad’s a bu lèir do Bhetsy stad an tunail aig a’ bhalla gun slighe a-mach. Bha tubaist gu bhith ann! Shluig an tunail an trèan is a h’uile carbad às a dhèidh gun sgeul air tuilleadh. Thàinig bragail tron labhrair is an uairsin guth Dhaibhidh. ‘Raon an Ear an seo. Tha an 14.20 air nochdadh.’

‘Am bu toil leat fheuchainn air?’ arsa Coinneach ’s e a stiùireadh Betsy a dh’ionnsaigh an uidheim-smachd. Rinn Betsy suidhe is chàraich Coinneach a’ bhonaid air a ceann. Bha i ro mhòr dhi is i a’ tuiteam thar a sùilean. Ach bha i coma. Thug i greim teann air an uidheam is chùm i sùil gheur air beul na tunaile a’ feitheamh air tilleadh an trèan.

‘Ma thogras tu,’ thuirt Coinneach is e a’ càrachadh a làmh air gualann Bhetsy, ‘thèid againn air meur-loidhne a chuir a-steach dhan flat agadsa.’

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach