Air splaoid le Bob Dylan

Chuala sinn uile mu dheidhinn splaoid-sgrìon, nuair a a bhios cuideigin a’ coimhead sreath air fad ann an ùine ghoirid, dè thachras ma nì sinn an aon rud le ceòl? Rinn Eòghan an dearbh rud le Bob Dylan.


Dh’fheuch mi rudeigin ùr an t-seachdain seo. As t-earrach, rinn mi Friends air fad ann an splaoid dà mhìos agus o chionn dà mhìos rinn mi How I Met Your Mother. Cha robh mi riamh air ach aon phrògram den t-sreath sin fhaicinn – am fear far a bheil Barney, an salachair seann…. fuirich air a shon – sgeulach steigte air an t-subway oir chan eil a chasan ag obair as dèidh dha marathon ruith gun ullachadh sam bith Chòrd e rium, agus bha mi fiù ’s air mo riarachadh leis a’ chrìch a bha feadhainn a’ lorg caran connspaideach.

Ach smaoinich mi gur dòcha gum bu chòir dhomh splaoid-sgrìon mar sin a sheachnadh airson trèis, gu h-àraidh leis gn robh obair sgrìobhaidh agam ri thoirt gu buil. Tha mi a’ gabhail air mo shocair tro Daredevil Seusan a Trì agus an aon rud le Castlevania Sreath a Dhà. Carson a tha mi mar seo, bha mi riamh nam chompletist san t-seagh gum feumainn gach rud aig neach-ciùil a cheannach – rud a dh’fhàs gu math furasta nuair a thachair ri Fopp airson a’ chiad ùr agus dh’fhàs CDs a’ dol sìos ann am pris. A’ mhòr-chuid den luchd-ciùil air an tug mi luaidh sna duilleagan seo, Plant, Bowie, Prionnsa – tha mi air a h-uile rud aca fhaighinn – fiu ’s B-Sides agus rudan àraid tearc o na bootlegs.

A’ bruidhinn air bootlegs, thug artagail ann an Uncut am mìos seo mi a dh’ionnsaigh an duine gur mathaid as ainmeile airson bootlegs cliùteach – Bob Dylan. A-nise, tha mise air a bhith dèidheil air Mgr Zimmerman airson ùine, tha Shelter from the Storm anns na prìomh deich òrain as àille leam, agus beag air bheag, cheannaich mi clàr an-siud ’s seo,’s aig aon àm bha barrachd clàran beò agam na clàran stiùdio agam (mo nàire, ’s e a’ chiad fhear a cheannaich mi Bob Dylan MTV Unplugged!) ach cha robh mi riamh a’ faireachdainn gun robh mi feumach air a h-uile clàr a rinn e riamh. Ach tha saoghal ùr a’ chiùil air loidhne air sin atharrachadh. Ghabh mi noisean playlist a dhèanamh air Tidal leis a h-uile clàr stiùidio a rinn e riamh.

Dè fhuair mi ach trithead ’s a dhà uairean a thìde le ceòl a’ sineadh o 1962 gus an latha an-diùgh, o bhalach òg ann an seacaid craiceann caoraich a’ seinn standards gu bodach prò a’ seinn standards.

Is urrainn dhut splaoid mar seo a dhèanamh cho fad ’s gu bheil thu a’ dèanamh rudan eile nas fhasa co-dhiù agus cho fad ’s gun robh mi a’ siubhal o Inbhir Nis a Ghlaschu is air ais taobh a-staigh latha air an trèana, ghluais mi o Sara air Desire gu Born In Time air Under the Red Sky. Bha Down in the Groove, clàr a fhuair càineadh dubh nuair a thàinig e a-mach a’ toirt tlachd dhomh ’s mi a dol tro Dhruim Uachdair nam Bò. B’ fheudar dhomh litrichean a thàinig dhan taigh airson na daoine a bha a fuireach ann roimhe a chur thuca agus leis gu bheil mi a’ fuireach faisg oirre, choisich mi suas dhan taigh aca, agus gabh mi taobh na coille air an t-slìghe dhachaigh agus chuir mi eòlas air an dara chlàr de Self Portrait, fear eile aig a bheil droch chliù a-measg cuid. Agus an-diugh fhèin, bha mi air cuairt a thug mi air feadh na mòintich os chionn Dabhach a’ Phùir agus Loch Nis, làn de sgeulachdan na Fèinne agus nuair a thionndaidh mi airson tilleadh taobh na Caiplich, dè bha nam cuideachd ach Christmas In the Heart! Bha sneachd air an làr far nach d’ ràinig a’ Ghrian idir, mar sin cha robh e a’ faireachdainn ro neònach.

Ach seo an rud, le bhith ag èisteachd ri aon neach-ciùil mar sin le cha mhòr ceathrad clàran stiùidio (gun ghuth air na thàinig às na tasglannan aige), ann an sreath agus gun èisteachd ri càil eile (ach beagan Greta Von Fleet agus Walking In Memphis le Marc Cohn nuair a bha mi nam dhraibhear ainmichte anmoch a-raoir – Dàmhair gun Daorach!) tha na h-atharraichean agus na caochlaidean agus a h-uile rud eile a tha a’ tighinn an lùib an duine àraid seo ga chur an cèill. Tha Christmas In The Heart a’ dèanamh ciall air sgàth ’s gur e sin a dhèanadh Dylan. A dh’aindeoin gach ciall, no taobha tha daoine air feuchainn ri chur air na h-òrain, chan eil ach an t-òran aig cridhe gach rud. Na h-òrain aige fhèin agus na h-òrain aig càch – ma tha e a’ faicinn luach ann an òrain clàraichidh e iad agus tha e an urra riut fhèin ma bhios tu a’ dol leis.

Cho fad ’s gu bheil mi a’ cur crìoch air seo, tha Bob a’ seinn Where Are You? o Shadows In The Night – “Was It All In Vain?” a tha e a’ seinn. Cha robh idir. Fhuair mi tlachd, ionnsachadh agus òrain ùra a bhios cudromach dhomh gu bràth.

Dark Eyes – Empire Burlesque

Rank Strangers To Me – Down In The Groove

The Man In The Long Black Coat – Oh Mercy

We Better Talk This Over – Street-Legal

Nettie Moore – Modern Times

Early Roman Kings – Tempest

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach