Àireamhan de dh’oileanaich chèin air tuiteam

 

Oileanaich chèin a' faireachdainn nach robh fàilte ga cur orra.

Oileanaich chèin a’ faireachdainn nach robh fàilte ga cur orra. Dealbh: Ohio University Libraries

Tha àireamhan de dh’oileanaich chèin air tuiteam. Carson? Agus dè na buaidhean a th’ aig sin air eaconomaidh na RA?

A-rèir a’ BhBC, tha an àireamh de dh’oileanaich à dùthchannan cèin a thig chun an Oilthigh ann an Sasainn air tuiteam airson a’ chiad uair ann an 29 bliadhna. Ged a bha an lùghdachadh a bu mhò am measg oileanaich às Àisia mu Dheas, tha ìsleachadh ri fhaicinn san fharsaingeachd. Leughaibh an t-artaigeal an seo.

 

Riaghailtean bhìosach (visa) nas teinne

Thuirt an Riaghaltas gun do dh’adhbharaich grunn rudan seo; gu sònraichte, ’s e na riaghailtean ùra teann a thaobh oileanaich chèin a chaidh an cur an gnìomh ann an 2012. Gun teagamh, tha sin fìor ann an dòigh –tha na riaghailtean ùra ag iarraidh ìre nas àirde de dh’fhileantachd ann am Beurla, mar eisimpleir, agus tha sin a’ cur bacadh air cuid.

Ach, air an làimh eile, theagamh gun do dh’adhbharaich na h-atharraichean gluasadan nas doimhne. Dar a thug UKBA (Comann Crìochan na Rìoghachd Aonaichte) air falbh a’ bhìosa iar-cheumnach, far am faodadh oileanaich chèin fuireach ’s obair san Rìoghachd fad dà bhliadhna eile, dh’fhàg sin feadhainn air leth feargach.

Tha uallach nàiseanta aig UKBA agus iad a’ stiùireadh ghnothaichean imrich a-steach air fad. Ann an Alba, tha an SNP air ràdh gu bheil iad taiceil do dh’in-imrichean, agus gu deimhinne, gu bheil Alba feumach orra.

Ach, air sgàth ’s gu bheil riaghailtean imrich a-steach air an riaghladh à Lunnainn, theagamh gum bi seo a’ toirt droch bhuaidh air oilthighean Albannach san àm ri teachd. ’S e seo aon de na h-adhbharan gu bheil torr in-imrichean, leithid mi fhìn, a’ cumail taic ri iomairt neo-eisimeileachd na h-Alba.

 

‘Gun fhàilte’

Gun dòigh ann do dh’oileanaich chèin fuireach san Rìoghachd às dèidh dhaibh ceumnachadh, thug sin air barrachd dhiubh gun a bhith a’ tighinn ann idir. Theagamh gu bheil an naidheachd dhraghail air sgaoileadh.

Tha riaghailtean bhìosach na RA gu math aithnichte airson a bhith air leth buaireanta do-ruigsinn, agus tha sin air fàs nas miosa buileach sna bliadhnaichean beaga a dh’fhalbh.

Am-bliadhna, sheall sgrùdadh NUS (Comann Nàiseanta nan Oileanach) gun robh barrachd air 50% de dh’oileanaich à dùthchannan cèin a’ faireachdainn ‘nach robh fàilte ga cur orra’ san Rìoghachd. Thuirt cuid mhath dhiubh gur e an Riaghaltas fhèin as coireach, leis na dèanadasan ‘ro dhìoghrasach’ aige.

 

Droch bhuaidh eaconomach

A-rèir a’ BhBC, bidh oileanaich à dùthchannan cèin a’ toirt timcheall air £3bn gach bliadhna do sporain nan Oilthighean san RA.

An-uiridh, thuirt Rùnaire Gnìomhachais Vince Cable gun robh an deasbad poblach mu imrich a-steach cronail do ‘thrusadh luachmhor’ nan oileanach cèin. Theagamh gu bheil na figearan ùra seo a’ cumail taic ri a bheachd.

’S iad na h-oileanaich – obraichean sgileil – a tha air am bacadh le seo. Bho chionn ghoirid, chàin Boris Johnson, Àrd-Bhàillidh Lunnainn, Riaghaltas Westminster le bhith ag ràdh gun robh na riaghailtean teanna seo a’ dèanadh cron air an ‘vibe’ Lunnainneach.

“Tha poileasaidh in-imrich an Riaghaltais air fad fìor chronail don eaconomaidh. Tha in-imrichean nas buailtiche a bhith ag obair, bidh iad a’ cleachdadh nas lugha de sheirbheisean, agus a’ tagradh airson nas lugha de shochairean. A-rèir an rannsachaidh againn fhìn, bidh companaidhean a’ fastadh in-imrichean air sàilleibh an cuidsgilean, ’s chan ann air sàilleibh ’s gu bheil iad nas saoire.”

 

Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach