Aiseag a’ seòladh air Fàire na Tionnsgalachd

Airson a chiad artaigil aige son Dàna, tha Marcas Mac an Tuairneir air a bhith a’ bruidhinn ri Màiri Anna NicUalraig air pròiseact ùr aice – fear de na pròiseactan as cliùitiche a bha i riamh an sàs ann – stèidhichte air sgeulachd nan aiseagan Gàidhealach is am buaidh air ionnanachd is ealain nan Gàidheal.

’S i Màiri Anna NicUalraig tè de luchd-ealain as trainge air saoghal na Gàidhlig. A bharrachd air a cliù sònraichte mar shàr-sheinneadair traidiseanta, tha i cuideachd aithnichte mar sgrìobhadair ciùil is co-sheirm do chòisirean is luchd-ciùil de gach seòrsa, co-stiùiriche an gnìomhachas stiùidio Watercolour le a fear-cèile, Nick Turner, agus mar fhìor-aodann a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a’ preseantadh prògraman nan co-fharpaisean gach bliadhna air BBC Alba. Ach tha dleastanas sònraichte eile oirre, cuideachd, rud a chumas i gu math dlùth ri a cridhe is ’s e sin a dreuchd mar stiùiriche Còisir Gàidhlig Inbhir Nis.

Am-bliadhna, tha Màiri Anna is a’ chòisir gu bhith an sàs ann am pròiseact a chomharraicheas Geamannan a’ Cho-fhlaitheis, tachartas a bheir buaidh air saoghal nan ealain ann an Alba cho mòr ri a bhuaidh air saoghal an spòrs. ‘S e Aiseag ainm a’ phròiseict fhèin; pròiseact a ghabhas a-steach taisbeanaidhean bho chòrr is dà fhichead seinneadair na còisir, luchd-ciùil tàlantach às gach taobh a’ Chuain Siar, agus Màiri Anna fhèin. Bheir am pròiseact cànan is cultar nan Gàidheal do ghrunn choimhearsnachdan air feadh na Rìoghachd Aonaichte, a’ cumail chuirmean anns an Eilean Sgitheanach, Glaschu is Lunnainn.

Mar sin, riochdaichidh na cuirmean sònraichte seo turas samhlach, bho thùs eileanach a’ chànain fhèin a-mach air feadh Alba, gu ceann a deas Shasainn is thairis a’ Chuain Siar, a’ cur fàilte air càirdean Gàidhealach ann an Alba Nuaidh. Tha e mar mhac-talla cruthachail den sgeulachd sheasmhach aig cridhe nan Gàidheal san dà dhùthaich; sgeulachd eilthireachd a bhrosnaicheas ealain is drùidhteachd.

Ach ged a tha am pròiseact adhartach is eadar-nàiseanta air an dàrna làimh, air an làimh eile tha blas fìor ionadail air cuideachd; rud a bhrosnaicheas cruthachadh is cleachdadh na Gàidhlig am measg na coimhearsnachd ann an Inbhir Nis, far am bi a’ chòisir a’ cruinneachadh gach feasgar Ciadain. ’S e seo an dàrna turas a tha Màiri Anna air a bhith os cionn ghnothaichean na còisir, rud a tha na phàirt chudromach de a beatha. Air bòrd na h-Aiseige, tha muinntir na còisire a’ faighinn cothrom nach robh aca a-riamh an cuid ciùil a thoirt do luchd-èisteachd ùr, aig ìre phroifeiseanta, mar thosgairean an cultair Ghàidhealaich fhèin. Bhruidhinn Màiri Anna air an dùbhlan a chuir i ro mhuinntir na còisire, leis an iomairt, a thaobh teignigeachd a’ chiùil agus dànachd is misneachd a dhìth orra a bhith a’ seinn am measg còrr is fichead buidheann de luchd-ciùil eile, a ghlèidh coimiseanan co-ionnan bho sgioba nan Geamannan.

Aiseig Àrd a' Ghobhair

© Phillip Capper

Ach tha iad airidh air an dùbhlan, arsa Màiri Anna, às dèidh dhaibh bliadhna shoirbheachail a chur seachad ann an 2013, nuair a bhuannaich iad co-fharpais nam port aig Mòd Phàislig, is an sgeilp loma-làn, mar-thà, le cuachan bho Mhòdan eile. Air an àrd-ùrlar, cha bhi iad leotha fhèin ach ann an cuideachd luchd-ciùil Canèidianach is Albannach, leithid Scott Mac a’ Mhaoilein, co-sgrìobhadair a’ phìos.

Gu dearbh, riochdaich na Geamannan an cothrom a b’ fheàrr co-obrachadh a leasachadh leis a’ cheòladair Canèidianach; rud air an do bheachdaich Màiri Anna an-uiridh is i na ceòladair air mhuinntireas aig an t-Sabhal Mhòr. Às dèidh co-ghàirdeachas a chur air pròiseact clàraidh còmhla, le pàrtaidh mòr, rinn an dà cheòladair gealladh a bhith ag obair còmhla a-rithist, samhla den earbsa a bh’ aca le chèile anns an cuid tàlant is tionnsgalachd.

Tha iad, an dithis, air a bhith ag obair bho stiùidiothan teis mheadhan nan coimhearsnachdan fa-leth aca; Màiri Anna air a’ Ghàidhealtachd sna stiùidiothan Watercolour is Scott ann an Ceap Breatainn. Bha sin, cuideachd, na dhùbhlan, a rèir Mhàiri Anna, is rud a bhiodh ‘do-dhèanta’ gun ghoireasan teicneòlach an aonaimh linn air fhichead. A’ cumail choinneamhan tro Skype is a’ clàradh a’ chom-pàirt thairis loidhnichean fòn, tha iad, cuideachd, air clàraidhean didseatach de na h-aiseagan fhèin a chleachdadh gus inneach a thoirt don cheòl. Cha d’ fhuair an sgioba ach aon chothrom a-mhàin a bhith cruinn còmhla, is b’ ann an Glaschu a bha sin, fad leth-là aig Celtic Connections.

Am measg an sgioba sin, bha Aonghas MacNeacail, bàrd Sgitheanach aithnichte airson a rannan brìoghmhor is ùr-ghnàthas air bàrdachd na Gàidhlig. ’S ann bho dhàn Aonghais a thàinig brìgh a’ chiùil, dàn a dh’innseas sgeul a leanabachd a’ siubhal air na bàtaichean-aiseig, a tha togail air an dàimh eadar Gàidheil is tùsanaich Cheap Breatainn, agus a tha a’ beachdachadh air bhòidse-bheatha gach duine beò is na facail cho beothail is brèagha gun leum iad dìreach bhon duilleag. Tha dàimh shònraichte eadar Màiri Anna is Aonghas, a tha air òrain a sgrìobhadh còmhla iomadach turas roimhe. Togaidh a guth le spèis is gràdh, a’ bruidhinn air a’ bhuaidh a th’ aig a bhàrdachd air a beatha, gu pearsanta, ag innse sgeulachd de lethbhreac leabhair a leugh i sna h-ochdadan a fhuair i mar thìodhlac bho Aonghas is iad air chuairt còmhla. Tha an leabhar air a bhith leatha bho sin a-mach is bha taghadh a’ bhàird gu math soilleir, a rèir choltais, agus an dàn sònraichte air sgàth a ruithim is ceòlmhorachd fhèin.

A thaobh an taisbeanaidh fhèin, is ciamar a bhios e coltach do luchd-amhairc, tha pìosan dheth dìomhair is pìosan eile nach eil. Aon rud a thug Màiri Anna seachad, ’s e buaidh a’ cheòladair Èireannaich, Micheál Ó Suileabháin, air a chuid obrach. Obair a a bhios a’ measgachadh ciùil clasaigich le freumhan fìor Ghàidhealach, a’ togail blas bhon traidisean. Gun teagamh tha buaidh mhòr aig traidisean a teaghlaich fhèin oirre, na Caimbeulaich, leis gum bi i ri seinn air feadh an t-saoghail agus leis gun do rinn i dà chlàradh mòr-chòrdte. Shònraich i bràthair a màthar, Seumas Caimbeul, is obair leantainneach le Còisir Ìleach Ghlaschu sna h-ochdadan, nuair a dh’inntrig e òrain nam bràthair Dòmhnallach air na clàraidhean tràth aig Runrig, do reachd-taisbeanaidh (no repertoire) a’ Mhòid.

Sa phròiseact seo, tha Màiri Anna an dòchas gum faic luchd-amhairc an aon tionnsgalachd is ro-innleachdas. Pròiseact a chuireas ris an reachd-taisbeanaidh as ùire, is a chuireas ceist air crìochan tuigse ceòl nan Gàidheal. Thèid na taisbeanaidhean a chlàradh airson prògraim-aithrise aig BBC Alba a’ toirt cothrom do luchd-amhairc nach urrainn a bhith an làthair aig na cuirmean fhèin blasad beag den a’ ghnothach. Thèid an ceòl a sgaoileadh mar chlàr cuideachd. Mar an dìleab as motha, ge-tà, bhruidhinn Màiri Anna air misneachd an luchd-ealain fhèin is an fhianais gu bheil cruthachadh ùr-nodha fhathast comasach do luchd-bruidhne na Gàidhlig, a tha a’ fulang fad linntean le gainnead airgid is crìonadh nan coimhearsnachdan traidiseanta air a’ Ghàidhealtachd is sna h-eileanan.

Às dèidh bhith bruidhinn rithe, dh’fhairich mi fhìn pìos den mhisneachd sin, rud a sgaoileas, gun teagamh, mar luasgan air uachdar na mara is an t-Aiseag a’ togail oirre an ath-mhìos. ’S e fianais, gu dearbh, a th’ anns a’ chothrom seo, gu bheil Màiri Anna fhathast airidh air cliù mar bhana-ghaisgeach a’ chiùil Ghàidhealaich is an comas sònraichte aice air luchd-ealain bho dhualchas sam bith a bhrosnachadh.

Airson fiosrachaidh a bharrachd theirig gu http://www.watercolourmusic.co.uk/Aiseag.html

© Marcas Mac an Tuairneir, 2014

Chaidh an dealbh a chleachdadh le cead Creative Commons.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach