Aiseirigh Comunn Gàidhlig Thoronto | Zachary Wallace

Leis gu bheil Urras Gàidhlig nan Stàitean Aonaichte a-nis air a stèidheachadh, ar leam gun tàinig an t-àm ’s gum bu chòir iomradh a dhèanamh air iomairt Ghàidhlig eile tha suidhichte ann an Aimeireaga a Tuath, agus a tha a’ fàs nas beòthaile ’s nas sgairteile gach latha, tha Zachary Wallace a’ sgrìobhadh.

Ged a chaidh Comunn Gàidhlig Thoronto a chur air chois an toiseach ann an 1880, agus e ag amas air ceanglaichean a dhèanamh eadar an dà chuid, Gàidheil a rugadh san t-seann dùthaich agus an fheadhainn a rugadh a-bhos ann an Canada, stèidhicheadh e gu foirmeil le riaghaltas na dùthcha sa’ bhliadhna 1887. Mar sin, tha an comunn air a bhith ann fad 128 bliadhna a-nis, agus sin gun stad, ged a dh’atharraicheadh am prìomh-amas aige uair neo dhà rè nan linntean, agus a dh’aindeoin ’s gun do lagaich, feumaidh sinn aideachadh, misneach agus neart a’ Chomuinn aig amannan.

Nuair nach b’ e ach faoin-bheachd a bh’ ann an stàit shochairean, bha ciad bhuill a’ Chomuinn ag iarraidh buidheann a bhith ann airson an daoine fhèin, mar a bha àbhaisteach do shluaghan-imriche san àm, a bheireadh taic do Ghàidheil a bha gu tighinn a-nall, (a thaobh na h-imreachd fhèin agus a thaobh an stèidheachaidh nuair a ruigeadh iad an dùthaich), agus do Ghàidheil a bha a’ còmhnaidh agus ag obrachadh san dùthaich ùir o chionn fhada ach a bha a’ fulang cruaidh-chàis neo cruadail air choireigin. A bharrachd air sin, tha ciad bhun-reachd a’ Chomuinn a’ toirt luaidh air gnìomhachdan cultarach agus cuideachd a’ meas na Gàidhlig fhèin mar chànan dom feum iad taic a thoirt leis gach comas agus cothrom a dh’èireadh dhaibh, agus mar chànan a bha cho math ris a’ Bheurla, a thaobh a bhith ga cleachdadh ann an gnothaichean a’ Bhùird agus aig tachartasan eile; ged nach robh iad daonnan ro chunbhalach a thaobh na cùise seo, a-rèir coltais.

Ri linn sin, bha an Comunn a’ frithealadh nan Gàidheal gu deònach agus gu buadhach, ge b’ e dè am miann a bhiodh ann: chuidicheadh e Gàidheil a bha air ùr-thighinn dhan dùthaich obair fhaighinn, chuireadh Comataidh nam Boireannach clàran-ama an òrdugh airson ’s gun rachadh aig daoine air a dhol a thadhal air bodaich is cailleachan anns an ospadal neo air an leaba-bàis, cho-obraicheadh e le comannan ceilteach eile gus tachartasan mòra thoirt gu buil, cheannaicheadh e leabhraichean Gàidhlig, agus gu dearbha, bhiodh cèilidhean a’ tachairt gu tric. A-rèir an òrain “Ciad Fàilt air a’ Chomunn” a chaidh a sgrìobhadh mun a’ Chomunn faisg air toiseach an 20mh linn agus a gheibhear san t-seann leabhar “An t-Òranaiche”, ’s e deagh-chèilidhean, dha-rìribh, a bhiodh ann.

Ach, a nàile, ’s e saoghal caochlaideach a th’ ann, agus ged a mhair gaol is ceòl, thàinig atharrachaidhean mòra gu barr ann an coimhearsnachd fharsaing na dùthcha, agus thug sin atharrachaidhean mòra air a’ Chomunn san aon dòigh. Bhon a dh’fhas stàit shochairean, cha robh cus dhaoine idir feumach air seirbheisean sòisealta a’ Chomuinn. Còmhla ri sin, bha mòran Ghàidheal a-nist air am bogadh agus air am measgachadh ann an cultar agus coimhearsnachd chumanta (leughaibh siud mar “beurlach”) na dùthcha, agus bha an struth de luchd-imriche fhèin, a bha uair na thuil, air seargadh gu bhith na shnidhe neo dhà. Chaidh ballrachd a’ Chomuinn a lùghdachadh beag air bheag bhon uair sin, gun adhbhar aige san àm seach tachartasan cultarach, gu ruige deireadh nan 1980an. Cha mhòr nach d’ fhuair e bàs an uair sin.

Ach bha an Comunn fhathast beò, mar fheadhainn a ghlèidh na rudan a bhuineadh dha, agus iad sin fhathast a’ conaltradh ri chèile, ach chaidh e à sealladh a’ mhòr-shluaigh gu tùr agus thàinig stad air gnìomhachdan a’ Chomuinn gu lèir. A dh’aindeoin siud, chum “Cànan agus Òran”, (air am bruidhinn mi a dh’aithghearr) air, agus e a’ faotainn taic bho luchd-cùraim a’ Chomuinn fhèin. Bha an tachartas seo na aonar fad iomadh bliadhna, mar thachartas Gàidhlig ann an Toronto.

Ach aig a’ cheann thall thigeadh piseach air an t-suidheachadh, agus ann an 2012, chaidh Padraigeag NicNill, agus i na ball ann am buidheann luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an King City, fo stiùireadh Frank Wilson agus Oighrig Keogh à Beinn nam Fadhla, a thagradh ri Oighrig Bòrd Gàidhlig a nochdadh aig Beaches Celtic Festival ann an Toronto. Bha Oighrig uair na prìomh-cheannard a’ Chomuinn, agus smaointich ise gum faodadh iad taic-airgid fhaighinn bho Iseabail NicÌomhair (neach-cùraim a’ Chomuinn san àm), gus an cuideachadh prìs a’ Bhùird a phàigheadh. Bha daoine eile ann am buidheann beag King City air am brosnachadh leis a’ phlan, agus mar sin, bha iad cuideachd ro-dheònach taic a thoirt air a shon. Chuireadh a h-uile càil an òrdugh, agus nochd a’ chiad Bhòrd Gàidhlig sa bhliadhna sin.

Thog meud na h-ùidhe an cridheachan. Bha e na thlachd mòr dhaibh sgeòil mun a’ Ghàidhlig a chluinntinn, agus a bhith a’ faighinn chèistean mu chlasaichean Gàidhlig agus càit’ am faighear iad. Nochd am Bòrd a-rithist aig an fhèis seo ann an 2013, far an d’ fhuair iad cuireadh a dhol gu Innisfil Celtic Festival seachdain às a dèidh. Anns an dà àite, bhiodh daoine an-còmhnaidh a’ cur na ceist orra, “Agus cò leis a tha sibh?” Fhreagradh iad gun robh iad a’ siubhal fo bhrataich Comunn Gàidhlig Thoronto, ged a bha làn-fhios aca nach b’ e Comunn gnìomhail a bh’ ann idir!

Dh’aithnich iad an uair sin gum feumadh comunn oifigeil a bhith ann, nan robh iad gu fìor airson coimhearsnachd Ghàidhlig Chanada a dhaingneachadh, agus a bhrosnachadh, agus a leudachadh. Leis a sin, thòisich iad air meòrachadh is beachdachadh air an dòigh a b’ fheàrr air siud a dhèanamh. Bha dà roghainn romhpa: dh’fhaoidte iomairt a stèidheachadh às ùr, air neo, dh’fhaoidte feuchainn ri spionnadh a chur anns an t-seann Chomunn. Roghnaicheadh an dàrna tè. Chuireadh seachad iomadach uair a’ cur iomadach fòn gu iomadach Gàidheal, a’ faighneachd an robh iad airson a bhith an sàs ann an tionndadh ùr dhen t-seann Chomunn, a bhiodh na bu dìlse, na bu dìcheallaiche, agus na b’ èasgaidhe don chànan.

'Clanna nan Gàidheal, ri Guaillean a Chèile'

‘Clanna nan Gàidheal, ri Guaillean a Chèile’

As t-samhradh ann an 2014, chuireadh na Geamannan Gàidhealach ann am Fearghas agus ann an Cambridge ri Innisfil agus Beaches mar àiteachan san do thathaich Bòrd ghoireasan Gàidhlig. A bharrachd air sin, fhuaradh cothrom a bhith an sàs ann an suidheachadh agus sanasachadh airson cuirme Gàidhlige aig Joy Dunlop, a thachair gu sgiobalta, agus a chòrd ris an àireimh mhòir de dhaoine a thàinig a-mach a dh’èisteachd rithe. Leis gun robh obair a’ Bhùird a’ sìor-dhol am meud, agus tachartasan Gàidhlig a’ tarraing shluaghan mòra, ghabh na gaisgich dhòchasach misneach, agus chaidh iad cruinn aig ceann a chèile, còmhla ris a h-uile neach-cùraim bhon a’ Chomunn chadalach, airson bruidhinn air ath-bheòthachadh a’ Chomuinn. Aig deireadh na coinneimh, agus às dèidh mòran de labhairt, chuireadh a’ chèist ro gach neach a bha an làthair: an gabhadh iad ballrachd a-rithist, agus còmhla ri sin, am pàigheadh iad cìsean ballrachd? Cha do dhiùlt neach a bh’ ann pàigheadh.

Mu dheireadh thall, chuir sinn a’ chiad AGM an òrdugh o chionn còrr is fichead bliadhna, agus choinnich sinn airson còmhraidh air miannan agus amasan agus tachartasan a’ Chomuinn sa bhliadhna ri teachd. Dh’fhàs a’ bhallrachd na bu luaithe na bhìte an dùil, agus leis an fhìrinn innse, chaidh sinn o neart gu neart rè na bliadhna. Chruthaicheadh làrach-lìn sa bhad (ceangal ri fhaighinn aig bun na duilleige seo) agus às a dhèidh, caochladh duilleagan eile sna meadhanan sòisealta. Bha cèilidh/coinneachadh againn gach mìos co-dhiù, agus thachair beagan tachartasan na bu mhòtha an-siud ’s an-seo cuideachd. Thàinig sluagh mòr, spòrsail, mùirneach a-mach do chèilidh mhòr na Nollaige  againn, ann an taigh-seinnse, far an robh an t-uabhas de dh’aighear, cheòl, agus òrain rim mealtainn. An-dràsta ’s mi a’ toirt sùil air ais, thairis air a’ bhliadhna, chanainn gun robh siud na shamhla ris a’ bhliadhna san fharsaingeachd. Lean sinn oirnn sa gheamhradh agus gun do chuir sinn “Latha Fhilmeachan Gàidhlig” air dòigh, agus às dèidh sin, “Òrain Luaidh agus Gnìomhachan Eile”, far an do dh’ionnsaich na thionail san eaglais bhlàith ud mòran mu dheidhinn seann-chleachdainnean Gàidhealach. Mar an ceudna, chòrd a’ ghnìomhachd “Srùpag is Òran” (cha ruig mi leas tuairisgeul a thoirt seachad air) ris a h-uile duine a bh’ ann. Chan b’ ann ach o chionn mìosa neo dhà a-nist a sheòladh leabhar aig Micheal Newton, Seanchaidh na Coille, leinne còmhla ri Roinn na Ceiltis Oilthigh Thoronto. B’ i cuirm mhath ealanta bh’ innte, anns an robh Lòdaidh MacFhionghain agus Michael Newton fhèin a’ seinn còmhla, agus a tharraing daoine às gach cearnaidh, ’s iad a’ tighinn a dh’èisteachd ri ceòl tradaiseanta na Gàidhlig agus a dh’fhaighinn beagan fiosrachaidh fhìrinnich air dualchas nan Gàidheal, a dh’aindeoin a’ bhreacan-achais a tha air gach taobh dhiubh. Nach e siud coileanadh a’ phrìomh-amais againn uile, ann an dòigh?

Ach a’ dol air adhart, agus leis gu bheil an t-àm a-nis a’ teannadh oirnn a-rithist, feumar luaidh a thoirt cuideachd air gràinne-mullaich sheasmhach nan tachartasan Gàidhlig ann an Toronto, ged nach e an Comunn fhèin a chuireas an gnìomh e: “Cànan agus Òrain”. ‘S ann an sin a chìthear sluagh mòr: fileantaich agus luchd-ionnsachaidh aig a h-uile h-ìre nam measg. Gabhaidh e àite dà thuras sa bhliadhna, san aon togalach aig an oilthigh, agus ruithidh e fad an latha. Caithidh clasaichean (a tha rim faighinn aig ceithir ìrean) a’ mhòr-chuid dheth. Às an dèidh, ionnsaichidh sinn beagan òran, agus aig a’ cheann thall, thèid sinn uile nar deannaibh chun an taighe-seinnse, mar bu dual ’s mar bu chòir! Tha seo cho cudromach, agus gu dearbh cho aithnichte sa mhòr-roinn, air sàillibh ’s gun toir e cothrom do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig ìre sam bith latha-bogaidh na Gàidhlig fhiosrachadh; làn de chlasaichean matha, òrain mhath, agus thidsearan air leth as siùbhlaiche Gàidhlige.

Tha sinn dìreach air crìoch a chur air 135mh AGM a’ Chomainn san Dàmhair seo chaidh, anns an do chnuasaich sinn na rinn sinn ann an ciad bhliadhna a bheatha ùir, agus a-rèir slaite-tomhais sam bith, chanainn-sa gun do shoirbhich leinn. Ma ghluaiseadh tu air ais ann an tìm, gu dà neo trì bliadhna air ais, agus gun canadh tu rium san uair sin gun rachadh gach nì mar chaidh iad, fhreagrainn, “nuair a bhios na fèidh air sgèith san speur, a dhuine”. Ach feumaidh gu bheil an ùidh aig mòr-shluagh Aimeireagaidh a Tuath ann am fìor-chultar na Gàidhlig air àrdachadh, agus nas cudromaiche fhathast, tha i a’ tighinn gu h-inbhe. Mar sin, tha fadachd oirnn gus am faic sinn na thachras sa bhliadhna ri teachd. Tha fhios gu bheil sinn a’ sùileachadh caochladh phròiseactan mar-thà.

Seadh a-nis, a leughadairean còire, chan e facal ach bhideo san dealachadh a dh’fhàgas mi leibh, agus e air a chlàradh aig coinneamh a’ Chomuinn o chionn grunn mhìosan air ais. ‘S i Felina NicIllEathain, à Uibhist a Deas, a tha a’ gabhail an òrain.

http://www.gaelicsocietytoronto.com/

– Zachary Wallace

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach