Am Baile air a bheatadh le Biastan Bhoth Fhleisginn

Tha Both Fhleisginn, an sgìre air taobh sear Loch Nis, ainmeil airson dà rud: an taigh, a bha le Aleister Crowley, a cheannaich Jimmy Page o Led Zeppelin, agus an sgioba iomain leis an ainm sin.

Bha Jimmy sna naidheachdan an t-seachdain seo leis gun robh Led Zep a’ foillseachadh às ùr a’ cheathramh chlàir aca (am fear gun tiotal le Stairway to Heaven air), ach rinn an sgioba iomain, nach eil buileach cho ainmeil ris an draoidh ghiotàir, rud beag cliù a bharrachd dhaibh pèin Disathairne, cuideachd.

CupaBha Both Fhleisginn a’ cluich an aghaidh Inbhir Nis – an nàbaidhean/nàimhdean – airson Cupa a’ Mhòid, a’ cho-fharpais a bhithear a’ cluich gach bliadhna aig Fèill Mhòr nan Gàidheal. Chaidh a chur air adhart le Meur a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns an Aghaidh Mhòr nuair a chaidh am Mòd a chumail an sin ann an 1969. Bha an gèam eadar an dà fhuamhaire, Baile Ùr an t-Slèibhe agus Cinn a’ Ghiuthsaich. Is e am Baile Ùr a thog e an uair sin; cha do bhuannaich Cinn a’ Ghiuthsaich e a-riamh (rud ainneamh san spòrs!). ’S e cupa eireachdail a tha ann agus tha an gèam seo a’ toirt cothrom do chlubaichean beaga duais bhrèagha airgid a chosnadh.

Leis gum bi an gèam eadar-nàiseanta eadar Alba is Èirinn air Pàirc a’ Bhucht (air neo Pàirc nam Bochd, mar a thugadh oirre ann an app a’ Mhòid – feumaidh gun robh iad a’ cumail sùil air mar a chaidh a’ bhliadhna do sgioba a’ bhaile), chaidh an gèam seo a chluich air a’ phàirc a-muigh. Bha gèam òigridh air a’ phàirc ro làimhe agus gu leòr òganaich o Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ cluich mus robh gèam nam fear ann. Bha Gàidhlig gu leòr ri chluinntinn air oir na pàirce agus gu leòr ceanglaichean Gàidhealach.

Tha Dòmhnall Niall MacLeòid, no Doneil, air cluich do Bhoth Fhleasgainn on a dh’fhàg e Inbhir Nis, agus rinn am fear mòr le ceangal ri Ceann a Tuath na Hearadh fiughair ri duais ceangailte ri Gàidhlig a thogail. Air taobh Inbhir Nis, cha robh  uiread de Ghàidhlig am measg nan daoine, ged a bha fear às a’ Bhlàran Odhar air a’ bheing, Anndra MacEanruig, a tha air a bhith ga h-ionnsachadh on a bha e san àrd-sgoil fo bhuaidh Aonghais Mhillar.

Chan eil thu a-riamh fad air falbh o chuideigin le ceangal ris na Hearadh agus gu dearbh, eadar na puist do Bhoth Fhleisginn, bha Craig Pirrie, a tha pòsta aig tè Hearach agus le mac ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Ach ’s ann air iomall na pàirce a thachair mi ri còmhradh mu dheidhinn ghnàthsan-cainnt.

Rinn mi cluas ri claisneachd ri deasbad eadar Dòmhnall Iain MacLeòid, Coinneach Mòr agus Iain MacIlleChiar mu ciamar a thàinig am facal “glèidh” gu bàrr mar am facal as bitheanta airson geamannan agus co-fharpaisean a bhuannachadh. ‘S ann bho ghnàthsan-cainnt Deasach a thàinig e, a-rèir coltais, agus dìleab o obair Ailig O Henley mar neach-naidheachd spòrs. B’ e sin co-dhùnadh nan eòlaichean, co-dhiù.

Bha e gu math neònach a bhith a’ cluinntinn Coinneach a’ bruidhinn anns a’ Bheurla ri fear air a’ phàirc aig Both Fhleisginn, Lewis Mac a’ Ghobhainn, fear aig a bheil màthair às an Rubha. Bha Coinneach eòlach air on a bha e na ghille beag. Saoghal beag, ach bha sluagh mòr ann airson gèam inntinneach fhaicinn.

Thòisich cùisean le rud beag connspaid, ’s Dùghall Mac Fhraing, fear bho sgioba Inbhir Nis, a’ diùltadh crathadh-làimhe o Dhanaidh Alexander leis nach robh e ag aontachadh le poileasaidhean na co-bhanntachd. Cha bhi am fear ruadh a’ frithealadh gèam iomain eile ma bhios fàilte cho reòite aige a-rithist! Eu-coltach ris a’ Cheanadach, chan fhacas Alexander aig gèam iomain mòr o chionn fhada an t-saoghail – cha robh mòran bhòtaichean LibDeamach aig Pàirc a’ Bhucht. Nuair a bha Iain Fearchar beò, bha an deise clò Hearach a bhiodh air aig cuairtean deireannach a’ cosnadh co-dhiù mìle bhòt leatha fhèin.

Mar sin, chun a’ gheama. Chaidh an latha le Both Fhleisginn, 4-2. Chluich muinntir nan Srath le barrachd miann is acrais agus cha d’fhuair Inbhir Nis greim air a’ ghèam idir. Bha an sgor tadhal an urra aig letheach slighe às dèidh do Keith MacNeacail an gèam fhosgladh do Bhoth Fhleisginn agus freagairt o Dhonaidh Forbais. San dara leth, chaidh Na Bumblebees dà thadhal air thoiseach air sgàth Steaphain “DD” Chamshroin, air iasad o Ghleanna Garadh. Bha buille peanais ann o Mhac Fhraing le deich mionaidean ri dhol ach chuir Eòghann Friseal tadhal le mionaid ri dhol airson an gnothach a thoirt gu buil. Trithead bliadhna on a chluich iad sa chupa seo mu dheireadh, bha làmh aca air Cupa a’ Mhòid. Mealaibh an naidheachd.

Tha e math gu bheil an ceangal eadar cànan is spòrs nan Gàidheal ga chomharrachadh fhathast, ged a dh’fhalbh an cànan, cha mhòr, ann an cuid de sgìrean. Tha an ‘cluich-bhall’ a cheart cho cudromach ri cultar nan Gàidheal ’s a tha ceòl is gaol.

– Eòghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach