Tha dàn sgoinneil againn an-diugh le Alasdair Paul, fear aig a bheil – am beachd sgioba Dhàna – sàr sgilean sgrìobhaidh.

Am Bàta Againne
Cha bhòidheach am bàta thu
nuair thunnaicheas tu don chala
le do chliathaichean leacach leathann
a’ luasgadh bho thaobh gu taobh
’S e droch dhìol a gheibh thu
bhon t-suail is bho na tuinn
nuair dh’fheuchas tu ri do thòin
obrachadh a-steach don chidhe
Chan aighearach do choltas e
Cha soilleir no dathach do thuar
B’e geal is dubh a bha an dàn
nuair roghnaicheadh dreach do threud
le leòmhann buidhe air d’fhuinneal
gad chumail fo chuing Mhic a’ Bhriuthainn
Tha do mhaise a nis a’ call a lainnir
le smail meirg is ola a’ cinntinn
Ach is dìcheallach dhuinn am bàta thu
mar mhàthair nach iarr buidheachas
Is tusa ‘ghiùlaineas gun ghearan sinn
gu bhith air ùr breith ann an tìr thall
Tulgaidh thu sinn nad chreathall iarann
gar suaineadh nad bhroinn fhìalaidh
a’ cumail blàths is biadh rinn
agus a’ frithealadh ar n’uile feum
Ach nach neo-thaingeil a’ chlann sinn
is mì-chùiseach sinn air do dhìlse
Nuair sheòlas tu mar bu chòir
facail molaidh bhuainn, cha tig gin
Ach nuair chuireas stoirm casg ort
’s e stoirm càinidh a bhuaileas ort
Ged is ainneamh a bhriseas sìos thu
Nach sinn an-sin, ‘tha deònach cur às dhut
“Loch Seaforth At Stornoway At Night, 21 February 2015” by Mn28 – Own work. Licensed under CC BY-SA 3.0 via Wikimedia Commons.