Am Beic-Off Mòr Breatannach | Morvyn Mheinnearach

molltairean-cèic

Chan ann san aon mholltair a rinneadh gach dàrna cèic.

Chaidh a ràdh gun robh Am Beic Off na fìor dheagh eisimpleir de ‘Nuadh’ Bhreatainn. Ach a bheil am prògram seo a’ soillseachadh dhuinn an cèic mòr Breatannach no a’ còmhdachadh nam beàrnan le silidh ’s icing? Am-bliadhna sa cha mhòr nach d’fhuair gach duine à mion-shluagh aite ’sa chlàr – dithis Innseanaich, dithis co-sheòrsaich agus dithis Albannaich. Chruthaich iad an Àirc Nòah de dh’fharpaisich na measg chintz ’s gingham. Thathar ag ràdh gu bheil seo a’ moladh am “melting pot” de Bhreatainn air an latha an-diugh, mar a tha i cho breac de gach treubh is fine.

Ach ann an dùthaich far a bheil cuid de dhaoine a’ feuchainn ri faighinn a-mach às (Alba) agus cuid eile ri faighinn a-steach (fògarraich) – an urrainn dhuinn am mì-thoileachas a mheasgachadh ann am bobhla agus rud sam bith blasta a’ dèanamh leis? Fhuair an clàradh deireannach an àireamh luchd-amhairc a bu mhotha air telebhisean chun na h-ìre seo ann an 2015. Tha sin a’ ciallachadh gun robh a’ chuid bu mhotha dhuinn a’ coimhead air agus a’ gabhail gach gàmag. Feuch cho ceadach ’s a tha ar dùthaich, agus sinne a’ toirt aire don tè Mhuslamach a’ bèicearachd le cardamom nuair a bhios na mìltean de Mhuslamaich à Siria a’ feitheamh ri aire sam bith a tharraing bho Bhreatainn. Feuch air an tè Albannach seo a’ dèanamh aran brisg traidiseanta– nuair a bhios sinn a’ feitheamh ri naidheachd sam bith mu chumhachdan a bharrachd? Am biodh crème patissière agus uachdar gu leòr ’son ar sùilean a phliacradh dùinte? Air an latha às dèidh a’ chlàir dheireannaich, bha na pàipearan agus an t-eadar-lìon làn de cho-ghàirdeachas do Nadiya.

Ach am biodh a pàrantan a thàinig o Bhangladais sna seasgadan toilichte a chluinntinn nach biodh cead aca san latha an-diugh? Ged a rinn am BBC an dìcheall ’s urrainn dhuinn uile na droch ‘rough-puffs‘ agus ‘soggy bottoms‘ fhaicinn ’sa Chèic Mhòr Bhreatannach.

– Morvyn Mheinnearach

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach