Am Blàr Loos | Smuaintean Eòghain

O chionn ghoirid, sgrìobh Steaphan pìos mu Nagasaki. Ghluais am pìos sin gu mòr mi oir tha e coltach gur e rèididheachd on bhoma oillteil ud a dh’adhbhraich an aillse a thug bàs dha mo sheanair, Cailean MacIlleathain, bliadhnaichean as dèidh làimhe. Bha e air a dhol ann air seirbheis nàiseanta as dèidh a’ Chogaidh còmhla ris an Fheachd Adhair gus Oifis a’ Phuist a ruith.

Bha mo sheanair ro òg airson a dhol dhan Dara Cogadh, ach dh’fhiosraich e mu dhuais bhuan a’ Bhlàir leis gun robh e a’ cur a’ phuist air feadh sgìre Ùige air motorbaidhsagal a chionn ’s gun robh mo shinn-sheanair, Ruairidh Phàdruig na mhaighstir-puist ann an Timsgearradh.  Chaidh croitean Thimsgearraidh a chruthachadh à tuathanas as dèidh a’ Chogaidh Mhòir gus muinntir strì an fhearainn a shocrachadh.

Bha Ruairidh Phàdruig MacIlleathain na èildear dìleas dhan eaglais agus aithnichte air feadh iomadh coimhearsnachd ann an Leòdhas (gu dearbh nach robh mi aig co-labhairt Gàidhlig o chionn ghoirid agus bha an tè uasal sin, Anna NicSuain gam aithneachadh o mo shinn-sheanair a-rèir mo choltais a-mhàin.) Bha e gu math bàidheil dha luchd na Ceàrdaich nuair a bhiodh mòran greannach riutha, agus is sin a dh’fhàg am far-ainm “Barney” air a chionn ’s gun robh e dlùth ri ceàird leis an ainm ud. http://www.hebrideanconnections.com/people/73035

Ach cha bhiodh e air a dhol air adhart dhan aois 92, agus gu dearbh cha bhiodh Eòghan an-seo ag aithris seo riut (agus a’ Bhean NicSuain ga aithneachadh) mura shàbhail a’ Ghàidhlig a bheatha o chionn ceud bliadhna an t-seachdain seo anns a’ Chogadh Mhòr.

Cha do ghabh Ruairidh Phàdruig dhan reisimeid Shìophoirt (na Seaforths), a chaidh an togail bho thùs air Tràigh Ùige mu choinneamh Chrabhlastaidh far an do rugadh e – ghabh esan ris na Camshronaich (na Camerons) ged nach eil sinn buileach soilleir de bu choireach ri seo. Bha esan nan àireamh nuair a chaidh iad an ionnsaigh Blàr Loos, fear dhe na blàran a bu mhotha a thug buaidh air a’ Ghàidhealtachd.

Chaidh a losgadh sa chliathaich agus cha deach aithneachadh nuair a bha na cuirp air an cruinneachadh, ach cha deach aithneachadh na bu mhotha gun robh e fhathast beò. Dhùisg e fo chnap mòr de choslaich shaighdearan eile.

Bha e na dhìth airson treis mhòr agus chaidh fios eadhon a chur gu Cradhlastadh le telegram gu mo shinn-sheanmhair, Catrìona, is i trom an dùil ri leanabh, nighean bheag air an tug iad Rhodina (no Rhoda) as dèidh a h-athar.  Cha robh iad an dùil gun lèireadh iad Ruaraidh Phàdruig a-rithist.

An uairsin, thachair rud iongantach. Thòisich e a’ tagradh airson cuideachadh, eadar ùrnaighean agus sailm, anns a’ Ghàidhlig. Tharraing seo aire dithis phìobairean le Gàidhlig a bha ag obair nan luchd-leighis, bha iad ga aithneachadh agus shlaod iad e air falbh gu cobhair mheidigeach. Thàrr e às beò, le lot a bhiodh na thaobh gu latha a bhàis ann an 1974. Bha e fortanach nuair nach robh sealbh cho math aig fada cus gillean òga Gàidhealach.  Chaill a bhràthair, Pàdruig, a bheatha aig Arras ann an 1917 (agus bha Ruairidh Phàdruig air a choinneachadh ron bhlàr anns na trainnsichean; nuair a leugh mi Highland River le Niall Guinneach, thug an sealladh le Kenn agus a bhràthair Aonghas buaidh mhòr orm air sgàth seo).

Bha còrr is 35,000 Gàidheal aig Blàr Loos ach chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd a thuit a’ bhuille – ann an Dùn Deagh, tha iad a’ fàgail “Dundee’s Flodden” air an tàmailt le uiread a chaill am baile uasal ud. http://www.dca.org.uk/whats-on/event/the-guns-of-loos

Ann an iomadh seagh, bidh mi a’ beachdachadh gu tric air mo bheatha agus a’ saoilsinn gu bheil mi air a bhith ri faoineas fad mo bheatha, ach tha mi taingeil gu Dia nach robh agam ri dearbhadh no deuchainn fhulang coltach ris na dh’fhuiling Ruairidh Phàdruig an latha sin. Ach, taingeil cuideachd gun deach a shàbhaladh. Cha bhithinn an-seo an-diugh agus cha bhiodh Clann Ruairidh Phàdruig air feadh an t-Saoghail, agus cha bhiodh mo cho-ogha Emma a’ tilleadh o Astràilia airson banais ann an Ùig an ath-mhìos. Gu dearbh, gus am bris an latha agus an teich na sgàilean, a chionn ’s gum bris an latha an-còmhnaidh.

Eoghan Stiùbhairt

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach