‘Am Buannaich Gàidhlig Cridhe Na h-Alba’ | Alasdair Paul

Chunnaic sinn uile ùpraid a lean foillseachadh suaicheantas dà-chànanach Phoileas na h-Alba. B‘ fhada on a bha mì-rùn mòr nan Gall beò ann an Alba – chan urrainnear a dhol às aicheadh sin. Ach, airson piseach a thoirt air gnothaichean, dh’fhaoidte gum bu chòir do Ghàidheil a bhith a’ cuimseachadh air cridhe na h-Alba, seach ceann na h-Alba, tha Alasdair Paul a’ cur far comhair.

B’e saoghal eadar-dhealaichte anns an d’fhuair mi m’ àrach anns na 60an is na 70an; saoghal far an robh sinn air ar cuartachadh le gràin-chinnidh. Cha robh ainm againn oirre is cha do ghabh sinn feart air, ach le bhith a’ coimhead air ais bha i ann – gun teagamh. Bha i anns na meadhanan;The Black and White Minstrel Show agus comaigean a’ tarraing às diofar chinnidhean. Bha e anns na h-ìomhaighean leis an robh sinn air ar cuairteachadh; Robertson’s Jam Golly Wog a bha na shuaicheantas do shanasachd na companaidh agus a bha ceithir thimcheall oirnn air crogain is postairean. Bha e fiù ’s anns an litreachas againn; Little Black Sambo; stòiridh a chaidh a leughadh dhomh grunn tursan le mo mhàthair. Chòrd am pìos dhen sgeulachd far an deach tìgearan nan ìm air sgàth cho luath ’s a bha iad a’ ruith gun sgot agam gun robh dad a cheangal aig an stòiridh le gràin-chinnidh; bha mi aineolach air a leithid de rud co-dhiù aig aois a ceithir. Agus bha e ann am briathrachas coitcheann nan daoine le ainmean mì-chneasta do chinnidhean eile gan cleachdadh gu cunbhalach. Nuair a smaoinicheas mi air ais thèid gaoir tromham.

Ach tha sinn beò ann an saoghal eile a-nis; nach eil? Tha cleachdadh nam faclan tàireil ud air seargadh gu mòr agus iad a-nis air am meas gu ìre mhòr neo-iomchaidh airson an latha an-diugh; agus nach math sin!  Ach dè mu dheidhinn ‘teuchter’; facal a chluinnear fhathast bho àm gu àm agus a tha a cheart cho tàireil nuair a smaoinicheas tu air na h-ìomhaighean a tha mar phàirt dhen fhacal. Ged nach eil buntanas aig an fhacal-sa le dath craicinn, tha le dìmeas eadar da chinneadh a tha a’ tàmh anns an aon dùthaich; sin Gàidheil is Goill na h-Alba. The cèist ìomhaigh nan Gàidheal am measg Ghall air a ceann a thogail a-rithist o chionn greis leis an ùpraid mu shoidhnichean rathaid agus heileacoptair ainmeil feachd poileas na h-Alba; dìreach mar a thachras a h-uile dà no trì bliadhna gu cunbhalach, agus gu do-sheachanta tha e coltach. Dhomhsa chan e ceist an airgid i fhèin a tha cho brìgheil ach na dòighean smaoineachaidh a thig am follais tron deasbad. ‘S ann coltach ri gàg ann an dama a tha a’ cheist, a leigeas a steach tuil de thàthagan às a dèidh. Leisgeul mar gum b’ eadh don fheadhainn a tha a’ sìor fheitheamh ri a leithid.

 

Schizophrenia na h-Alba

Tha na h-amannan truagha sin nan samhla den t-seòrsa ìomhaigh schizophrenic a tha againn mar Albannaich dhuinn fhèin. Tha sinn tuilleadh is toilichte suaicheantasan Gàidhealach a chur gu feum nan suaicheantasan do dh’Alba air fad leithid tartain, uisge-beatha is fèilidh. Ach nuair a thig e gu rud cho prìseil ri cànan, gun luaidh air an dualchas a tha air a chùl, carson a tha sinn cho deònach cur sìos air Gàidhlig tron Bheurla, a bha uair-eigin na chànan aig ar dubh nàmhaid? Ceart gu leòr tha e fada nas fhasa fèileadh a chaitheamh corra uair sa bhliadhna na cànan a thogail no an saothair a tha an lùib dualchais eadar-dhealaichte a thuigsinn.

‘S dòcha gur iad na rudan as miosa as motha a tha a’ nochdadh dhan Ghàidhlig: aineolas agus dearmad, agus cha dligheach dhomh cus a ràdh mu sin air sgàth gur ann air an aon ràmh a bha mi fhìn gus an do thog mi uidh anns a’ Ghàidhlig.  Ach tha rud nas mì-chneasta mun ghnothach mar a chunnacas leis an ùpraid mu dheireadh a tha a’ buntainn ri dìmeas agus fiù ’s, nuair a thig e gu cur sìos air dualchas dhaoine eile, gràin-chinnidh. ‘S math gu bheil sinn, a tha a’ cur taic leis a’ Ghàidhlig, deònach freagairt a thoirt dhan smodal, ach ma thathar ag iarraidh làmh an uachdair fhaighinn air nàmhaid, feumar tuigse a bhith ann air an nàmhaid.

Dè dìreach a tha air cùl nam beachdan tàireil don Ghàidhlig a tha nan laighe fo chraiceann cuid mhath de na h-Albannaich Ghallta? Gun teagamh ’s e eagal pàirt dheth; eagal ro rudan nach eilear a’ tuigsinn. Ach dhomhsa dheth tha poileataigs agus cumhachd nam pàirt cudromach de chuspair an dìmeis air daoine eile, rud a thèid a chleachdadh le ùghdarrasan airson na h-amasan aca fhèin a bhrosnachadh. B’ e sin a thachair gu follaiseach anns a’ Ghearmailt fo Hitler no ann an Afraga a Deas fo shiostam an Apartheit. Aithnichidh mi a-nis gun robh mi beò, làithean m’ òige, aig deireadh linn na h-ìmpireachd Breatannaich agus gur e sin as coireach gun robh gràin-chinnidh fhathast air a meas iomchaidh. Ma bhathar gu bhith a’ ruith cuid mhath dhen t-saoghal bho dhùthaich bheag, dh’fheumadh feallsanachd a bhith air cùl na h-iomairt. B’ e am feallsanachd sin gun robh daoine geala, agus gu sònraichte Breatannaich, os cionn càich anns a h-uile seagh.

 

Eachdraidh is Poileataigs an t-Suidheachaidh

‘S i a’ cheist a leanas bho seo; ‘Dè a’ phoileataigs a dh’adhbhraich gràin-chinnidh nan Gall Albannach an-aghaidh an nàbaidhean Gàidhealach mas e sin a th’ ann? Tha am fuasgladh na laighe fad às nar n-eachdraidh aig àm breith na h-Albainn nuair a bha diofar chinnidhean a’ strì airson sealbh na dùthcha gus an tàinig muinntir na Gàidhealtachd aghaidh ri aghaidh ri muinntir na Galltachd. Mar a tha fios aig a h-uile clann-sgoile ’s iad na Goill a fhuair làmh an uachdair; ach cha b’ ann gun strì fhada le iomadh car na lùib a thachair seo. Bho ghèill na Lochlannaich agus Rìgh Innse Gall do dh’Alba bha an dùthaich fo làn smachd Rìgh na h-Alba; mas fhìor. Ach feumar cuimhneachadh gun tèid eachdraidh a sgrìobhadh leis an fheadhainn a bhuannaicheas, agus ’s i an fhìrinn gun do dh’fhan cuid mhath dhen Ghàidhealtachd gu ìre mhòr neo-eisimeileach is i air a riaghladh tro chinneadas, rud a bha na dhùbhlan leantainneach do riaghaltas na h-Alba. Chunnacas gu soilleir toradh an t-suidheachaidh seo aig àm Aramach nan Seumasach.

B’ e neart nan Gàidheal an dualchas a bha na ghlaodh a chùm na daoine còmhla agus dìleas do na seann-dòighean is an cinn-chinnidh. Bha e fada na bu duilighe don riaghaltas Albannach buaidh a chosnadh an aghaidh dualchais seach armachd. Chan iongnadh e mar sin gun robh ùghdarrasan na Galltachd a’ sìor-fheuchainn ri cur sìos air dualchas nan Gàidheal. ‘S e dìreach aon eisimpleir a th’ ann an Reachdan Ì Chaluim Chille a chaidh nan lagh ann an 1609 is a thug air cinn-chinnidhean Gàidhealach an cuid cloinne a chur gu sgoiltean air a’ Ghalltachd far an ionnsaicheadh iad tro Bheurla is an creideamh Pròstanach, agus gan toirmeasg bho bhith a’ fastadh bhàrd no a’ tabhann aoigheachd mar bu ghnàth leotha. Agus tha fios againn uile air cho cruaidh ’s a chuireadh sìos air dualchas nan Gàidheal às dèidh Aramach nan Seumasach. B’ ann nuair nach robh cunnart ann tuilleadh bhon Ghàidhealtachd a ghabhadh os làimh suaicheantasan Gàidhlig nan suaicheantasan do dh’Alba, cha mhòr mar spùinn cogaidh. Ach lean an aintighearnas don chànan suas gu o choinn greis tro shiostam an fhoghlaim.

 

‘Mìle bliadhna de phropaganda’

Mar dhuine a tha feuchainn ri cùis na Gàidhlig a bhrosnachadh san sgìre agam fhèin tachraidh mi gu cunbhalach le aineolas is aig amannan gamhlas don Ghàidhlig; agus sin a dh’aindeoin gur e seo sgìre anns an robh Gàdhlig làidir agus muinntir an àite moiteil aiste. Tha e na chuideachadh dhomh aig na h-amannan sin a bhith mothachail don eachdraidh air cùl cur sìos na Gàidhlig; gum bi na daoine a tha ga bhrosnachadh a’ cur an cèill, gun fhiosta dhaibh, mìle bliadhna de phropaganda is mì-rùn a thugadh dhaibh thar ghinealaichean. Chan eil e air a bhith gu mòran feum dhomh argamaid a thogail mu rudan practaigeach mar an t-suim airgid a chosgar air Gàidhlig. Chan eil ann an sin ach bualadh claigeann air balla crèadha, an aghaidh bheachdan a tha cho righinn.

 

An Cridhe seach an Ceann?

Chan urrainnear cur às do rudeigin a’ chinn thar ùine mhòir ann am priobadh na sùla. Feumaidh sinn gabhail ris gur e rud a tha a’ dol gu smior na h-Alba agus nan Albannach agus gum bi e còmhla rinn greis fhathast; ach chan eil sin a’ ciallachadh gum bi gu bràth. Mur urrainn dhuinn an ceann a ruighinn ’s dòcha gur e an cridhe air am bu chòir dhuinn amas. Agus ma bhuannaicheas sinn an cridhe cha bhi airgead na chuspair cudromach tuilleadh. Smaoinich; nan robh ball de do theaghlach no dlùth charaid dhut tinn is am beatha an cunnart; dè chosgadh tu air leigheas? Chan e an t-airgead an rud a bhiodh air d’ aire. ‘S docha gur e fuasgladh, an àite a bhith a’ dol fodha ann an eabar an deasbaid mu airgead is figearan gum bu chòir dhuinn ìomhaigh na Gàidhlig a thogail is luach a’ chànain do dh’Alba air fad a chur an cèill. Ma thèid leinn ’s urrainn do Ghàidhlig a h-àite ceart fhaighinn ri taobh shuaicheantasan fior-choisrigte eile na h-Alba leithid caistealan, tartain, uisge-beatha is mar sin air adhart nach ghabh càineadh. (Nan rachadh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Caisteal Dhùn Èideann a leagail air sgàth nan cosgaisean an lùib a ghlèidheadh; smaoinich air an ùpraid a leanadh!) Nach eil Gàidhlig nas luachmhoire, gu dearbh, na càch leis gu bheil e stèidhichte ann am fìorachd an àite ìomhaigh romansach a tha an cunnart Brigadoon a dhèanamh de ar dùthaich.

‘S e cridhe na dùthcha duais na buaidh!

 

Share

2 fhreagairt do “‘Am Buannaich Gàidhlig Cridhe Na h-Alba’ | Alasdair Paul”

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach