Am Fear a Chuir Ruaig air na Speachan

Le ràith nan speachan a’ dlùthadh oirnn, seo duan mu ghaisgeach a chuir ruaig air na biastagan buaireanta seo.

Am faram a thàinig às a chàr
Am fear a chasgair na speachan
Chuireadh e clisg air na bodhair
Ceithir cuibhlichean cugallach
A’ bogadaich gu h-aighearach
Bho phoit-tholl gu poit-tholl
Aig astar a bha smuaineachail
An dustach ga sgaoileadh
Mar gur e treud sròine adharcaich

Bha na chraos còig fiaclan
Am fear a ruaig na speachan
Còig cnagan air siùdagan
A chrath leis a’ ghaoith
Nuair a dh’éirich a ghuth
Bho dhomhain, domhain na chom
Bhrùchd e a-mach mar gheum
‘Càit a bheil na biastagan buaireanta
leig leam greim fhaighinn orra!’

Air a smiogaid bha giorrach
Am fear a chreach na speachan
Air gach gaosaid rud ga bhioradh
Bracaist an latha roimhe
Dìnnear is lòn a’ bhòn-dè
Ghas fichead sa dhà gaisean
Air claigeann a’ ghaisgich
A’ fàs gach dàrna taobh dheth
Dath fa leth air gach tè

Bha caoch an clach a dhà shùl
Am fear a sgiùrs na speachan
A sgrùd gach nì ma thimcheall
Muinchillean aig uileannan truiste
M’ a ruighean dearg righinn rùisgte
Coille fhuilt ruaidh a’ cinntinn
Bho chraiceann dearg a ghàirdean
A’ ruith thar callaid phucaidean
Is broth de bhreacan-seunan

Na chrògan bha armachd
An duin’ a dh’oilltich na speachan
A chuireadh às do dh’armailt
Stuth ceimigeach is puinnsean
Buill-airm mheirgeach is acainn
Bus air aodann, sìnteag na cheum
Sìos an staran a thug e leum
A-steach leis do bhothan a’ ghàrraidh
Daingeann nan aoighean gun iarraidh

Thàinig cóig sgreuchan oillteil
Bhon fhear a sheas aig na speachan
Ceithir èighean grànnda; is sgal
Dhìosgail am bothan air a bhuinn
Dh’fhosgail an doras le srann
Sgaoil às smodan is salachar
Gaiseagan, eigeachan is stùr
Air an ruagadh le trì mìle speach
Agus an tòir orrasan, an t-àrmann

Bha dà cheud sa chóig gathan
An ceatharnach nan speachan
Nuair a dh’fhalbh e am bothan
Fallas na shruth far a bhathais
A dheàrrs mar thaigh-solais
Bho bheul; maoidheadh is màbadh
‘Thallaibh is na tillibh tuilleadh!’
A-mach an taobh bhon tàinig e
Theich e le turbhraich is bàinidh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach