Am Fear a Dh’ith an Saoghal Gun Sàsachadh

Dàn le Alistair Paul

Shuidh mi am measg nan goiriola
Air slèibhtean àrda Rwanda
Dh’fhairich mi an dàimh eadarainn
Mar chonaltradh eadar seann chàirdean
Bha mi mar an druim airgead
A’ toirt urram is spèis bhom threud
Ach, ’s e an aon rud a bha a dhìth
Nach robh ceò ann mar a bha sa movie

Ràinig mi Base Station Beinn Everest
Às dèidh sgrìob a bha gun choimeas
Tro sheann-teampaill is coilltean dathach
Thar clais air drochaidean cugallach
Bha sinn a’ triall tro chuan deighe
Air ar bogadh le dol fodha na grèine
Nuair ‘thuirt mi ri aon de na Sherpas
‘Am mullach a bhios agam an ath-thuras!’

Shìos fon mhuir, taobh thall an t-saoghail
B’ ann don Bharrier Reef a bha mi a’ siubhal
Am bad ‘bu ghrinne a chunnacas sa chuan
Far an tàinig na beathaichean bu bhòidhche cruinn
‘Measg èisg an àite a’ nochdadh am maise
Bu chreutair choimheach, chearbach mise
Chuir mi clisgeadh air na biastagan bochda
Is chuir sin stad orm bho faighinn faisg orra

Sheas mi aig mullach Machu Pichu
Mar a bhiodh am mòr-rìgh Pachacuti
Shìos fodham shìn an rìoghachd
Thar choilltean cha mhòr gun chrìoch
Tha dealbh dheth agam a-staigh
‘S e crochte os cionn an teilidh
B’ e an aona rud a mhill an sealladh
Na bha de luchd-turais air fheadh

Cha mhothaich mi don lus bhòidheach
‘S e a’ cinntinn ri taobh mo stairsich
Cha toir mi feart do ghàire mo chàirdean
No clann a’ cluich a-muigh sna sràidean
Bidh mo shùil an-còmhnaidh air an fhàire
A’ cnuasachadh an ath-euchd thar na fairge
Cuiridh mi mallachd air an uisge is a’ cheò
Is canaidh mi ‘cuin a gheibh mi’mach à seo?’

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach