Am Mooncup – dòchas don deargachd?

Le cead o Creative Commons

A nìghneagan ’s a mhnathan còire, na leigibh leis an taoim a dhol thairis air na reangain. Tha Morbheinn Mheinnearach a’ moladh faodail (a fhuair i ann am Boots an Òbain) a bheir faochadh dhuibh uile. A bharrachd air sin, tha i a’ toirt chomhairlean mu dheidhinn fuil mhìosail nam ban. 

Bha tonn uabhasach agam an t-seachdain sa. An seòrsa tonn a bhios gad shàrachadh fad na deireadh seachdaine. Bha planaichean agam  badmantan a chluich agus  coinneachadh ri caraidean airson deoch neo trì. Ach, cha b’ urrainn dhomh ach a bhith nam shuidhe neo nam chadal air an t-sòfa le hot water bottle agus teòclaid theth nam làimh. Chan e Bridget Jones a tha seo le Chaka Khan a’ cluich sa chùlaibh ach beatha mhìosail nam ban. Uill, dha cuid de bhoireannaich co-dhiù. Mar as àbhaist, bha agam ri cumail a’ dol nam shaoghal fhìn ri linn seachdain na h-obrach ach nuair a thàinig fois bha mi gun fheum. A bharrachd air teòclaid agus maraton chick-flick dè as urrainn dha boireannach dèanamh? Feumaidh gu bheil dòigh air choireigin ann don bhoireannach ùr-nòsach beagan cumhachd fhaighinn air ais dha a corp.

Uill a chàirdean, thàinig mi air rudeigin mìorbhaileach am measg na h-Always agus Tampax – am Mooncup. Mu dheireadh thall, tha beagan smachd agam air an rud do-smachdaichte a tha seo. Bha mi beagan eòlach air na Mooncupain nuair a chunnaic mi iad an latha ud ann am Boots an Òbain. Ach, cha do chreid mi gum biodh i cofhurtail, furasta ri chur a-steach neo, an rud as cudromaiche, glan. A chàirdean, ’s dòcha nach creid sibh seo ach ’s urrainn dhan Mooncup rud sam bith a dhèanamh. Tha i uabhasach cofhurtail, chan eil agad ris a’ Mhooncup atharrachadh ach uair san latha, tha i furasta ri chur a-steach agus bidh an neòinean agad cho ùr sa ghabhas. Chan e sin a-mhàin, ach mas e boireannach cruthachail a th’ annad ’s urrainn dhut do chuid fala a chumail airson dealbh snog a pheantadh! Feumaidh mi aideachadh a nigheanan, gum bi agad ri aithne mhath a chur air a’ phiseag agad agus thu ga cleachdadh.  Deagh chothrom nam bheachd-sa. A bharrachd air seo uile, tha am Mooncup fada nas fhèarr don t-saoghal againn. An robh fios agaibh gum bi am boireannach àbhaisteach a’ cleachdadh tuilleadh air 11,000 tubhailt-mhìosail ri a linn-sa? A thuilleadh air sin, gach bliadhna, thèid thairis air 45 billean aca a chur dhan bhiona.

Chan e duine ro ‘uaine’ a th’ annam-sa ach feumaidh gu bheil seo a’ toirt chòraichean bragaireachd dhuinn co-dhiù. Tha am Mooncup ag atharrachadh an t-saoghail againn. Am measg an Tampon Tax agus an Homeless Period, tha am Mooncup a’ toirt dòchas don deargachd. Tha cothrom againn stad a chur air cumhachd nan companaidhean mòra a bhios a’ dèanamh airgead às an doirbheachd againn. Chan eil agad ach Mooncup a-mhàin a cheannach agus sin thu deiseil airson nan deich bliadhna ri thighinn. Uaireannan, bhithinn a’ faireachdainn coltach ri cuideigin air chall am measg nan tonn seo a bhios a’ tighinn agus a’ falbh uair sa mhìos. Ach, tha soitheach beag sàbhailte agam a-nis, feuch soitheach beag dhut fhèin agus gabh smachd air an t-siltich agad.

FACLAN CUIDEACHAIDH

  • na leig leis an taoim a dhol thairis air na reangan – don’t let things go too far (don’t let the bilge water overflow)
  • faodail – a chance find
  • còraichean bragaireachd – bragging rights
  • deargachd – periods, menstruation
  • tonn – a bad period
  • silteach – period(s)
  • piseag – kitten, pussy; (seadh, tha sin ceart, “a’ phit”)

 

Le Morbheinn Mheinnearach

Share

4 thoughts on “Am Mooncup – dòchas don deargachd?

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach