An Abhainn Bhan-dhearg Bhuan, An Abhainn Shìorraidh

PF2

Tha Eòghan a’ dèanamh fiughair ris a’ chlàr ùr (agus deireannach) aig Pink Floyd – The Endless River.

Is iomadh rud a chì am fear a bhios fada beò. Agus ged nach eil mi air a bhith beò cho fada sin, ged a bha mi a’ faireachdainn aosta gu leòr aig a’ Mhòd, (agus buileach na b’ aosta as a dhèidh!), tha an dà bhliadhna seo air dearbhadh gu leòr a thoirt dhomh air fìrinn na h-abairt sin.

Tha mi air mo mhilleadh leis na laochain ciùil agam o chionn ghoirid; dà chlàr ùr aig Springsteen agus chunnaic mi beò e, Prince agus an dearbh rud, Runrig, agus o chionn mìos, an clàr sònraichte o Robert Plant Lullaby… And the Ceaseless Roar.

Sgrìobhaidh mi mu dheidhinn Mgr Plant latha eile ach tha e annasach gu bheil Plant a’ seinn air rudan buan, An Ataireachd Bhuan mar gum b’ eadh, air a’ chlàr ùr, oir is e bith-bhuantachd an dearbh rud a tha air aire Pink Floyd agus iad a’ tilleadh leis na tha iad ag ràdh anns a’ chlàr dheireannach aca – The Endless River – an ath-sheachdain.

Tha iad a’ cuimhneachadh air Richard Wright, am fear a bha a’ cluich meur-chlàr anns a’ chòmhlan bhon fhìor thoiseach, agus a chaochail le aillse craicinn ann an 2008. Thàinig e fhèin, Nick Mason air na drumaichean, an cluicheadair bass Roger Waters agus an seinneadair Syd Barrett còmhla ann an 1965 agus airson trì bliadhna, rinn iad ceòl gu math psychedelic mus do thòisich Barrett a’ fulang ri linn trioblaidean le shlàinte-inntinn, air an dèanamh na bu mhiosa buileach le drogaichean mar LSD.

An uairsin, thàinig Daibhidh MacGhilleMhoire (David Gilmour) a-staigh air a’ ghiotàr agus thug Roger Waters os làimh a’ mhòr-chuid dhe na liricean. Tro na seachdadan dhèanadh iad an dà shàr-chlàr aca mar chòmhlan, Dark Side of the Moon agus Wish You Were Here. An uairsin, dh’fhàs Waters ro chumhachdail agus ged a dhèanadh iad barrachd chlàran gu ruige The Final Cut (a tha cha mhòr na chlàr aon neach aig Waters), bha e coltach gu robh an còmhlan deiseil aig toiseach nan ochdadan nuair a dh’fhalbh Waters, is e fhèin air a h-uile duine a ruagadh ach Nick Mason.

Ach a-rèir coltais, cha robh sealbh aige air an ainm Pink Floyd agus bha e sgrìobhte ann an cùmhnant gum b’ urrainn don Floyd cumail orra gun esan nam measg. Chuireadh gruaim mhòr air Waters nuair a chuir MacGilleMhoire air dòigh Floyd aon uair eile airson dà chlàr stiùidio Momentary Lapse of Reason agus The Division Bell, agus dà chuairt mhòr de chonsartan an taic riutha, leis a’ chuairt mu dheireadh “Pulse Tour” am measg nan cuairtean consairt as soirbheachaile ann an eachdraidh. An uairsin, stad Floyd a’ clàradh agus cha do nochd iad beò a-rithist. Ach cha b’ e sin deireadh an sgeòil.

Chun a’ chlàir ùir, fear le tiotal freagarrach – The Endless River, An Abhainn Bhuan – Tha e stèidhichte air clàraidhean a rinneadh nuair a bha The Division Bell ga dhèanamh, pìosan gun ghuth sam bith air an cluich airson a’ mhòr-chuid le Wright o chionn còrr is fichead bliadhna. Tha Mason agus MacGilleMhoire air tilleadh thuca o chionn dà bhliadhna agus iad air pàirtean ùra a chur ris agus air an deasachadh mar phuirt cheart, le aon òran nam measg, Louder Than Words.

Tha rudeigin gu math Sasannach mu dheidhinn Floyd, ach rud a tha a’ dol fada air ais gu Seann Shasainn, Sasainn nan daoine, Sasainn dhùthchail – mus deach i na dùthaich air a truailleadh le UKIP, mòr-rathaidean agus ball-coise a’ Phremiership. Tha Floyd a’ toirt dhuinn samhail de sheann Shasainn, Sasainn Watership Down, Solomon Grundy, Dad’s Army, Dick Turpin – neo-eisimeileach o innleachdan na h-Impireachd, an seòrsa de Shasainn a bhiodh na dheagh charaid do dh’Alba nam b’ urrainn dhuinn a bhith nar dà dhùthaich fa leth agus saor o dhroch bhuaidh Lunnainn.

Tha ceòl Floyd làn de bhriathran agus theachdaireachdan mu dheidhinn dìth chonaltraidh – ge b’ e cò bha aig stiùir a’ chòmhlain, bha an dìth conaltraidh eadar na buill nochdte anns na h-òrain aca. Gu dearbh, sgrìobh Waters an sàr-obair aige, The Wall, mu dheidhinn cuideigin a’ togail balla litearail agus samhlachail eadar e fhèin agus an saoghal. Leig Pink Floyd air fad leis an dith chonaltraidh seo an gnothach a mhilleadh dhaibh, fiù ’s on toiseach nuair nach tug iad cuideachadh do Syd oir cha robh e ag innse dhaibh dè bha ceàrr.

Ach tha Floyd, a dh’aindeoin gach mì-thuigse agus dol-a-mach, comasach air an cridhe a thogail le ceòl àlainn, grinn. Bhiodh Wright a’ toirt dhuinn blàths le mire a chorragan air piàna, organ is meur-chlàr agus thèid cleasan MhicGhilleMhoire air a’ ghiotàr aithneachadh sa bhad. Tha an t-ainm sin air an òran ùr, Louder Than Words, ag innse mòran mar a dhèanadh an ceathrar Shasannaich seo conaltradh – tron cheòl aca.

Cha chuala mi fhathast an clàr air fad ach tha fiughair agam ris. Bha fathannan ann an-còmhnaidh mu dheidhinn nan clàraidhean seo, gum faiceadh iad solas na grèine latha brèagha air choireigin, ach b’ e iongnadh nan iongnadh a bh’ ann nuair a thàinig iad còmhla aon uair eile aig Live 8 ann an 2005 agus Waters nam measg. Bha iad uile air tighinn gu rèiteach mu dheireadh thall às dèidh còrr is fichead bliadhna gun a bhith a’ bruidhinn ach tro luchd-lagha airson cur an aghaidh bochdainn. Chuimhnich iad air Syd Barrett an oidhche ud nuair a chluich iad Wish You Were Here, tachartas sònraichte airson duine sam bith a bha ann air neo a bha ga choimhead air an TBh. Bha e comasach dhaibh faighinn seachad air trioblaid le bhith a’ bruidhinn – bho Dark Side of The Moon agus Speak To Me, gu The Division Bell agus Keep Talking – sheall iad an cumhachd a tha ann an còmhradh.

Fhuair Syd bochd am bàs cha mhòr bliadhna on oidhche sin. Ach thug esan fo-sgrìobhadh, air neo post-script sa chànan eile, gu math freagarrach dhan chòmhlan a thòisich e. Chaidh consairt cuimhneachaidh a chur air dòigh dha. Nochd Waters anns a’ chiad phàirt den chonsairt a’ cluich mar aon-neach. Anns an dara leth, chuir an triùir eile crìoch air an oidhche mar Pink Floyd, a’ cluich òrain Syd, agus a’ cluich còmhla airson na bhiodh an t-àm mu dheireadh. Cha robh sgeul air Waters. An robh cùisean air fàs mì-thoilichte eatorra a-rithist?

Cha robh. A-rèir coltais, cha robh fios aig Waters gun robh an triùir eile a’ dol a chluich chun a’ mhionaid mu dheireadh agus bha aige ri cuideigin a thogail on phort-adhair agus cha robh rathad aige fuireach. Mar sin, thàinig sgeul Pink Floyd mar chòmhlan beò gu crìoch gu math freagarrach, crìoch air a chomharrachadh le dìth chonaltraidh.

Bidh ceòl Pink Floyd againn gu bràth; bidh an Abhainn Bhan-dhearg a’ sruthadh gu siorraidh.

– Eòghan Stiùbhart

Share

4 thoughts on “An Abhainn Bhan-dhearg Bhuan, An Abhainn Shìorraidh

  1. Abair deagh artaigil Eòghainn! Tha mi ag aontachadh riut gu tur. Dhomhsa cuideachd, tha Pink Floyd nan samhla den a h-uile rud a tha math mu Shasainn! Sasainn Radio 4 is Rupert Bear. ‘S e Animals fear de na clàran as fheàrr leam air an t-saoghal agus chan fhaca mi riamh bhideo cho math ri Pink Floyd live at Pompeii.

  2. De do bheachd air a’ chlar a-nis Eoghainn? Tha mi eadar da bharail mu dheidhinn. Tha cuid dheth fior, fior mhath – It’s What We Do, Allonz y, Talkin Hawkin is rudan mar sin ach tha cuid den stuth car coltach ri ceol lioft! B’ fhearr leam gun robh barrachd giotar trom ann bho MhacIlleMhoire.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach