An Clag | 1919-2019

Tha Eòghan a’ coimhead air Call na h-Iolaire a thachair ann an uairean beaga na maidne air La na Bliadhn’ Uire 1919

A-nochd ann an Ùig tha dusan lanntair a’ soillseachadh ann an dubh na h-oidhche – deich airson nan fear nach do thill agus a dhà dhaibhsan a tharr às beò. Sa bhaile seo fhèin, Cradhlastadh – Cradhlastadh na h-Ataireachd Àird, a bha stèidhichte air malairt agus maighstireachd na mara – bhàsaich sianar – Eòghain Sheòrais am fear a b’ òige dhiubh aig 18; Murchadh Bheag Dhòmhnaill ’Ic Mhurchaidh; Calum Ruadh Dhòmhnaill Nèill co-ogha mo shinn-seanmhair; Aonghas ’Ain Dhuibh; Pàdraig Dhòmhnaill Chaoil; agus am fear a bu shine, Iain Aonghais Mhòir a bha 45 agus a bha na athair do bhanntrach bràthair mo sheanar, Seonag, a rugadh sia seachdainean às dèidh dha h-athair bàs fhaighinn.

Ann an Ùig, bidh sinn a’ cumail ar cuimhneachan air an dàra latha den Fhaoilleach o chionn ’s nach d’ ràinig an naidheachd gu Ùig nam Beann gus an latha ud. Ach mar a h-uile coimhearsnachd, bidh sinn a’ cuimhneachadh air na balaich sin a fhuair bàs airson adhbharan nach bi soilleir gu bràth – droch shealbh, droch shìde, droch fhortan – ge b’ e dè bh’ ann, thèid an sgeulachdan innse air beulaibh an t-sluaigh agus nì e slànachadh air choireigin air an t-seann leòn.

Cha robh call na h-Iolaire co-ionnan ri sileadh fala a’ Chogaidh Mhòir. A dh’aindeoin gach bruidealachd, gach balach òg a fhuair bàs, gach blàr gun trocair gun, dh’fhaodadh daoine ciall air choireigin a dhèanamh às. Airson math no dona, tha an comas aig inntinn clann-an-duine rudan uabhasach, oillteil a rèiteachadh – bha cogadh ann, agus an cois cogaidh, thig bàs. Tha sin soilleir gu leòr, ach leis an Iolaire, cha b’ urrainn dhaibhsan a bha gam fàgail beò ciall a dhèanamh den tamailt a dh’fhuiling an t-eilean air fad. Iadsan a thill, dh’fhalbh tòrr dhiubh on eilean co-dhiù. “Taigh-faire airson daoine beò” mar a bha aig an Ùrr. Iain MacLeòid.

Nuair a thàinig mi gu tìr a-raoir, chaidh mi a-null “Sheòl an Iolaire” fhaicinn. Mise agus dà fhichead duine eile co-dhiù on bhàt’-aiseig. Na Solais, simplidh agus druidhteach, a sheasas airson mìos eile, ann an cruth a’ bhàt’, a chaidh an dealbhadh le Torcuil Crichton agus mo cho-ogha, Calum MacIlleathain – fear às an Rubha, fear à Ùig – an t-eilean aonaichte anns a’ chràdh agus anns an t-sàl. An Ataireachd Àrd, gun mhuthadh, gun truas.

Ach trì cairteal na h-uarach roimhne sin, bha mi nam sheasamh air deic a’ bhàt’-aiseig ag amharc air solas uaine a’ prìobadh san dorchadas.

Ri mo thaobh bha triùir bhràithrean nan seasamh a’ dèanamh an dearbh rud ’s sinne a’ dol seachad air na Biastan – chan eil fhios agam dè bha iad a’ smaoineachadh ach chuirinn geall gun robh iad a’ smaoineachadh air cho faisg ’s a bha iad air a’ chladach, agus mar mi fhìn a’ smaoineachadh gun robh e caran suarach a bhith a’ smaoineachadh air dè cho fada ’s a bha loidhne a’ chanteen leis a’ bhàta cho trang. Fhuair mi a-mach na b’ fhaide air adhart nuair a bha sinn a’ feitheamh airson a dhol air tìr, gur ann à Earra-ghaidheal a bha iad. Bha an seanair air tighinn às beò.

Mhothaich am fear a b’ òige dhiubh ris na camain na mo làimh, a’ tighinn a-null gus cluich anns a’ gheam chuimhneachaidh a bhios ann eadar Leòdhas agus Ceann Loch Seile, an sgioba a bhios a’ riochdachadh Caol Loch Aillse, air Là na Bliadhn’ Ùire ann an Steòrnabhagh. Beachd-smuain a thug Dòmhnall MacLaomainn, an craoladair Gàidhlig gu buil – mar a thuirt e fhèin, a’ caoidh, a’ cuimhneachadh ach a’ cluiche an spòrs a chaidh a thoirt bhuapasan nach d’ fhuair an cothrom an iomain Challainn a chumail suas a-rithist. Rud a bha ceart cho nàdarrach ann an Leòdhas ’s a bha e anns a h-uile ceàrn Gàidhealach eile aig an àm. Chaidh barrachd na beathannan a chall an oidhche, chailleadh cultar agus cleachdaidhean is cothroman is cànan.

Bha mo mhàthair ag innse dhomh mun uair a chaidh a toirt suas sna Guides dhan Talla Drill ann an Steòrnabhagh sna seachdadan. Cha robh for aice carson a bha ise ’s a caraidean ann, ach ’s e taisbeanadh a bh’ ann mun Iolaire a’ sealltainn a’ chlaig a bha air ùr-thogail o ghrunnd na mara. Dh’fhaighnich i dha h-athair nuair a thill i dhachaigh dhan mhansa carson nach robh i air cluinntinn mu dheidhinn roimhe. Bha am freagairt aig mo sheanair ag innse dhi tòrr. “Cha robh daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn.”

Anns a’ bhalbhachd sin a dh’fhuiling ar sluagh cho fada, ro fhada. Agus ann am balbhachd, thèid cròn a dhèanamh agus thèid slànachadh is leigheas a bhacadh. Chunnaic sinn o chionn dà mhìos ann an Leòdhas dùsgadh mòr a thaobh na h-Iolaire, ealain, ceòl, dannsa, spòrs. Tha na còmhraidhean sin deatamach gan slànachadh againne. Ma tha sinne airson tìr fhallainn, Ghàidhealach, bheàrtach a thogail, feumaidh sinn na còmhraidhean a chumail, ach feumaidh sinn gluasad air adhart, a’ togail air na gnothaichean sin, mar a thuirt Dòmhnall, a’ caoidh is a’ cuimhneachadh ach a’ cluiche. Tha na rudan sin cho cudromach airson ar n-eileanan agus ar cultar agus gu dearbh ar cànain. Feumaidh sinn an t-àm ri teachd a chaidh a thoirt bho na daoine sin a dhèanamh dhuinn fhèin agus dhar dùthaich agus dhar chloinne.

A’ leughadh seo air ais dhomh fhein, tha mi a’ tuigsinn fhacail Anna Frater cho math ’s a bha mi riamh

“agus tha mo chridh’ a’ tuigsinn

barrachd na mo chlaisneachd;

’s mo shùilean a’ toirt a-steach

barrachd na mo chluasan.”

Ach chan eil agam ach faclan a-nochd airson seo a chur an ceill, chan eil agam ach an clag beag agam fhein. Tha an clag sin againn uile. Tha an cultar againn fhathast. Tha an cànan againn fhathast a dh’aindeoin gach càs is gach innleachd. Feumaidh sinn an clag sin a sheirm, feumaidh sinn a sheirm gu h-àrd. Gus am bris an latha agus an teich na sgailean.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach