


Seo agaibh rabhdaireachd a sgrìobh mi mu cheist an fhearainn. Ach chan e ceist an fhearainn sa Ghàidhealtachd, ach ceist fearann Phaileastain ris a bheil an ramaghall bhàrdachd seo a’ buntainn. Nam biodh ceist an fhearainn sa Ghàidhealtachd aig a h-àirde fhathast, nach ann a bhiodh daoine a’ coimhead air muinntir Phaileastain agus na Gàidhealtachd mar dà shluagh air an aon ghad? (Steaphan)
An Clàr-dubh
Ochòin, a Phaileastain!
Tha sibh fo chuing ana-tighearnas luchd an t-sainnt, na ruite ’s an fhòirneirt.
Air ur guailnean tha slabhraidhean, a th’ air an crathadh dhibh uair is uair, ach a bhios ag èaladh suas oirbh a-rithist ’s a-rithist, mar shnàithlean snàigeach neo-shaoghalta.
A mhuinntribh Phaileastain, tha sibh a rèir coltais is cunntais, caidreachail carthannta thar na còrach – cha ghabh ceann-fodh’ a chumail ribh.
Cha mheataich sibh ro làmhachas làidir luchd nam breug ’s na h-aingidheachd oir, ’s e sluagh sìtheil, suairce a tha annaibh.
Gidheadh, tha sibh ag èigheachd le cràdh airson cobhair tèarainteachd a dh’aisigeas gu saorsa sibh, a spìonas bhon daorsa sibh – agus tha fhios nach e sin a th’ air a thairgsinn dhuibh.
Is e meanglain dhearcan-ola a thathar a’ sìneadh thugaibh – meanglain gun a’ chrann, gun cheangal ris an fhonn, ’s mar sin, gun a’ bhrìgh a tha a ghnàth a’ ruith trompa.
Tha a’ chrann air a dèanamh ’na bòrd a-nis, mu an suidh fir nan deiseachan dubha.
Tha am bòrd fo uallach mheasan, ghlasraich, feòla, arain, fìon’ is uisge – agus thathar gur fiathachadh, a mhuinntribh Phaileastain.
Their iad ribh gur “sibhse na coigrich. Tiugainn agus suidhibh air an talamh fon bhòrd seo, ach an cluinn sibh ar còmhradh.”
Agus, thig luchd-freastail chun a’ bhùird chum gach riarachadh a thoirt dhaibh; agus bidh iad uile ’nan suidhe mu bhòrd na craoibh’ a chaidh a spìonadh bhuaibh – gach aon ac’ air cathair.
Bidh iad ag ithe arain is dhearcain-ola a thàrmaich a’ chraobh a chaidh a leagail gus an clàr-dubh fhèin a bhuileachadh oirbh agus orra fhèin.
A dh’aindeoin seo uile, a mhuinntribh Phaileastain, cumaibh ur cridhe ri dòchas.
Bidh biadh a’ grodadh is fiodh a’ breòthadh uaireigin.
le Steaphan MacRisnidh