An Crònan agus An Ataireachd Bhuan | Robert Plant

PERCY“Is fhada on a rinn sinn ròc agus ròl?” Tha Eòghan a’ toirt luaidh air a ghaisgeach ciùil, Robert Plant, a tha air tilleadh le clàr ùr, Carry Fire. 

Nuair a bha mi òg, bhiodh na faclan Led Zeppelin a’ brosnachadh smuaintean air sgàil dhorch air taobh sear Loch Nis, ceangailte ri buidseachd Bhoth Fhleasgainn agus an seann taigh a bha air a bhith le Jimmy Page airson grèiseag.

Cuideachd, bha seòrsa de chuimhne agam air Jimmy agus Robert Plant a’ cluich rudeigin faramach agus cèin air Top Of The Pops aon oidhche Haoine (26mh den Mhàrt 1998) ach cha robh mo chluasan idir deiseil airson an leithid de cheòl ceart.

Bha mo chuairt ann an ceòl a’ leasachadh beag air bheag cho fad ’s gun robh mi aig an oilthigh, agus dh’fhàs mi eòlach air rap, reggae agus ceòl mòr na Waterboys agus U2 – ach ’s e Zep a bha a’ feitheamh orm.

Cha b’ ann gus a bha mi air tilleadh o Shabhal Mòr Ostaig gun tug mi an aire gu beartas ceòl Zeppelin. Tha Zeppelin a’ còrdadh glan rium ach gu neonach, ’s fheàrr leam an ceòl a tha aig an t-seinneadair aca, Mgr Plant fhèin

Ath-chuairteachadh, ath-chrùthachadh, ath-chleachdadh, ’s e sin an cleas aig “Percy”, fear a bha uair na “dhia òr” ach tha a-nis na mheirleach ciùil, na phioghaid, a’ cumail eachdraidh cheòlmhor beò eadar beanntan Cuimrigh, Inbhir Mhississippi agus fàsaichean Thimbuctu.

Bidh mi a’ tilleadh a-rithist is a-rithist dhan chèol aige. Bha an cuairt-obrach aon neach aige a’ tighinn gu buil nuair dhealaich Led Zeppelin as dèidh John Bonham bàs fhaighinn (agus mac Phlant, Karac, caochladh aig aois òg). Bha mòran aige ri obrachadh a-mach agus tha sin follaiseach anns na clàran a thàinig troimhe.

Cha do tharraing e gun smal às na h-ochdadan. Tha Pictures at Eleven agus Principles of Moments glacte eadar a bhith a’ feuchainn a bhith gu tur diofraichte o Zep, gun  a bhith cìnnteach buileach dè tha e ag iarraidh a dhèanamh na àite.

Ach aig deireadh Principles, tha an t-òran as fheàrr leam a’ feitheamh orm – Big Log – duan a bhios a’ bruidhinn ri duine sam bith a dhràibh tron oidhche airson leannan fhaicinn, a’ cur an cèill tro ìomhaighean is fhaireachdainnean.

Tha na clàran a thàinig tro na h-ochdadan is na naochadan, as dèidh droch cheum Shaken n Stirred (far a bheil e a’ feuchainn air cleasan Phrince gu mì-shoirbheachail), a’ tilleadh beag air bheag do dh’fhreumhan cruaidh Zep, le Now and Zen, Manic Nirvana agus Fate of Nations a’ toirt seachad iomadh rudan inntinneach, ged nach eil iad uile gu lèir soirbheachail, agus bhiodh e mu dheireadh thall a’ tighinn còmhla le Jimmy Page airson UnLedded ann an 1994 agus Walking Into Clarksdale ann an 1998.

Bha seo glè phurgaideach dha, thuig e nach robh feum ann a bthih a’ tilleadh dha na seann làithean agus thill e as ùire le Dreamland ann an 2002 – cruinneachadh de chòmhdaichean agus stannardan gorma – agus mu dheireadh thall, bha sinn a’ faighinn faireachdainn de neach-ciùil, de neach-ealain, aig fois leis fhèin, le eachdraidh, le dhileab is leis an àm ri teachd aige.

’S e Dreamland a’ chiad chlàr aige a ghlac m’ àire, ach ’s e an ath fhear a ghlac mo cridhe agus dham bi mi a’ tilleadh uair as dèidh uair as dèidh uair – Mighty ReArranger – tha e a’ seasamh ri Led Zep IV ann an doimhneachd, leudachd agus neart – bha Plant air a dhol gu Mali agus Tinariwen a chluinntinn agus bha na Guirm Thuareg a’ srùthadh tro chùislean a’ chlàir. Mochtar agus Dùghall Ceòl Meatailt. Chunnaic mi beò e còmhla ris The Strange Sensation aig Barrowlands ann an 2005 agus bha e cho math ri James Brown, Prince no Donnie Rothach. Cha robh e na dhia òr tuilleadh, bha e nas coltaiche ri sìthiche liath, làn spòrs agus mire, gar toirt air turas tro Thir nan Òg.

An uairsin, choisinn e cliù as uair le Raising Sand, far an tàinig e còmhla ri Alison Krauss airson clàr snog a reic na milleanan ach nach eil cho buadhmhor ri linn sin, ach tha e a’ toirt nam chuimhne tachartas àraid nam bheatha a bhios a’ fuireach nam chuimhne gu bràth.

Bha mi uaireigin nam chadal ann an càr mo mhàthar, a’ dol mu dheas thar Druim Uachdair. Dhùisg mi ann an dubh na h-oidhche, le solais an rathaid a’ boillsgeadh romham. Bha mo shùilean a’ faireachdainn dearg is sgìth le mo leansaichean air a bhith ann ro fhada, agus shaoil mi an uairsin gum bu mhath leam Big Log le Robert Plant a chluinntinn. Sa bhad sin, thàinig tionndadh le Union Station air an radio, tro phrògram Iain MhicAnndrais, agus Alison Krauss ga sheinn. Fhreagair cuideigin mo thoil, air neo an e Freastal a bh’ ann, no rùn no roghainn no rudeigin eile? Co-dhiù, thàinig iad còmhla bliadhna no dhà as dèidh sin – ’s mathaid gun robh am Mighty ReArranger fhèin ag èisteachd.

Ged a bha Zep air tighinn còmhla ann an 2007 agus dh’fhaodadh iad air fortan a dhèanamh le turas mòr sgreamhail, theich Robert  air an  àrd-rathad air ais a dh’Ameirigea leis fhèin as dèidh sin, agus chaidh e na b’ fhaide air ais na Led Zep fhèin, le Band of Joy ann an 2010 – clàr làn chòmhdaichean a bha a’ tarraing brosnachadh o na còmhlanan anns an robh e mus d’fhuair e fòn o Jimmy. Tha an clàr sin a’ còrdadh rium nas motha na làithean-sa ach bha fadachd orm airson an fhuaim a rinn e còmhla ris The Strange Sensation.

Thàinig sin gu buil ge-tà nuair  a thàinig a’ mhòr-chuid den luchd-ciùil sin còmhla fo bhratach The Sensational Spaceshifters, agus thug iad dhuinn Lullaby… and the Ceaseless Roar ann an 2014.  “An Crònan agus An Ataireachd Bhuan” – tiotal a chuireas an cèill an dà thaobh de Phlant – samhchair agus faram, tairneanaich agus tost – liricean meachair agus ceòl toinnte. Thàinig e thugam aig àm far an robh feum air, agus suidhidh mi sa chàr gus am bi Rainbow no A Stolen Kiss deiseil uair sam bith.

Nuair a bha mi a’ teannadh air seo a sgrìobhadh, agus bha mi airson alt a sgrìobhadh, thug an lèirmheas eireachdail seo cuid mhath de m’ fhaireachdainn agus chuir e ann an cèill na b’ fheàrr nam b’ urrainn dhomh fhèin. Is fhiach e leughadh agus is fhiach e èisteachd gu dlùth ri Carry Fire, an clàr ùr aig Robert. Tha e a’ leantainn gu dlùth ris na thàinig roimhe agus airson fear a tha cho ainfhoiseil agus a’ sìor-ghluasad air adhart, tha sin àraid, ach tha e a’leudachadh air an fhuaim agus a’ dol nas doimhne ann an ciaradh a làithean gu àite far a bheil e riaraichte agus riasgail – am bodach glic air mullach càrn an rìgh, a’ toirt dhuinn seanchas o Thir nan Òg uair eile, a sheachnaich an àradh gu Neamh airson a shlìghe shona fhèin.

Robert Plant, ’s e siud an Leòghann Aigeannach, mo dhùrachd dha gun èirich.

@eoghanuig – Instagram

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach